Mu LearnGaelic

English / Beurla

Mu LearnGaelic

‘S e LearnGaelic a’ chiad àite do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

LearnGaelic

Thig gu làrach-lìn LearnGaelic airson tuilleadh fiosrachadh.

Mu LearnGaelic

On a chaidh a chur air bhog ann an 2011, tha fèill air a bhith air LearnGaelic le luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus tha na goireasan uile-chùiseach ionnsachaidh agus cànain tha ann ag amas air taic a thoirt do luchd-labhairt aig gach ìre. Air an làrach-lìn, tha fiosrachadh mu dheidhinn chùrsaichean a tha gan ruith air feadh Alba, agus nas fhaide air falbh. Tha goireasan feumail ann, leithid faclair agus co-fhaclair, a fhreagras air duine sam bith le ùidh anns a’ Ghàidhlig.

A bharrachd air seo, tha susbaint ann a bheir taic do luchd-ionnsachaidh de gach ìre. Gheibh luchd-tòiseachaidh taghadh de chùrsaichean air-loidhne a tha saor an-asgaidh, liostaichean briathrachais agus taic a thaobh aibideil Gàidhlig na h-Alba, agus stiùireadh fuaimneachaidh cuideachd. Gheibh luchd-ionnsachaidh aig ìrean nas àirde susbaint a thèid ùrachadh gu tric agus a tha air fhighe a-staigh dhan fhaclair air a bheil mòran cho dèidheil.

Tha LearnGaelic air a ruith ann an co-bhanntachd le MG ALBA, Bòrd na Gàidhlig, am BBC, Bòrd na Ceiltis (Alba) agus Sabhal Mòr Ostaig le taic ionmhais bho Riaghaltas na h-Alba.