SpeakGaelic
Thèid SpeakGaelic a chur air bhog anns an t-Sultain 2021.
Mu dheidhinn SpeakGaelic
’S e amas SpeakGaelic cruth-atharrachadh a thoirt air ìre-cleachdaidh na Gàidhlig, le bhith a’ tabhann structair a tha soilleir, iomlan agus aonaichte airson Gàidhlig ionnsachadh.
Bidh roghainn aig an neach-cleachdaidh SpeakGaelic a chleachdadh ann an trì diofar dhòighean, a bhios uile air am fighe ri chèile, ach cuideachd comasach an cleachdadh leotha fhèin:
uile a’ faighinn taic agus cuideachadh bho mheadhanan sòisealta SpeakGaelic.
A bharrachd air taic a thoirt do fìor luchd-tòiseachaidh, bheir na goireasan taic do luchd-labhairt na Gàidhlig aig diofar ìrean de dh’fhileantas, gus misneachd fhaighinn Gàidhlig a bhruidhinn.
Bidh 13 leasanan anns a h-uile ìre, le dà chlas anns gach leasan, le 13 prògraman leth-uair a thìde nan cois. Buinidh na toraidhean ionnsachaidh aig na modalan seo ri gach eileamaid de SpeakGaelic ann an dòigh chunbhalach.
Mu dheidhinn SpeakGaelic
Chaidh bun-bheachd SpeakGaelic a chur air adhart le com-pàirtichean LearnGaelic; MG ALBA, am BBC agus Sabhal Mòr Ostaig, le tuilleadh maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.
’S e Sabhal Mòr Ostaig com-pàirtiche acadaimigeach SpeakGaelic agus ’s iad a tha a’ cruthachadh susbaint a’ chùrsa.
’S e BBC Multiplatform Production (Gàidhlig) a tha a’ riochdachadh na susbaint lèir-chlaisneach agus cuid den t-susbaint ghoirid airson nam meadhanan sòisealta agus airson an làrach-lìn. Bidh an t-susbaint seo ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC, seanail TBh BBC ALBA agus YouTube BBC ALBA. ’S e Radio nan Gàidheal a bhios a’ cruthachadh an stuth-claisneachd.
Dè th’ ann an SpeakGaelic?
+’S e SpeakGaelic iomairt ionnsachaidh Gàidhlig do dh’inbhich. ’S e ar n-amas cruth-atharrachadh a thoirt air ìre-cleachdaidh na Gàidhlig, le bhith a’ tabhann structar a tha soilleir, iomlan aonaichte airson Gàidhlig ionnsachadh.
Bidh roghainn aig an neach-cleachdaidh SpeakGaelic a chleachdadh ann an trì diofar dhòighean, a bhios uile air am fighe le chèile, ach cuideachd comasach an cleachdadh leotha fhèin:
uile air a thaiceachadh agus fheabhasachadh le meadhanan sòisealta SpeakGaelic.
A bharrachd air taic a thoirt do fìor luchd-tòiseachaidh, cuiridh na goireasan taic ri luchd-labhairt na Gàidhlig aig diofar ìrean de dh’fhileantas, gus misneachd fhaighinn Gàidhlig a bhruidhinn.
Bidh comas aig ceatharnaich ionnsachaidh agus oidean goireasan fhaighinn uair sam bith tro làrach SpeakGaelic.
Cò thàinig an àrd leis a’ bheachd seo?
+Chaidh am beachd a leasachadh le com-pàirtichean LearnGaelic. (MG ALBA, Sabhal Mòr Ostaig, BBC, Bòrd na Gàidhlig, Bòrd na Ceiltis (Alba))
Cò iad na com-pàirtichean?
+’S iad MG ALBA, Sabhal Mòr Ostaig agus am BBC com-pàirtichean SpeakGaelic.
Cò tha a’ pàigheadh air a shon agus dè na chosgas e?
+Tha Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA air cuir ris, agus in-ionmhas “in kind” bhon BhBC. ’S e £2.4m a thèid a chur a-staigh thairis air trì bliadhna.
Cuin a thèid a chur air bhog?
+Thèid SpeakGaelic a chur air bhog san t-Sultain 2021 leis a’ chiad ìre. Bidh ìrean eile a’ tighinn às dèidh sin.
Cò air a tha e stèidhte?
+Bidh curraicealam SpeakGaelic stèidhte air toraidhean ionnsachaidh CEFRL (Common European Framework of Reference for Languages) far bheil gach neach-labhairt air an sònrachadh aig ìre a-mach à sia diofar ìrean (A1, A2, B1, B2, C1, C2).
Bidh SpeakGaelic a’ gabhail a-steach ìrean A1, A2, B1, B2. Bidh solarachadh ann do luchd-cleachdaidh èifeachdach na Gàidhlig aig ìrean C1 agus C2, tro na goireasan agus meadhanan a tha ann mar-tha.
Bidh gach ìre air a dhèanamh an àrd de 13 leasanan le dà chlas anns gach leasan, le 13 prògraman leth-uair a thìde nan cois. Buinidh na toraidhean ionnsachaidh aig na modalan seo ri gach eileamaid de SpeakGaelic ann an dòigh cunbhalach.
Cò tha a’ cruthachadh gach eileamaid?
+’S e Sabhal Mòr Ostaig com-pàirtiche acadaimigeach SpeakGaelic agus ’s iad a tha a’ cruthachadh susbaint a’ chùrsa.
’S e BBC Multiplatform Production (Gàidhlig) a tha a’ riochdachadh na susbaint lèir-chlaisneach agus cuid den t-susbaint ghoirid airson nam meadhanan sòisealta agus airson an làraich. Bidh an t-susbaint seo ri fhaotainn air iPlayer a’ BhBC, seanail TBh BBC ALBA agus YouTube BBC ALBA. ’S e Radio nan Gàidheal a bhios a’ cruthachadh an stuth-claisneachd.
Dè na chosgas leasanan?
+Tha seo an urra ri luchd-solarachaidh a’ chùrsa. Bidh goireasan a’ chùrsa airson A1 agus A2 ri fhaotainn saor an-asgaidh air an làrach, a bharrachd air goireasan do dh’oidean, bho làrach SpeakGaelic.
Airson barrachd fios:
+Cuiribh fios gu Nicola Pearson, Manaidsear Pròiseict SpeakGaelic aig: