Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Sàr-Shusbaint Ball-coise nam Ban air BBC ALBA

30 Lùnastal 2021

Tha BBC ALBA an-diugh ag ainmeachadh sàr-shusbaint ball-coise nam ban le 20 geama beò bhon SWPL, an àireamh as motha a-riamh, a thuilleadh air susbaint beò sònraichte a’ leantainn Sgioba Nàiseanta nam ban anns na cuairtean dearbhaidh.

Chaidh ainmeachadh an-diugh gum bi BBC ALBA cuideachd a’ sealltainn gheamaichean cudromach Glasgow City is iad anns an dàrna chuairt den UWCL.

Bidh prìomh sgiobannan na h-Alba air an àrd-ùrlar air BBC ALBA as t-Fhoghar, le Obar Dheathain, a tha air gluasad an-àrd o chionn goirid, a’ cur fàilte air Celtic air a’ chiad latha den t-seusan ùr.

Thuirt Ceannard an SWF, Aileen Campbelll: “Tha sinn air ar dòigh a bhith ag ainmeachadh co-bhanntachd craolaidh meudaichte eile còmhla ri BBC ALBA air thoiseach air an t-seusan ùr. ’S e com-pàirtiche dha-rìreabh a thaobh spòrs nam ban a th’ anns an t-seanail, a tha daonnan a’ feuchainn ris an t-susbaint aca a leasachadh, gus an spèis air a bheil geama nam ban airidh a thoirt seachad.

“An dèidh dhuinn a bhith a’ coimhead dràma seusan 2020/21 SWPL, tha làn fhios agam cho cudromach ’s a tha faicsinneachd. Tha e deatamach gum bi an SWF a’ dearbhadh gum bi ball-coise nam ban ri fhaotainn gu furasta, agus gum bi sinn a’ dol an sàs le luchd-leantainn ball-coise air feadh na dùthcha.

“Tha sinn cuideachd a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air tilleadh luchd-leantainn beò, oir mar a bhios a h-uile duine ag aideachadh, chuir faireachdainn an cuid làthaireachd gu mòr ri dràma agus fèill an latha mu dheireadh den t-seusan a chaidh seachad.”

Bidh Sgioba nam ban Nàiseanta cuideachd ri fhaicinn air BBC ALBA, is iad ag iomairt gus àite fhaighinn ann an Cupa na Cruinne 2023.

Lean BBC ALBA sgioba nàiseanta nam ban tro chuairtean dearbhaidh agus deireannaich Cupa Cruinne nam Ban 2019, agus tòisichidh an iomairt aca an turas seo air falbh san Ungair air 17 Sultain.

Thuirt Fiona McIntyre, Ceannard Ball-coise nam Ban aig an SFA: “Tha taic BBC ALBA air leth cudromach ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh a’ gheama ann an Alba.

“Tha ùidh ann an geama nam ban air fàs aig astar o chionn ghoirid, agus tha sin air cur gu mòr ris an taic leantainneach bho BhBC ALBA ann a bhith a’ craoladh gheamannan Sgioba nam ban Nàiseanta.

’S e togail cho mòr a th’ ann dhan luchd-leantainn againn, an iomairt a tha air thoiseach oirnn a bhith air a chraoladh, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn an sgioba a’ cluich chan ann a-mhàin air beulaibh shluaghan mòra aig Hampden, ach cuideachd air beulaibh luchd-coimhid air an telebhisean, airson an dà chuid geamannan aig an taigh agus air falbh.”

Tha BBC ALBA cuideachd a’ cumail air le bhith a’ leantainn Lìog nan Sàr Sgiobaidhean Ban UEFA le geama an dàrna chuairt aig Glasgow City an aghaidh Servette, às an Eilbhis, is iad a’ strì aite fhaighinn ann an Lìog nan Sàr Sgiobaidhean Ban airson an 11mh bhliadhna as dèidh a chèile.

Thuirt Laura Montgomery, Ceannard Glasgow City FC “Tha geama Diciadain ann an Lìog nan Sàr Sgiobaidhean cho cudromach do Glasgow City, agus tha susbaint beò BBC ALBA agus an iPlayer a’ leigeil le luchd-leantainn bho air feadh na dùthcha a bhith a’ leantainn iomairt UWCL an sgioba gu dlùth.”

Tha an naidheachd as ùire seo a’ cur ri susbaint gun choimeas aig BBC ALBA a thaobh spòrs nam ban, le prògram seachdaineil Women’s Sport 360 a’ taisbeanadh an t-saoghail sin air fad, is e ri fhaicinn gach Diardaoin aig iPlayer a’ BhBC agus YouTube BBC ALBA aig 8f.

Bidh Women’s Sport 360 a’ toirt nan leasachaidhean agus naidheachdan as ùire ann an saoghal spòrs nam ban do na h-ùrlaran didseatach aig BBC ALBA, agus a’ toirt ùrlar airson agallamhan agus sgeulachdan bho chuid de na h-ainmean as motha ann an spòrs nam ban.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair aig MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Tha sinn air ar dòigh gum bi BBC ALBA a’ taisbeanadh gheamannan dearbhaidh cupa na cruinne, a thuilleadh air an uiread de shusbaint nach fhacas cheana den lìg aig an taigh, agus an t-susbaint as ùire bho lìog nan Sàr sgiobaidhean ban airson an luchd-amhairc againn. ’S e ceum ceum cudromach eile a tha seo ann a bhith a’ meudachadh meas agus faicsinneachd spòrs nam ban, agus airson BBC ALBA, a bhith a’ dearbhadh gum bi an t-seanail mar dhoras chun na Gàidhlig airson luchd-amhairc aig nach eil a’ chànan.”

Bidh Women’s Sport 360 a’ toirt seachad breithneachadh agus sùil gheur air geamannan gach seachdain air ùrlaran didseatach BBC ALBA gach Diardaoin o 8f, gus cur ri susbaint an t-seusain a tha romhainn: BBC ALBA iPlayer & BBC ALBA YouTube

Tha na geamannan a leanas dearbhte aig an ìre-sa;

SWPL

• Obar Dheathain v Celtic | Didòmhnaich 5 Sultain | 16:00 | Balmoral Stadium
• Celtic v Glasgow City | Didòmhnaich 12 Sultain | 16:00 | The Penny Cars Stadium
• Hibernian v Rangers | Didòmhnaich 3 Dàmhair | 16:00 | Tony Macaroni Arena
• Glasgow City v Rangers | Didòmhnaich 17 Dàmhair | 16:00 | Petershill Park
• Celtic v Rangers | Didòmhnaich 7 Dàmhair | 16:00 | The Penny Cars Stadium

Lìog nan Sàr Sgiobaidhean Ban UEFA Cuairt 2:

• Servette v Glasgow City | Diciadain 1 Sultain | 1805

Cuairtean Dearbhaidh Cupa Cruinne nam Ban 2023

• An Ungair v Alba | Dihaoine 17 Sultain
• Alba v Eileanan Fàrach | Dimàirt 21 Sultain
• Alba v An Ungair | Dihaoine 22 Dàmhair
• Alba v An Ucràin | Dihaoine 26 Samhain
• An Spainn v Alba| Dimàirt 30 Samhain

Chithear Women’s Sport 360 an air BBC ALBA iPlayer & BBC ALBA YouTube