Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Suidh air ais is gabh anail le Clàr Foghair BBC ALBA

10 Sultain 2021

Tha BBC ALBA an-diugh (10 Sultain) a’ foillseachadh clàr foghair làn phrògraman ùra le sgeulachdan brosnachail is togarrach, cuairtean air a’ bhlàr a-muigh agus cuid den cheòl beò as fheàrr a gheibhear ann an Alba.

Tha SpeakGaelic na phrògram ùr a chuireas fàilte air dòighean ionnsachaidh ioma-mheadhain, ag amas air fìor luchd-tòiseachaidh agus iadsan a tha air rud beag misneachd a chall sa chànan, agus cuiridh e taic ri ginealach ùr agus èasgaidh de luchd-labhairt Gàidhlig.

’S i a’ phearsa TBh agus rèidio Joy Dunlop a bhios aig ceann SpeakGaelic, còmhla ris an rionnag air-loidhne – a tha aithnichte son a bhith a’ snàmh anns gach àite – Calum MacIlleathain.

Tha seallaidhean iongantach na h-Alba rim faicinn ann an iomadh sreath ùr air BBC ALBA as t-Fhoghar: An dèidh dhi an NC500 agus an Wild Atlantic Way a dhèanamh, tha Anne Lundon a’ siubhal a’ Chuain Sgìth, is i a’ coinneachadh ri na daoine dha bheil An Cuan Sgìth mar dhòigh beatha agus beò-shlàinte.

’S iad sgeulachdan dhaonna a tha aig cridhe clàr BBC ALBA, leis an dràibhear railidh òg à Leòdhas, Màiri Ross mar theisteanas air an sin. ’S e tha san amhairc do Mhàiri ach cead-draibhidh de gach ìre fhaighinn – motor-baidhg, bus agus a-nise HGV. Sin uile, is i na màthair ùr. Faic mar a thèid dhi ann am Mach às mo Rathad / Born to Drive. Ann an Afro-Gàidheil / AfroGaels, bidh Cass Ezeji a’ coimhead air na tha ‘Gàidheal’ a’ ciallachadh do dhaoine eile aig a bheil an dearbh dhualchas Afraganach agus Caraibeach a th’ aice fhèin.

Bidh an t-sreapadair Coinneach MacFhraing a’ sealltainn a chuid dhealas airson nan àitichean as iomallaiche ann an Alba, is e a’ toirt sealladh orra bho chreagan casa na dùthcha ann an Dàna | Scotland’s Wild Side.

Tha Ratharsair gar toirt air chuairt eilean a tha a cheart cho mòr ri Manhattan, ach le nas lugha na 200 daoine a’ fuireach ann, a’ toirt sùil air an dà chuid na dùbhlain agus na cothroman a tha ron choimhearsnachd agus tha Ramsay MacMhathain a’ tilleadh uair eile airson sealltainn dhuinn ciamar a gheibh sinn Mach à Seo bhon stairsnich againn fhèin.

Bidh Seumas MacLetchie a’ toirt luchd-coimhid air turas iasgaich inntinneach agus eachdraidheil tro fhìor-uisgeadan nan eilean, is e a’ trusadh dualchas an dreuchd aige fhèin ann an Trusadh: The Ghillie’s Story, fhad ’s a the Evelyn Coull a’ rùrach tro thobhtaichean agus bailtean falamh an Eilein Fhada ann an Trusadh: Beatha air an Oir / Lost Villages, is i a’ toirt sùil às ùr air na beathannan a bha ann agus na teachdaireachdan a bhiodh aca dhuinn san latha an-diugh.

Tha Gàrraidhean Mòra na h-Alba/Scotland’s Gardens a’ toirt luchd-coimhid air cuairtean beaga snoga – mun cuairt ceithir gàrraidhean poblach, nam measg Gàrraidhean Botanaigeach agus Gàrradh foirmeil Iapanach le eachdraidh air leth inntinneach. ’S ann ann an Dùn Èideann a tha Cathy NicDhòmhnaill airson sùil a thoirt air an fhìrinn air cùl an fhicsein anns an nobhail aithnichte aig Muriel Spark, Sàr-Sgeòil: The Prime of Miss Jean Brodie.

Tha Golf: Mun Cuairt Alba gar toirt dha na h-àitichean dìomhair agus feadhainn nas aithnichte ann an saoghal a’ ghoilf ann an Alba, agus cluinnidh sinn bho chluicheadairean de gach aois, le criomag no dha bho na proifeiseantaich cuideachd. Ged nach fhaigh Seòid a’ Chidsin / The Kitchen Coves air siubhal gu dùthchannan cèin cus sna làithean-sa, faodaidh iad feuchainn air cuid den bhiadh aca ath-chruthachadh, a’ toirt luchd-amhairc air chuairt air feadh an t-saoghail bhon chidsin aca fhèin.

Thèid dùbhlain na h-àrainneachd a sgrùdadh anns an t-sàr phrògram Eòrpa, a bhios a’ coimhead gu mionaideach air cùisean làitheil a bhuineas rinn uile, agus co-labhairt mòr na gnàth-shìde aig na Dùthchannan Aonaichte, COP26, a’ teannadh air Glaschu, agus bidh CBBC ALBA a’ cur air bhog prògram ùr Uaine / Green a bheireas dhuinn sealladh nan òg air a’ chùis, agus croitear Dòmhnall ‘Sweeny’ MacSuain, a tha aithnichte airson An Lot, a’ faighneachd dè ’s urrain dha-san a dhèanamh airson na h-àrainneachd ann an Mac ’S Uaine / MacSween Goes Green.

Gheibh iadsan a tha dèidheil air ceòl taghadh air leth le ceòl bho fhèis TRNSMT ann an Glaschu, am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis agus cuairtean iar-deireannach bho BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year. Bidh Julie Fowlis aig ceann sreath eile de phrògraman a fhuair breith anns a’ chiad ghlasadh, le tuilleadh Julie Fowlis | Ceòl aig Baile, anns am bi sàr-roghainn de cheòladairean traidiseanta bho air feadh na dùthcha; Inbhir Nis, An t-Eilean Sgitheanach, Mùideart agus Glaschu. Mur nach biodh gu leòr an sin, tha sreath sònraichte eile ann de cheòl traidiseanta, le Julie Fowlis a’ tilleadh uair eile airson rùrach tron tasglann de sheiseanan iongantach a thug rionnagan ceòl-dùthcha agus traidiseanta còmhla ann an Transatlantic Sessions: Dlùth an Dàimh.

Air clàr chloinne BBC ALBA, bidh sreathan ùra Alba Eagalach, a bhios a’ leantainn dòrlach phreseantairean treun is iad a’ siubhal a dh’iomadh àite a tha aithnichte airson an cuid eachdraidhean inntinneach agus eagallach, a thuilleadh air dealbhan-beò air leth leithid Pompon Am Mathan Beag agus Na Dàna-thursan aig Tintin.

Tha BBC ALBA na dhachaigh airson spòrs nam ban ann an Alba, le susbaint bho Chuairtean Dearbhaidh Cupa Cruinne nam Ban FIFA, Lìog nam Ban Albannach, iomairt nam ban Albannach Cupa Rugbaidh na Cruinne a ruighinn, a thuilleadh air a’ phrògram sheachdaineil iriseach Women’s Sport 360, a tha ri fhaotainn air BBC iPlayer agus YouTube BBC ALBA.

Airson a’ chiad turas a-riamh, thèid Cuairt Deireannach Cupa na Camanachd a shealltainn beò air BBC ALBA air Disathairne 18 Sultain.

Faic Clàr an Fhoghair an seo.