Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

The Comedy Unit a’ lìbhrigeadh fealla-dhà ann an sitcom ùr BBC ALBA

12 Sultain 2023

Dithis charaidean òga a tha a-nis ag obair còmhla, tha Angela agus Ceitidh air an companaidh glanaidh aca fhèin a thòiseachadh gus brath a ghabhail air boom AirBnb. Ach le sgioba TBh nan cois, chan eil ùpraid fada air falbh san t-sreath èibhinn aig BBC ALBA, Glan Fhèin.

Tha Glan Fhèin air a riochdachadh le The Comedy Unit, a chruthaich Scot Squad, Still Game, Chewin’ the Fat, Gary: Tank Commander agus iomadh comadaidh eile.

Bidh an sitcom, a bhios mar aon de na prìomh phrògraman ann an clàr-ama foghair BBC ALBA, ri fhaicinn bho 20 Sultain aig 10f.

Tha Glan Fhèin air a sgrìobhadh leis na tàlantan comadaidh ùr Lana Pheutan agus Hannah McKirdy, a tha cuideachd nan cleasaichean sa phrògram, a’ cluich caraidean Angela agus Ceitidh.

Tha dithis luchd-obrach aig Angela agus Ceitidh – manaidsear oifis eagalach, Betty, air a cluich le Màiri Alice NicDhòmhnaill, agus an t-seann prìosanach Daniel, air a chluich le Calum Dòmhnallach. Chan eil duine cinnteach dè an obair a th’ aig Dido, am bràmair trom aig Daniel, ach tha Mairead Hamilton a’ toirt spionnadh èibhinn don charactar. Chi sinn cuideachd Seonaidh, air a chluich le Iain Beggs, agus a bhràthair, Calum, air a chluich le Sam James Mac a’ Ghobhainn anns a’ chiad phàirt aige air an telebhisean.


Cleasaichean Glan Fhèin. Sreath aghaidh C-D: Mairead Hamilton, Calum Dòmhnallach. Sreath cùil C-D: Màiri Alice NicDhòmhnaill, Hannah McKirdy, Lana Pheutan.

Tha an t-sreath cuideachd a’ nochdadh cameo bho rionnag stand-up Albannach, Stiùbhart Mac a’ Phearsain, a’ cluich neach-seilbh a bhios a’ dèanamh bùrach air fuaimneachadh ainm Gàidhlig an dachaigh shaor-làithean aige.

Tha Glan Fhèin ag amas air làmh an uachdar fhaighinn air an cuid co-fharpaisich. Ach chan eil cùisean a’ dol mar bu chòir dha Ceitidh agus Angela.…

Custamairean iarrtach, farpaisich gnìomhachais, luchd-iomairt feargach, luchd-obrach mì- riaraichte, beathaichean duilich, caimean, agus ceanglaichean romansach – is e obair shalach a th’ ann ach feumaidh cuideigin a dhèanamh!

Ach ge bith dè cho duilich ’s a tha cùisean, tha Angela agus Ceitidh deònach na miotagan rubair aca a chur orra, na squeegees aca a thogail agus gàire mhòr a dhèanamh.


Angela a’ teicheadh bho dhaoine feargach a’ gearan mu leataichean goirid.

‘S iad Hannah agus Lana na guthan comadaidh as ùire ann an Alba airson sgrìobhadh agus cleasachd. Tha The Comedy Unit air a bhith ag obair le grunn sgrìobhadairean-cleasaichean thar nam bliadhnaichean, gu sònraichte Greg Hemphill agus Ford Kiernan (Chewin’ the Fat, Still Game) agus Iain Connell agus Robert Florence (Burnistoun, The Scotts).

Coltach ris na com-pàirteachasan sin, tha Hannah agus Lana nan deagh chàraidean, a thug urram do na sgilean sgrìobhaidh aca air prògraman sgeidse mus do thionndaidh iad an aire gu sitcoms.

Le Glan Fhèin, tha iad air caractaran air leth a chruthachadh dhaibh fhèin, agus iad cuideachd air sgioba de dhaoine èibhinn a thoirt còmhla a chòrdas ris an luchd-amhairc air feadh na dùthcha.

Tha co-chruthadair Lana Pheutan ag ràdh, “Bhon latha a thàinig sinn suas leis a’ bheachd son ‘Glan Fhèin’ chun an latha mu dheireadh againn air seat, tha am prògram seo air togail a thoirt dhomh. Tha mi cho moiteil asam fhìn agus Hannah, a obraich cho cruaidh gus na caractaran iongantach a chruthachadh anns na sgriobtaichean againn. Bha sinn airson rudeigin a bha a’ faireachdainn ùr agus eadar-dhealaichte a sgrìobhadh, ach gum biodh caractaran agus coimhearsnachd ann a bhiodh an luchd-amhairc ag aithneachadh. Saoilidh mi gun robh e cho furasta an saoghal seo a thoirt beò, leis nach eil i idir fada air falbh bhon t-saoghal anns a bheil sinn an-dràsta, ach nas craicte le tòrr a bharrachd mì-mhodh. Tha fadachd orm an rud gu lèir fhaicinn, mi an dòchas gum bi a h-uile duine cho dèidheil air a tha mi fhìn.”

Chuir co-chruthadair Hannah McKirdy ris na tha sin, “Mar sgrìobhadairean òga, chan ann tric a bhios cothrom a’ nochdadh mar a fhuair mi fhìn is Lana ag obair air Glan Fhèin. Tha mi uabhasach fhèin moiteil às na sgriobtaichean a sgrìobh sinn, agus anns na caractaran ’s an saoghal a chruthaich sinn. Bha sinn cho fortanach gun robh cleasaichean cho math is cho tàlantach (Mairead Hamilton; Iain Beggs; Calum Dòmhnallach; Màiri Alice NicDhòmhnaill agus Sam James Smith) deònach a bhith an sàs ann, agus bha an obair a rinn iad ann a bhith a’ toirt na sgrìobh sinn beò iongantach. Tha mi an dòchas gun còrd Glan Fhèin ri daoine cho mòr ’s a chòrd e ris an dithis againne a bhith ga sgrìobhadh còmhla.”

Thuirt Rab Christie, Manaidsear Stiùiridh aig The Comedy Unit, “Tha sinn fortanach gu bheil sinn air a bhith ag obair còmhla ri Hannah agus Lana air stuthan comadaidh airson an dà bhliadhna a dh’fhalbh. Tha sinn air leth toilichte gu bheil McKirdy agus Pheutan air sitcom air leth a chruthachadh. ‘S e deagh bheachd a th’ ann airson prògram agus tha e a’ sealltainn dithis air leth aig cridhe a’ phrògraim, Angela & Ceitidh! Thathas an dòchas gum faigh an luchd-amhairc rudeigin èibhinn a dh’aithnicheas iad. Tha rudeigin ann dha neach sam bith a bha a-riamh ag obair le caraid, a dh’fhuirich ann an short-term let no a tharraing orra na miotagan rubair gus rudeigin grod a ghlanadh!”

Tha Bill MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh BBC ALBA, ag ràdh “’S e comadaidh air leth a th’ ann an Glan Fhèin – air a sgrìobhadh gu sgoinneil, làn de fhealla-dhà agus làn thaisbeanaidhean foirfe. Aig a chridhe tha e mu dheidhinn càirdeas – mì-chothromach agus mì-sgiobalta aig amannan, ach an-còmhnaidh le blàths cridhe.”

Thèid Glan Fhèin fhoillseachadh an toiseach air BBC ALBA air Diciadain 20 Sultain aig 10f. Bidh na trì prògraman rim faighinn air BBC iPlayer airson 30 latha às dèidh sin.