Cothromachadh an àirde an dà chuid ann an reachdas agus ionmhas agus ann a bhith a’ planadh airson àm ri teachd didseatach adhartach airson na Gàidhlig – is iad sin na prìomh theachdaireachdan ann an lèirsinn àrd-amasach MG ALBA airson nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd.
Tha Lèirsinn: Mapa Slighe airson nam Meadhanan Gàidhlig, a chaidh fhoillseachadh an-diugh, a’ cur an cèill àm ri teachd far a bheil na meadhanan Gàidhlig aig cridhe coimhearsnachdan Gàidhlig; a’ cruthachadh fàs ann an comas cànain; na inneal eaconamach cudromach; agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil àite didseatach aig daoine òga a bhios deatamach ann a bhith a’ dìon a’ chànain san àm ri teachd.
Aig cridhe an lèirsinn adhartaich seo tha aithris rùin a tha a’ toirt prìomhachas do luchd-amhairc nam meadhanan Gàidhlig. Le targaidean farsaing a tha a’ cur fòcas air daoine òga, tha e follaiseach gu bheil na meadhanan Gàidhlig anns an t-saoghal dhidseatach mar rud riatanach ann a bhith a’ dèiligeadh ri suidheachadh na Gàidhlig anns an latha an-diugh.
A thuilleadh air buannachdan an luchd-amhairc, ’s e lèirsinn dàna a th’ ann airson nam meadhanan Gàidhlig, a tha a’ taisbeanadh nan cothroman sònraichte a dh’fhaodadh a bhith air an toirt gu buil airson ar coimhearsnachdan, cànan agus eaconamaidh.
A’ stiùireadh na lèirsinn seo, tha MG ALBA a’ comharrachadh a’ phàirt chudromach a th’ aig a’ choimhearsnachd, com-pàirteachasan agus a’ ghnìomhachas a tha bunaiteach do na meadhanan Gàidhlig, ach cuideachd tha iad a’ togail air na raointean cudromach a tha a’ cur bacadh air na meadhanan Gàidhlig bho bhith a’ lìbhrigeadh nan gealltanasan a dh’fhaodadh a bhith air an coileanadh.
Thuirt Cathraiche MG ALBA Ailean Dòmhnullach: “Tha an Lèirsinn ùr againn mar ghairm-dùsgaidh don luchd-ùidh agus na com-pàirtichean againn uile a thighinn còmhla gus bun-stèidh a thoirt do na seirbheis mheadhanan poblach Gàidhlig san àm ri teachd.
“Tha an lèirsinn seo a’ dealbhachadh cothrom nach fhaodar a leigeil seachad airson ar cultar agus ar eaconamaidh. Tha cunnart dha-rìreabh ann, mur a tèid na meadhanan Gàidhlig a stèidheachadh anns an t-saoghal dhidseatach, gum bi buaidh aig seo air a’ chànan agus na coimhearsnachdan againn.”
Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA Dòmhnall Caimbeul: “Tha Ofcom air a bhith a’ toirt rabhadh do chraoladairean gum feumar astar atharrachaidh nas luaithe a bhith ann airson an aois dhidseataich. Am measg rudan eile, feumaidh na meadhanan Gàidhlig dèiligeadh gu sgiobalta ri feumalachdan an luchd-amhairc nas òige le susbaint naidheachdan agus susbaint meadhanan eile nach eil an-dràsta comasach leis an in-ionmhais a th’ againn an-dràsta.
“Tha an Lèirsinn seo na Mhapa Slighe airson an dearbh rud sin a dhèanamh. ’S e moladh seilbheachd a th’ ann a tha a’ dealbhachadh mar as urrainn do na meadhanan Gàidhlig ceangal a dhèanamh le gach roinn den luchd-amhairc agus a bhith mar inneal airson fàs anns a’ chànan againn, sna coimhearsnachdan againn agus na h-eaconamaidhean againn. Tha e a’ sealltainn na h-uimhir as urrainn do na meadhanan Gàidhlig a lìbhrigeadh ma tha na h-innealan ceart aca.”
Leugh Lèirsinn: Mapa Slighe airson nam Meadhanan Gàidhlig an seo.