Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Duais Eadar-nàiseanta Do Phrògram Cloinne BBC ALBA

16 Ògmhios 2020

LOOKS Film &TV Prod. GmbH: “Der Krieg und Ich” (AT): im VG Calum (Ruairidh Harris), Komparsen; Fotos: © bei Andreas Wünschirs (awuenschirs@me.com)

Tha prògram chloinne aithriseach, ag innse sgeulachd Blitz a’ Bhruach Chluaidh bho shealladh bhalach òg le Gàidhlig, air duais a chosnadh aig Prix Jeunesse, aon de na fèisean eadar-nàiseanta as cliùitiche a th’ ann airson a bhith a’ brosnachadh telebhisein do dhaoine òga.

A’ gleidheadh duais anns an roinn 11-15, tha Gaisgich Òga an Dàrna Cogaidh, (no Kids of Courage mar a th’ air anns an Roinn Eòrpa), ag innse sgeulachdan clann an dàrna cogaidh às Roinn Eòrpa agus nas fhaide air falbh, le an cuid leabhraichean-latha agus litrichean gan cleachdadh gus an saoghal aca a thoirt beò tro sheallaidhean dràma, eachdraidheil, agus feadhainn ath-chruthaichte.

Tha an t-streath de ochd phàirt stèidhichte air seallaidhean sònraichte, leithid saighdearan òga Gearmailteach, beatha ann an ‘ghetto’ Iùdhach, agus tha prògram BBC ALBA stèidhichte air na làithean sònraichte eadar Màrt 13 agus 14 ann an 1941, nuair a leig na Gearmailtich na mìltean de bhomaichean dheth air Bruach a’ Chluaidh – a’ cur am baile air fad na theine.

Nochdaidh bdeugiare òg le Gàidhlig anns an sgeulachd seo, agus tha obair sàbhaladh beatha clann bho sheirbheis smàlaidh a’ bhaile ga thoirt am follais ann. ’S e Fire Guard Messengers a bh’ aca orra seo, agus ’s iadsan a bhiodh a’ toirt brath do na sgiobannan teasairginn, gus innse dhaibh cò na rathaidean a bha dùinte agus cò na taighean a bh’ air am spreadhadh.

Tha BBC ALBA air a bhith an sàs ann an iomadh co-obrachadh eadar-nàiseanta o chionn ghoirid, ro-innleachd a bha soirbheachail ann a bhith a’ toirt susbaint a tha a’ cosnadh dhuaisean chun an luchd-amhairc agus aig an aon àm, a’ toirt a’ Ghàidhlig gu luchd-amhairc dhùthchannan eile.

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail aig MG ALBA a tha a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “’S e pròiseact air leth math agus co-obrachail a bh’ ann an Gaisgich Òga an Dàrna Cogaidh, le buannachdan mìorbhaileach do BhBC ALBA mar chom-pàirtiche co-obrachaidh. A bharrachd air a bhith a’ toirt eachdraidh an dàrna cogaidh beò don luchd-amhairc againn, fhuair cleasaichean òga Gàidhlig, agus feadhainn le eòlas a-cheana, an cothrom obrachadh air dràma air ùrlar Eòrpach. Meal a naidheachd air a h-uile com-pàirtiche a bha an sàs ann.”

Bha Gaisgich Òga an Dàrna Cogaidh na cho-obrachadh eadar LOOKSfilm, SWR agus Toto Studio, agus chaidh a chraoladh anns a’ Ghearmailt, anns an Fhraing, anns a’ Phòlainn, ann am Poblach na Seice agus anns an Rìoghachd Aonaichte. Chaidh an tionndadh Gàidhlig a riochdachadh le Solus Productions ann an Glaschu.

Chaidh Bunait Prix Jeunesse a stèidheachadh ann an 1964 leis an amas a bhith ag adhartachadh càileachd ann an telebhisean chloinne air feadh an t-saoghail, le bhith a’ stèidheachadh na fèis dà-bhliadhnail Prix Jeunesse Eadar-nàiseanta.

Ri linn staing Covid-19, chaidh fèis na bliadhna seo a chumail air-loidhne eadar 5mh agus an 11mh den Ògmhios 2020.