Ar Saoghal

BBC ALBA

FilmG

LearnGaelic

SpeakGaelic

Fios

Advance Carousel

Beàrn-obrach

Oifigear Dhàimhean Didseatach

Ceann-là: 21 Gearran 2021, 11.59f

Tha MG ALBA a’ fastadh Oifigear Dhàimhean Didseatach. Bidh an dreuchd seo ag obair a dh’ionnsaigh faicsinneachd susbaint didseatach na Gàidhlig a neartachadh, le bhith ag obair còmhla ri luchd-cruthachaidh neo-eisimeileach ach cuideachd ann a bhith a’ gabhail a-staigh susbaint didseatach a tha ceangailte ri MG ALBA, ar saoghal agus luchd-cruthachaidh susbaint Gàidhlig ùr.

12 mìosan stèidhte le cothrom gun tèid a shìneadh
Tuarastal – £23,854 sa bhliadhna

Cuairt Comiseanaidh

Geàrr Dràma Chloinne 2021

Ceann-là: Dihaoine 26 Gearran 2021, 5f.

Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ gabhail pàirt anns an sgeama cliùmhor eadar-nàiseanta airson nam filmichean chloinne as fheàrr air feadh an t-saoghail a tha an EBU a’ ruith.

Tha sinn air sgriobt a choimiseanadh agus aig an ìre-sa tha sinn a’ sireadh fios mu chompanaidhean riochdachaidh aig a bheil ùidh sa ghnothach agus a tha air a bhith a’ frithealadh BBC ALBA le pròiseactan dràma.

Cuir fios thugainn

Tha sinn an-còmhnaidh toilichte cluinntinn bhuaibh

MG ALBA
Rathad Shìophoirt
Steòrnabhagh, HS1 2SD

Fòn: 01851 705550
Post-d: fios@mgalba.com