Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

BBC ALBA a’ tabhann taic ionnsachaidh tro àm a’ ghlasaidh

7 Faoilleach 2021

CBeebies ALBA

Bidh BBC ALBA a’ tabhann taghadh de phrògraman a chumas taic ri ionnsachadh clann-sgoile. Thèid prògraman leithid Baile Mhuilinn, A’ Bhùth, Leugh le Linda, Aithne air Ainmhidhean agus Saidheans Spòrsail a shealltainn mar phàirt den chlàr làitheil aig CBeebies is CBBC ALBA, leis na prògraman an uair sin rim faicinn air an iPlayer.

Bidh prògraman a bharrachd rim faotainn mar phàirt de cho-chruinneachadh ionnsachaidh air seanail iPlayer BBC ALBA bho 11 Faoilleach gu 2 Giblean. Gabhaidh seo a-steach susbaint bun-sgoile le cuideam air matamataig, àireamhan, litreachas agus eachdraidh. Bidh taghadh bhidiothan Bitesize mu matamataig, saidheans, litreachas agus cuspairean sòisealta airson na bun-sgoile ri fhaotainn anns a’ Ghàidhlig cuideachd.

Gheibhear tuilleadh goireasan ionnsachaidh do chloinn bun-sgoile agus àrd-sgoile aig ìre Nàiseanta 5 agus Àrd-Ìre air làrach-lìn Bitesize, bbc.co.uk/bitesize le goireasan na sgoile-àraich ri fhaotainn air bbc.co.uk/cbeebiesalba, agus gheibhear susbaint CBeebies agus CBC ALBA air sianal YouTube BBC ALBA.