Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA: Sàr àite do dhaoine òga

17 Samhain 2021

Tha MG ALBA air creideas òir a chosnadh a-rithist mar shamhla air a chuid obrach le daoine òga sna meadhanan Gàidhlig.

Tha creideas òir bho Creideas nar Cosnaichean Òga a’ dearbhadh gu bheil MG ALBA a’ cruthachadh chothroman agus ag altram dhaoine òga, mar a chaidh a shealltainn leis na dreuchdan a th’ aig daoine òga anns gach raon obrach den bhuidheann.

Choinnich neach-measaidh le luchd-obrach bho air feadh na buidhne – oileanaich samhraidh nam measg – gus dearbhadh inbhe òr MG ALBA airson na trì bliadhna mu dheireadh airson an dàrna turas – an duais as àirde a tha ri fhaighinn.

Tha Com-pàirtiche Ionnsachaidh Air-loidhne, Rona Mhoireasdan, 22, mar aon den luchd-obrach as òige a tha ag obair làn thìde aig MG ALBA, is i ag obair sa mhòr-chuid air a’ phròiseact ionmholta ùr SpeakGaelic.

Thuirt Rona: “Tha e sgoinneil a bhith ag obair le daoine òga eile air pròiseact cho inntinneach agus cho cudromach airson ionnsachadh na Gàidhlig, agus tha fios agam gu bheil sinn uile den bheachd gu bheil fàilte agus luach air na beachdan againn.”

Air feadh saoghal MG ALBA, tha e soilleir gu bheil daoine òga a’ dèanamh feum de na cothroman a tha ann sgilean ùra ionnsachadh, a thuilleadh air a bhith a’ leasachadh na sgilean a th’ aca mu thràth.

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Stiùiriche Ro-innleachd agus Cùisean Taobh a-muigh MG ALBA: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil MG ALBA fhathast ga aithneachadh mar chompanaidh a tha a’ cur luach air daoine òga agus an riochd chudromach a th’ aca anns an obair againn.

“Tha frithealadh dhaoine òga aig crìdhe ar Lèirsinn: Mapa Slighe nam Meadhanan Gàidhlig, a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain-sa chaidh agus a tha a’ dealbhachadh ar lèirsinn airson an àm ri teachd nam meadhanan Gàidhlig.“

“Leanaidh sinn oirnn ag obair le daoine òga a’ dearbhadh gu bheil na h-aon cothroman aca a bhith mar phàirt de sheirbheis mheadhanan Gàidhlig brosnachail agus beòthail a lìbhrigeadh.”

B’ e MG ALBA a’ chiad bhuidheann Gàidhlig a choisinn ìre òir Creideas nar Cosnaichean Òga agus tha e cuideachd dearbhte mar bhuidheann Creideas nar Cosnaichean.

Tha Creideas nar Cosnaichean Òga na fhrèam-obrach a tha ag amas air luchd-fastaidh a chuideachadh gus na h-amasan gnìomhachais aca a ruighinn, le bhith ag altram cruthachalachd agus sgilean dhaoine òga, agus tha e ga ruith le Creideas nar Cosnaichean Alba.

Tuilleadh mu Creideas nar Cosnaichean Òga an seo.