Mu FilmG

English / Beurla

Mu FilmG

Co-fharpais bhliadhnail aig MG ALBA airson filmichean goirid Gàidhlig, a’ toirt chothroman do dhaoine òga pàirt a ghabhail anns na meadhanan Gàidhlig.

FilmG

Thig gu làrach FilmG airson tuilleadh fiosrachaidh mun fharpais agus na filmichean.

Mu FilmG

Air a stèidheachadh ann an 2008, tha a’ cho-fharpais air barrachd air 800 filmichean fhaighinn on uair sin, a’ brosnachadh uiread de shusbaint Ghàidhlig ùr agus tarraingeach, le amas farsaing a bhith a’ cruthachadh coimhearsnachd didseatach Gàidhlig.

Le fòcas air sgoiltean agus filmeadairean òga, tha a’ cho-fharpais air tàlant ùr a shònrachadh agus a leasachadh airson nam meadhanan Gàidhlig, a’ brosnachadh dhaoine òga, ge bith dè na comasan Gàidhlig a th’ aca, a bhith a’ cruthachadh, agus a bhith a’ gabhail tlachd bho bhith an sàs leis na meadhanan Gàidhlig.

Gach bliadhna, thig a’ cho-fharpais gu ceann le cuirm cliùteach airson nan duaisean a thoirt seachad a thèid a chraoladh air BBC ALBA.

Tha a’ cho-fharpais air a lìbhrigeadh ann an co-bhanntachd le CGS (Cànan Graphics Studio), companaidh ioma-mheadhanan stèidhte air an Eilean Sgitheanach. Bidh CGS a’ toirt taic dhan cho-fharpais le bhith a’ tabhann bùithtean-obrach sgoile, oideachadh fhilmeadairean agus a’ tabhann eòlaichean is uidheamachd gus cuideachadh filmichean a thoirt beò.

Leugh Measadh Buaidh FilmG 2013 an seo.