Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Duais eadar-nàiseanta airson prògram Peat & Diesel

3 Dùbhlachd 2020

Peat & Diesel

Tha prògram aithriseach mun chòmhlan chliùiteach folk-rock Peat & Diesel air duais mhòr a bhuannachadh aig fèis film ann an New York.

Choisinn Peat & Diesel: That’s the Way We Do It! an duais airson Prògram Aithriseach Eadar-Nàiseanta As Fheàrr aig Williamsburg International Film & Music Festival, ann am Brooklyn, New York.

Air a riochdachadh le MacTV, lean am prògram an còmhlan à Leòdhas fhad ’s a bha iad a’ dol bho neart gu neart is iad a’ sìor chosnadh cliù dhaibh fhèin air thoiseach air a bhith a’ cur air bhog an dàrna clàr aca, agus cuirm shònraichte ann an talla-chuirm cho ainmeil ’s a tha ann, am Barrowland Ballroom ann an Glaschu.

Sa chòmhlan Peat & Diesel, tha an t-iasgair Calum ‘Boydie’ MacLeòid, an neach-dealain Innes Scott agus an dràibhear-bhana-lìbhrigidh Uilleam ‘Uilly’ MacLeòid, a tha air saoghal ciùil Alba a ghabhail thairis, a’ glacadh aire is aigne na dùthcha len cuid ciùil tarraingeach agus sgeulachdan inntinneach mu bheatha sna h-eileanan.

Bha am prògram air leth soirbheachail air BBC ALBA nuair a chaidh a shealltainn tràth sa Ghiblean, mar pàirt de fheasgar sònraichte Peat & Diesel a’ sealltainn an cuid ceòl agus an sgeulachd beatha. Fhuair na prògraman na h-àireamhan a bu mhotha de luchd-amhairc aig an t-seanail am bliadhna.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard BBC ALBA, a bha na h-Àrd Riochdaire air a’ phrògram: “Bha beachd againn gun robh am prògram gu bhith soirbheachail le luchd-amhairc BBC ALBA agus gu deimhinne bha. Fhuair sinn tòrr theachdaireachdan bho dhaoine mu cho math ’s a chòrd an dà phrògram riutha, am prògram aithriseach agus cuideachd a’ chuirm iongantach ann an Glaschu. Abair oidhche a bh’ ann air BBC ALBA!

“Tha sinn air ar dòigh gu bheil tàlant an luchd-ciùil agus luchd cruthachaidh phrògraman sna h-eileanan air an aithneachadh mar seo air ùrlar eadar-nàiseanta, fìor theisteanas gu bheil ùidh fharsaing ann an sgeulachdan ionadail.”

Thuirt Stiùiriche/Riochdaire a’ phrògraim, a tha air duais RTS Scotland a chosnadh cheana, Daibhidh Màrtainn: “Chan eil buidheann eile ann coltach ri Peat & Diesel agus bha deagh chraic ann a bhith còmhla riutha air an turas. Tha daoine air am beò-ghlacadh le Peat & Diesel agus tha e sgoinneil a bhith ann rin taobh fhad ’s a tha iad a’ sìor fhàs nas soirbheachaile.

“Tha iad a’ cur an cèill cultar na Gàidhlig agus nan eileanan, a’ measgachadh cuspairean a tha dha-rìreabh a’ buntainn ri daoine le ìomhaigheachd èibhinn, aotram. Cha robh duilgheadas sam bith an còmhlan a chlàradh agus feuchainn ri rudeigin fhaighinn a chòrdadh ris an luchd-amhairc.”

Tha BBC ALBA air mòran soirbheachas eadar-nàiseanta fhaicinn anns na bliadhnaichean mu dheireadh, le co-riochdachaidhean agus duaisean eadar-nàiseanta ann am pailteas, rud a tha na theisteanas do chàileachd agus ealantachd roinn riochdachaidh BBC ALBA.