Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Bundesliga nam Ban air BBC ALBA

27 Cèitean 2020

Bidh geamannan beò bho Bundesliga nam Ban sa Ghearmailt air an craoladh air BBC ALBA ann an aonta sònraichte a bheir seusan nam ban sa Ghearmailt – a tha air ùr thòiseachadh an dèidh lockdown – chun luchd-amhairc gu deireadh seusan 19/20.

’S e seo a’ chiad spòrs beò a bhios air a chraoladh le seanail PSB san Rìoghachd Aonaichte bho lockdown. Chi luchd-amhairc BBC ALBA geamannan eadar clubaichean aig àrd ìre leithid Bayern Munich agus Bayer Leverkusen.

Tha seo a’ togail air àite na seanail mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba. Tha grunnan chluicheadairean ball coise nam ban ann an Alba air a bhith a’ cluich aig clubaichean Gearmailteach leithid Lisa Evans, a-nis aig Arsenal, ach a bha cuideachd a’ cluich airson Turbine Potsdam agus FC Bayern Munich an dèidh Glasgow City FC. Bha Sophie Howard, a-nis aig Reading, cuideachd a’ cluich airson 1899 Hoffenheim. Chuir COVID-19 stad air na geamannan a bha an dùil a chraoladh air an t-seanail – geamannan Wolfsburg an aghaidh Glasgow City ann an Lìog UEFA nam ban nas tràithe air a’ bhliadhna.

Mar dhachaigh spòrs nam ban, tha BBC ALBA air geamannan leithid Cupa Cruinne FIFA nam ban, Lìog UEFA nam ban, geamannan ro-fharpaiseach EURO UEFA nam bana a thoirt chun luchd-amhairc a thuilleadh air a bhith na chom-pàirtiche craolaidh airson geamannan nam ban san SWPL a chraoladh.

Thuirt Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair MG ALBA agus ceannard spòrs air BBC ALBA Iseabail Nic an t-Sagairt: “Tha sinn air ar dòigh glan fear de phrìomh lìogan nam ban san Roinn Eòrpa a thoirt gu luchd-amhairc BBC ALBA – ann a bhith a’ dèanamh seo tha sinn a’ taisbeanadh sàr-mhathas spòrs nam ban a thuilleadh air a bhith a’ toirt Gàidhlig gu luchd-amhairc nach biodh ga fhaicinn mar chànan beothail san là an-diugh às aonais an t-seòrsa craoladh seo. Tha sinne aig BBC ALBA gu mòr a’ taiceachadh fàs ball-coise nam ban ann an Alba agus le bhith a’ taisbeanadh an FlyerAlarm Frauen-Bundesliga tha sinn a’ lìbhrigeadh spòrs beò aig àrd ìre aig àm far a bheil fios againn gu bheil feum air an luchd-amhairc air agus a’ sealltainn dè tha comasach ann an ball-coise nam ban.”

Tha na geamannan mar a leanas:

Disathairne 30 Cèitean – FC Bayern München v TSG 1899 Hoffenheim, 1200
Dihaoine 5 Ògmhios – TSG 1899 Hoffenheim v Bayer 04 Leverkusen, 1815
Disathairne 13 Ògmhios – SGS Essen v VfL Wolfsburg, 1200
Didòmhnaich 14 Ògmhios – FC Bayern München v FF USV Jena, 1300
Diciadain 17 Ògmhios – VfL Wolfsburg v SC Freiburg 1300

Dh’fhaodadh gum biodh an tuilleadh gheamannan ann a rèir toraidhean mar a thig an t-seusan gu crìoch.