Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Na Trads 2020 air BBC ALBA

8 Dùbhlachd 2020

Màiri-Anna NicUalraig agus Alistair Heather

Gus rogha chiùil thraidiseanta na h-Alba a chomharrachadh, thèid Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA a chraoladh thairis air feasgar Dihaoine is Disathairne air BBC ALBA.

Nochdaidh ceòl air leth bho cheòladairean traidiseanta aithnichte ann an Na Trads 2020, agus duaisean bliadhnail cliùiteach a bhios a’ toirt aire do shàr-mhathas; a’ gabhail a-staigh a h-uile taobh de chèol thraidiseanta Albannach, bho seinn ann an Gàidhlig & Albais, gu comas cluiche agus gach nì eile gam measadh.

Bha còir aig tachartas na bliadhna-sa a bhith a’ gabhail àite ann an Talla Chaird Dhùn Dhè, ach tha a’ chomharrachadh bheòthail gu bhith ann fhathast air BBC ALBA, le ceòl a chaidh a chlàradh gu sònraichte air a shon bho chuid de na rionnagan as motha anns an t-saoghal chiùil thraidiseanta, leithid The Iona Fyfe Trio, Project Smok, Deirdre Ghreumach, Jarlath Henderson, Phil Cunningham, Karen NicMhathain agus tòrr a bharrachd.

Le Màiri-Anna NicUalraig agus Alistair Heather aig an stiùir, thèid na duaisean a thoirt seachad air feasgar Disathairne 12 Dùbhlachd ann an cruth ùr trì-chànanach, anns a’ Ghàidhlig, ann an Albais agus Beurla gus farsaingeachd a’ chultair thraidiseanta ann an Alba a chomharrachadh.

Tha Màiri Anna NicUalraig na seinneadair Gàidhlig cliùiteach, a th’ air Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna a choisinn dhi fhèin aig Na Trads ann an 2019, agus a th’ air a bhith a’ lìbhrigeadh nan duaisean bhon a chaidh an craoladh air BBC ALBA an toiseach, ann an 2008.

’S e Alistair Heather, an sgrìobhadair agus craoladair, a tha na cho-phreasantair ùr, agus e na neach-taic aithnichte don Albais, agus ’s e fhèin a bhios a’ lìbhrigeadh Dhuaisean Bliadhnail na h-Albais.

Air oidhche Haoine, thèid prògram ùr sònraichte a chraoladh air BBC ALBA, airson Talla Laoich na Trads, le Joy Dunlop, seinneadair Gàidhlig agus craoladair ga thoirt seachad.

Le ceòl bho Old Blind Dogs agus an t-seinneadair cliùteach Gàidhlig Maighread Stiùbhairt, bidh Joy ag inntrigeadh nam buill as ùire gu Talla Laoich na Trads.

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh agus Ceannard Cho-bhanntachdan Chruthachail airson BBC ALBA, “Feumaidh duine sam bith aig a bheil ùidh ann an cultar traidiseanta na h-Alba Na Trads a choimhead agus tha sinn air ar dòigh gum faod sinn seo a thoirt dhan luchd-amhairc againn a-rithist. Tha deagh fhaireachdainn ann mu dheidhinn nan duaisean agus chithear sin uile airson a’ chiad turas sa phrògram.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Stiùiriche Ro-innleachd agus Chùisean Taoibh A-muigh aig prìomh buidheann taic nan duaisean MG ALBA, “Tha MG ALBA uabhasach fhèin moiteil a bhith a’ cur taic ris na duaisean seo, agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris na prògraman fhaicinn air BBC ALBA. Tha bliadhna air leth dhuillich air a bhith aig gnìomhachas a’ chiùil ann an Alba, agus ’s e sin a tha a’ fàgail aithneachadh an innleachdais agus co-obracadh cho chudromach.”

Coimheadaibh Na Trads 2020 air BBC ALBA no air iPlayer a’ BhBC:

9f Dihaoine 11 Dùbhlachd Na Trads 2020: Talla Laoich nan Trads

9f Disathairne 12 Dùbhlachd Na Trads 2020: Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA

Music Tutor of the Year, sponsored by Creative Scotland’s Youth Music Initiative
• Rua MacMillan
• Rachel Hair
• Josie Duncan
• Lauren MacColl
• Corrina Hewat
• Laura-Beth Salter
• Louise (Mackenzie) Douglas

Gaelic Singer of the Year, sponsored by The Highland Society of London
• Fionnag NicChoinnich (Fiona MacKenzie)
• Joy Dunlop
• Rachel Walker
• Raymond Bremner

Album of The Year, sponsored by Birnam CD
• All Is Not Forgotten by Siobhan Miller
• Banjaxed by Ciaran Ryan
• Bayview by Project Smok
• Eye of the Storm by Tide Lines
• Light My Byre by Peat & Diesel
• Shhh I’m on the phone by Innes Watson
• Steall by Ewen Henderson
• The Ledger by Gillian Frame, Findlay Napier and Mike Vass
• The Roke by Ross Miller
• The Woods by Hamish Napier

Up & Coming artist of the Year, sponsored by Royal Conservatoire of Scotland
• Benedict Morris
• Rebecca Hill
• Malin Makes Music
• Avocet

Community Music Project of the Year, sponsored by Greentrax Recordings
• Campbell’s Ceilidh
• Tunes in the Hoose
• MacGregor’s Live at Five
• Hands Up for Trad Strathspey and Reel Society
• Covid Choir Workshops
• Carry On Streamin
• Comhairle Cèilidhs (Comhairle nan Eilean Siar)

Event of the Year Award sponsored by VisitScotland
• 365 stories + Music (Aidan O’Rourke and James Robertson)
• Virtual Edinburgh International Harp Festival
• Fèis Rois Adult Feis Weekend Online
• Tional Gaelic Online Music Festival
• BBC Radio Scotland Young Traditional Musician Award 20th Anniversary Concert (Celtic Connections)
• Coastal Connections (Celtic Connections)

Citty Finlayson Scots Singer of the Year, sponsored by Traditional Music and Song Association (TMSA)
• Siobhan Miller
• Claire Hastings
• Adam Holmes
• Allan & Rosemary McMillan

Trad Video of the Year, sponsored by Threads of Sound
• Erica’s by Balter
• Calum Dan’s Transit Van by Peat & Diesel
• Deep Dark Beast by Twelfth Day
• Moorlough Shore by ELIR
• Ceòl Mòr Style by Calum MacCrimmon
• Taste the Rain by Tide Lines Choir

Online Performance of 2020, sponsored by Gordon Duncan Memorial Trust
• Sandy on Sunday Show (Sandy Brechin)
• Live from The Lounge with Paul Anderson and Shona Donaldson
• Pete Clark From The Shed
• Tide Lines Virtual World Tour
• Skerryvore Live Across The World
• Duncan Chisholm’s #CovidCeilidh
• Lomond Ceilidh Band’s The Daily Ceilidh

Original Work of the Year, sponsored by PRS for Music
• The Woods by Hamish Napier
• Everyday Heroes by Skerryvore
• Graham Rorie – The Orcadians of Hudson Bay
• Rachel Newton – To the Awe
• Camhanaich (Dawn) by Mhairi Hall

Trad Music in the Media, sponsored by Sabhal Mòr Ostaig
• Marie Martin – Box and Fiddle Magazine
• Ewan Galloway and Derek Hamilton – RadioGH
• Fiona McNeill – Celtic & Folk Fusions Radio Show
• Sruth na Maoile (BBC Radio nan Gàidheal and RTÉ Raidió na Gaeltachta)
• Anna Massie – Black Isle Correspondent

Musician of the Year, sponsored by the University of the Highlands and Islands
• Tim Edey
• Peter Wood
• Anna Massie
• Jenn Butterworth
• Ailie Robertson
• John Carmichael