Mu BBC ALBA

English / Beurla

Mu BBC ALBA

Tha BBC ALBA – Seirbheis mheadhanan Gàidhlig na h-Alba – air a lìbhrigeadh thairis air taghadh ùrlaran ann an co-bhanntachd sònraichte eadar MG ALBA agus am BBC.

Air a cheadachadh leis a’ BhBC agus air a riaghladh le Ofcom, chaidh an t-seanail a chraoladh an toiseach Dihaoine 19 Sultain 2008, agus tha e air a stèidheachadh fhèin mar phàirt bhunaiteach de chraoladh ann an Alba.

Faic ceistean cumanta mu dheidhinn BBC ALBA aig bonn na duilleige.

BBC ALBA

Thig gu làrach-lìn BBC ALBA airson barrachd fiosrachaidh.

Càite am faigh mi BBC ALBA?

Gàrradh Phàdruig

Càite am faigh mi BBC ALBA?

Gheibhear BBC ALBA air TBh, iPlayer and air-loidhne air:

Freeview / You View 7 (Alba a-mhàin)

Freesat 109 (An RA)

Sky 117 (Alba), Sky 169 (An còrr den RA)

Sky Glass 121 (Alba), Sky Glass 172 (An còrr den RA)

Virgin Media 120 (Alba), Virgin Media 161 (An còrr den RA)

BBC ALBA iPlayer    BBC ALBA YouTube

Mu BBC ALBA

360

Bidh BBC ALBA a’ tabhann taghadh farsaing de phrògraman a fhreagras air coimhearsnachdan na Gàidhlig agus a dh’obraicheas mar dhoras cudromach dhan chànan do dhaoine aig nach eil a’ Ghàidhlig. Am measg nan gnèithean prògraim a tha rim faicinn air an t-seanail tha:

  • Naidheachdan & Cùisean Làitheil Bidh am prògram naidheachdan cliùiteach An Là ga chraoladh gu làitheil, le geàrr-chunntas air na naidheachdan aig an deireadh sheachdain. Tha am prògram aithnichte Eòrpa a tha air duaisean a chosnadh fhathast ag aithris air sgeulachdan às an Roinn Eòrpa anns an latha a th’ ann.
  • Prògraman Aithriseach Tha BBC ALBA aithnichte airson sgeulachdan a’ sgrùdadh mac an duine, agus a’ toirt beul-aithris coimhearsnachd gu aire, agus tha seo ri fhaicinn anns an t-sreath chliùiteach Trusadh, le luach de dhualchas, thàlant agus dhaoine a’ taisbeanadh an iomadh seòrsa dòigh-beatha a tha agus a bha aig daoine sna coimhearsnachdan Gàidhlig.
  • Ceòl Tha tàlant agus beairteas ciùil traidiseanta ann an Alba ga thaisbeanadh gu tric air BBC ALBA. Am measg nam prògraman as fheàrr le luchd-amhairc tha Ceilidh na Bliadhn’ Ùire, Celtic Connections agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Cuir ri seo, an susbaint beò bho fhèisean leithid Belladrum, TRNSMT agus Duaisean Ciùil Thraidiseanta Albannach MG ALBA agus tha ceòl airson gach neach a chumail ann an sunnd air BBC ALBA.
  • Dibhearsain Taghadh de shreathan dibhearsain aithriseach, a’ taisbeanadh dhòighean-beatha, cur-seachadan agus beatha làitheil luchd na Gàidhlig, a bharrachd air comadaidh agus dràma.
  • Clann Bidh CBeebies ALBA agus CBBC ALBA a’ tabhann taghadh farsaing de phrògraman dealbh-beò agus gnìomh-beò a chuireas ri foghlam Gàidhlig, a bharrachd air clann a chumail ann an sunnd, le susbaint tarraingeach eile ri fhaotainn air duilleag YouTube BBC ALBA.
  • Spòrs Tha taghadh mhòr de spòrs ga shealltainn air BBC ALBA; ball-coise, rugbaidh agus iomain nam measg. Tha an uiread de phrògraman spòrs air BBC ALBA air far-ainm a chosnadh dhan t-seanail: ‘dachaigh spòrs nam ban ann an Alba’

Tha companaidhean riochdachaidh agus luchd-solarachaidh susbaint BBC ALBA air feadh na dùthcha, ag obrachadh gu dìcheallach gus sgeulachdan innse agus ag obair gus Gàidhlig a riochdachadh ann an Alba an latha an-diugh. Tha an roinn làidir de luchd-riochdachadh Gàidhlig cuideachd ag obair ann an co-riochdachadh, le com-pàirtichean nàiseanta agus eadar-nàiseanta gus luach a thoirt do luchd-amhairc tro aontaidhean co-mhaoineachaidh agus co-riochdachaidh.

Co-bhanntachd BBC ALBA

Iseabail Nic an t-Sagairt (Stiùriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA) agus Mairead Màiri Mhoireach (Ceannard Craoladh Gàidhlig a' BhBC)

Chaidh co-bhanntachd soirbheachail BBC ALBA a chur gu dol air 5 Lùnastal 2008 nuair a dh’fhoillsich Urras a’ BhBC an cead craolaidh. Tha a’ cho-bhanntachd a’ lìbhrigeadh telebhisean, rèidio agus seirbhisean air-loidhne, a’ coileanadh dleastanas MG ALBA fo Achd Conaltraidh 2003, gus dearbhadh gum bi taghadh farsaing agus eadar-mheasgaichte de phrògraman Gàidhlig ri fhaotainn do dhaoine ann an Alba.

Tha bòrd co-bhanntachd ris an canar an Joint Management Board, air a bheil riochdairean bhon BhBC agus MG ALBA, le Àrd-Oifigear MG ALBA anns a’ chathair, a’ riaghladh a’ cho-obrachaidh eadar na buidhnean fhad ’s a tha iad ag obair a dh’ionnsaigh lèirsinn na co-bhanntachd.

Bidh Sgioba ALBA, an sgioba lìbhrigidh susbaint a th’ air a dhèanamh an àrd de luchd-obrach a’ BhBC agus MG ALBA, ag obair gus dearbhadh gu bheil an lèirsinn a thèid aontachadh le bòrd na cho-bhanntachd air a shealltainn anns na meadhanan Gàidhlig air na h-ùrlaran BBC ALBA a th’ againn.

Tha structair riaghlaidh BBC ALBA air a dhreachadh anns a’ ghrafaig seo:

Ceistean Cumanta

Càite am faigh mi BBC ALBA?

+

Gheibhear BBC ALBA air TBh, iPlayer and air-loidhne air:

Freeview / You View 7 (Alba a-mhàin)

Freesat 109 (An RA)

Sky 117 (Alba), Sky 169 (An còrr den RA)

Virgin Media 120 (Alba), Virgin Media 161 (An còrr den RA)

BBC ALBA iPlayer    BBC ALBA YouTube

Am bi susbaint BBC ALBA a' tabhann fo-thiotalan?

+

Tha BBC ALBA a’ feuchainn ri seirbheis phoblach cho beairteach ’s a ghabhas a thabhann do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig, agus a bhith na dhoras don Ghàidhlig do luchd-cleachdaidh aig nach eil Gàidhlig. Gus am faigh an luchd-cleachdaidh aig nach eil Gàidhlig cothrom air an t-susbaint, feumaidh an ‘doras a bhith fosgailte’ – i.e. feumaidh fo-thiotalan Beurla bhith air nuair a thaghas iad an t-seanail.

Chan eil e comasach na fo-thiotalan a thoirt air falbh bhon sgrion telebhisein beò air BBC ALBA ach cumaidh sinn oirnn a’ sgrùdadh teicneòlas ùr airson fuasgladh a leigeas leinn fo-thiotalan a tha air mar as àbhaist le roghainn airson an cur dheth.

Bu mhath leinn roghainn a thabhann dhaibhsan a tha a’ sireadh fo-thiotalan roghainneil agus tha sinn gu gnìomhach a’ sgrùdadh le co-obraichean aig a’ BhBC a bheil seo comasach no nach eil tron iPlayer. Ann an 2019 rinn sinn deuchainn air susbaint gun fo-thiotalan air an iPlayer, ga dhèanamh comasach a h-uile prògram de Bhannan gu ruige seo fhaicinn. Tha sinn ag amas air tuilleadh susbaint gun fo-thiotalan a thoirt seachad san dòigh seo.

A bheil planaichean ann airson fo-thiotalan Gàidhlig?

+

Dh’fhaodadh mar a bhios sinn a’ leasachadh fhuasglaidhean a leigeas le fo-thiotalan Beurla a bhith roghainneil gun urrainn dhuinn a’ mhiann airson fo-thiotalan Gàidhlig fhuasgladh cuideachd. Dh’fhaodadh seo tighinn gu roghainn a thaobh an urrainnear luach nas motha a choileanadh le bhith a’ cur ar n-ùine agus ar goireasan air susbaint ùr. Tha tar-sgrìobhaidhean Gàidhlig, a thèid an cois an t-susbaint lèir-chlaistinneach ann an WatchGaelic air LearnGaelic.Scot.

Air susbaint chloinne, far nach eil fo-thiotalan, tha sinn ag obair gus bogadh a chruthachadh agus a dhealbhadh airson clann, luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt na Gàidhlig. Le bhith a’ tabhann clàr de phrògraman spòrsail is dibhearsaineach dha clann de dhiofar aoisean, tha sinn a’ tabhann àrainneachd far nach eil ach a’ Ghàidhlig a-mhàin ri cluinntinn anns na prògraman. Tha seo a’ cur ris an ionnsachadh aca sa chlas agus a’ cuideachadh le bhith a’ daingneachadh agus a’ brosnachadh cleachdadh cànain san dachaigh, gun a bhith an urra ri Beurla.

A thaobh cleachdadh fo-thiotalan Gàidhlig ann an susbaint chloinne, feumaidh an teacsa a bhith air an sgrion airson ùine shònraichte agus leis na diofar ìrean litearrachd am measg na cloinne, cha bhiodh an dòigh fo-thiotalan a tha ri fhaighinn aig an àm seo freagarrach. Dh’fhaodadh seo a bhith fìor cuideachd airson fo-thiotalan Gàidhlig airson taic a thoirt do dh’inbhich ag ionnsachadh a’ chànain.

 

Ciamar a bhios BBC ALBA a’ manaidseadh cleachdadh Beurla no cànanan eile a thuilleadh air a’ Ghàidhlig?

+

Tha dà phrìomhachas luchd-amhairc aig BBC ALBA – a bhith a’ tabhann seirbheis cho beairteach ’s a tha goireasan a’ ceadachadh do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig, agus a bhith na dhoras don Ghàidhlig do luchd-cleachdaidh aig nach eil Gàidhlig (mar sin ag àbhaisteachadh na Gàidhlig don luchd-amhairc sin).

Tha ar prògraman a tha ag amas air an luchd-amhairc Gàidhlig cho làn Gàidhlig ’s a ghabhas. Gach seachdain bidh sinn a’ cur ceist air ar panal luchd-amhairc mu inbhe na Gàidhlig a th’ air a bruidhinn air an t-seanail agus tha seo a’ sealltainn sàsachd luchd-amhairc cunbhalach – agus tha seo a’ sìor fhàs.

Bidh cuid de phrògraman, gu sònraichte prògraman a tha ag amas air an luchd-amhairc nàiseanta, a’ sealltainn aithrisean agus agallamhan bho na stòran nàiseanta as fheàrr a tha rim faighinn airson a bhith ag innse sgeulachdan, agus uaireannan cha bhi iad nan luchd-labhairt Gàidhlig. Mura biodh na daoine as fhèarr air an cleachdadh san dòigh seo, dheigheadh an sgeulachd a mhilleadh agus aig a’ cheann thall cha bhiodh e a’ frithealadh BBC ALBA gu maith an luchd-amhairc. Tha seo uile air a mhìneachadh anns an Stiùireadh Gàidhlig MG ALBA/BBC ALBA.

Carson a tha drama cèine air BBC ALBA?

+

Tha fianais luchd-amhairc a’ dearbhadh gu bheil dràma riatanach ann an clàr seanail sam bith, ach chan eil ar maoin ach a’ ceadachadh beagan dràma às ùr a bhith ga riochdachadh.

Bho shamhradh 2018, tha dràma cèine air a bhith ga chraoladh air BBC ALBA, stèidhte air a’ bhun-bheachd gu bheil an susbaint a’ tighinn bho mhion-chànan agus/air neo tha sònrachas cultarail aige a fhreagras air an luchd-amhairc againn.

Mar sin, tha sin air prìomhachas a thoirt air mion-chànanan, agus sinn a’ feuchainn ri Beurla agus mòr-chànanan eile a sheachnadh, leithid Frangais agus Spainntis, le bhith a’ brosnachadh susbaint à Nirribhidh, Innis Tìle, msaa.

Tha an dòigh sa bheileas gan ceannach/gam faighinn mar is trice saor no an-asgaidh, a’ ciallachadh nach eil e a’ cur bacadh a thaobh prògraman ùra a choimiseanadh, ach dòigh ath-chraoladh a sheachnadh le stuth a tha am fianais a’ dearbhadh a tha a’ còrdadh ris an luchd-amhairc.

Tha fo-thiotalan Beurla a’ ceadachadh dhan mhòr-chuid de ar luchd-amhairc tuigse agus tlachd fhaighinn bhon stuth. Thathas mothachail ri linn cion-airgid na seanail gu bheil tomhas ann daonnan eadar tuilleadh ath-chraolaidhean no susbaint ann an cànain eile a tha a’ còrdadh ris an luchd-amhairc agus a tha na thlachd dhaibh. Ma thig fianais nach eil an leithid seo de dhràma cèine a’ còrdadh ri ar luchd-amhairc, bheir sinn sùil as ùr air an t-suidheachadh.