Cuairtean Coimiseanaidh
Gu h-ìosal, chithear cuairtean coimiseanaidh sam bith a tha a’ dol an-dràsta airson BBC ALBA agus saoghal MG ALBA.
Thèid cuairtean coimiseanaidh a chumail dà thuras sa bhliadhna airson BBC ALBA (Samhradh & Geamhradh) far am bi sinn a’ cur fàilte air tagraidhean airson phrògraman agus beachdan riochdachaidh telebhisein bho chompanaidhean riochdachaidh aig ìre-theastanais iomchaidh.
Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh fios air commissioning@mgalba.com
Chithear fiosrachadh gu h-ìosal co-cheangailte ri cuairtean coimiseanaidh, fiosrachadh mu na goireasan craolaidh agus riochdachaidh againn, agus fios mu na ghabhas a dhèanamh a thaobh beachdan phrògraim a tha èiginneach a thaobh tìde.
11 Faoilleach 2021
Goireasan Craolaidh & Riochdachaidh
Bidh MG ALBA a’ tabhann taghadh uile-chùiseach de ghoireasan airson craoladh, riochdachadh, deasachadh agus lìbhrigeadh phrògraman
Am measg nan goireasan a tha rim faotainn tha goireasan stiùidio / OB, uidheamachd clàraidh, solais, deasachadh, goireasan airson clàradh beò, goireasan fo-thiotalan agus lìbhrigeadh deireannach phrògraman.
A bharrachd air seo, bidh sinn a’ tabhann ìrean deireannadh de lìbhrigeadh phrògraman DPP, a’ gabhail a-staigh AQC/QC, AS11 wrap agus lìbhrigeadh sàbhailte thairis air ceangal aig astar luath.
Cuir fios air commissioning@mgalba.com airson barrachd fiosrachaidh.
Beachdan Phrògraim
Gabhaidh co-bhanntachd MG ALBA / BBC ALBA ri beachdan prògraim a dh’fheumadh a bhith air an dèanamh ann an ùine ghoirid no beachdan a tha a’ tabhann chothroman air leth sònraichte ris nach robh dùil, aig àm sam bith den bhliadhna, agus nì sinn ar dìcheall co-dhùnaidhean coimiseanaidh a thilleadh gun chus dàil.
Bu chòir daoine fa leth no buidhnean aig a bheil beachdan prògraim iad seo a chur a-staigh fo sgèith Cuairt Coimiseanaidh air a’ chiad dol a-mach. Ma tha beachd làidir agaibh, ach gun chomas no eòlas am prògram a dhèanamh, bu chòir dhuibh bruidhinn ri companaidh riochdachaidh gus faighinn a-mach an leasaich iad a’ bheachd agaibh còmhla ribh. Gu mì-fhortanach, chan fhaod sinne an t-seirbheis seo a thabhann. Le cead a’ chompanaidh, dh’fhaodadh sinn fiosrachadh a thoirt dhuibh le liosta de chompanaidhean a bhios a’ dèanamh phrògraman Gàidhlig a-cheana.
Bu chòir daoine fa leth no buidhnean aig a bheil beachdan prògraim iad seo a chur a-staigh fo sgèith Cuairt Coimiseanaidh air a’ chiad dol a-mach. Anns an fharsaingeachd, cha bhi sinn a’ beachdachadh air tagraidhean nach deach iarraidh airson maoineachadh leasachaidh ach a-mhàin ma dh’fheumas iad a bhith airson an dèanamh ann an ùine ghoirid, a’ riochdachadh cothrom sònraichte ris nach robh dùil, air neo ma chuireas a’ bheachd ri èifeachdas sgeamaichean trèanaidh a tha a’ faighinn taic bho MG ALBA.
Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu commissioning@mgalba.com