Tha BBC ALBA air clàr na Nollaig agus na Bliadhn’ Ùire a chur air bhog le taghadh air leth de shusbaint aighearach.
’S e BBC ALBA an rogha sheanail airson Nollaig na bliadhna-sa, le measgachadh de phrògraman dhan teaghlach air fad, agus Cèilidh na Bliadhn’ Ùire mar shalann sa bhrot – aig astar, ach beò, thèid a’ chèilidh cuideachd a chraoladh air Radio nan Gàidheal, agus air feadh an t-saoghail air iPlayer a’ BhBC aig an aon àm.
Thairis air àm na Nollaig, bidh BBC ALBA a’ tabhainn luach de sgeulachdan pearsanta. Ann an NY2SY, bidh an craoladair Niall Iain Dòmhnallach ag innse mun turas fhiadhaich agus chunnartach aige, is e a ag amas air iomradh thairis air a’ Chuan Siar.
Ann an dà phrògram aithriseach sònraichte, Dystonia Beatha air Fhiaradh agus Lipoedema – Sgeulachd Lorna, thèid dà theisteanas tiamhaidh agus làidir innse bho dhithis a tha a’ fulang le tinneasan maireannach le buaidh mhòr air am beatha. Airson faisg air 40 bliadhna, tha DK Mac a’ Phì air a bhith beò le dystonia, a’ fàgail nach urrainn dha a cheann a chur dìreach. Tha seo air buaidh a thoirt air iomadh taobh de bheatha làitheil. Tha Lorna Nic an t-Sagairt, às an Eilean Sgitheanach, air a beatha a chur seachad a’ strì le lipoedema; tinneas cealla-blonaig a dh’fhaodadh a bhith air a chàradh le obair-lannsa a dh’atharraicheas cùrsa a beatha.
Aig an àm-sa den bhliadhna, tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coimhead nam filmichean as fheàrr leinn, agus an cuideachd Cinema Gadelica, air a lìbhrigeadh le Patsi NicChoinnich, gheibh sinn a-mach tòrr fiosrachadh inntinneach mu na filmeadairean aithnichte a chaidh a tharraing le seallaidhean brèagha na h-Alba, fiù ’s air an dreachadh mar àitichean cian-thìreach ann am filmichean leithid James Bond gu 2001: A Space Odyssey.
Bhon sgrìobhadair aithnichte comadaidh Iain MacLeòid, a bha an sàs leis an t-sreath cliùmhor Chanadianach Trailer Park Boys, tha dà fhilm ghoirid is annasach, na dhà dhiubh air an clàradh ann an Alba Nuadh. Tha An t-Inneal Espresso agus Na Tuinichean Mì-thoilichte a’ dèiligeadh le caractaran agus suidheachaidhean a tha le chèile gu math cearbach.
Bidh BBC ALBA cuideachd a’ sònrachadh sgilean, paiseanan, traidiseanan agus seallaidhean a tha stèidhte agus a tha ceangailte ris a’ Ghàidhealtachd agus ris na h-eileanan gan taisbeanadh, le sùil air iasgairean, poidsearan agus dràibhearan railidh amaitearach, a bharrachd air na Fir Clis a’ faighinn an sgrùdaidh.
Tha tòrr phrògraman a chumas a’ chlann ann an sunnd rim faicinn thairis air na saor làithean cuideachd. A’ tòiseachadh le dealbh-beò cumhachdach agus tiamhaidh, Sol. Air Là na Nollaig fhèin, thèid an dealbh-beò ùr bho Julia Donaldson ris an robh tòrr a’ dèanamh fiughair, Zog, a shealltainn, agus gheibhear cuideachd sgeulachdan dàna Lena, croitear òg anns na Hearadh le miann sònraichte!
Gus crìoch a thoirt air a’ bhliadhna, chithear film air leth brèagha bho Studio Ghibli, ga shealltainn airson a’ chiad turas anns an RA, Ronjia, Nighean a’ Mhèirlich, bho sgrìobhadair Pippi Longstocking air Oidhche Challainn bho 6f.
Nas fhaide air adhart air an fheasgar ud, gabhaidh sinn sùil aoireil air a’ bhliadhna a bh’ ann, le Siud Agad E 2020 agus an uair sin Cèilidh na Bliadhn’ Ùire às a dhèidh. Aig an stiùir bidh Cathy NicDhòmhnaill, ann an Glaschu, is Niall Iain Dòmhnallach, ann an Steòrnabhagh. Nan cuideachd, bidh aoigh eadar-nàiseanta no dhà, a bharrachd air Trail West, Sian, agus Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnain, agus Peat & Diesel a bhios a’ toirt soraidh slàn air a’ bhliadhna agus a’ cur fàilte air an tè ùr san dòigh aca fhèin.
Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Gàidhlig aig BBC ALBA: “Tha sinn cinnteach gum bi an taghadh sònraichte de phrògraman a th’ againn mar dheagh chuideachd airson nan seachdainean a tha ri thighinn, le stòraidhean inntinneach, tarraingeach agus brosnachail. Bidh àm ann airson coimhead air ais, cuimhneachadh, agus airson comharrachadh aoibhneil, is sinne a’ toirt thugaibh cuireadh a thighinn nar cuideachd airson àm na Nollaig air BBC ALBA”.
Faic barrachd fios mu Chlàr na Nollaig an seo
Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr bho BBC ALBA!