Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd – an geama mu dheireadh airson ‘guth na camanachd’ Ùisdean MacIllFhinnein

12 Sultain 2023

Tha an craoladair cliùiteach spòrs Gàidhlig Ùisdean Dan MacIllFhinnein gu bhith a’ gairm ùine air a chùrsa-dreuchd aithris ann an iomain às dèidh Cuairt Dheireannach Cupa Camanachd Tulloch Homes air 16 Sultain, a bhios beò air BBC ALBA.

‘S e a’ chuairt dheireannach, eadar Camanachd an Òbain is Ceann a’ Ghiuthsaich, an 100mh geama a thèid a chluich aig Pàirc a’ Bhucht ann an Inbhir Nis, agus ‘s e Ùisdean a bhios a’ toirt iomradh air, às dèidh a’ chiad chuairt dheireannach de Chupa na Camanachd a rinn e ann an 1983.

Rugadh Ùisdean, a tha cuideachd aithnichte do luchd-leantainn craoladh Gàidhlig air rugbaidh, iomain agus ball-coise, anns a’ Chaol, Loch Abar, ann an 1956. Chaidh e air adhart gu bhith na thidsear Gàidhlig, is e a’ teagasg a’ chànain aig Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn ann an Inbhir Nis. B’ ann an seo a choinnich e ri Iain Uilleam Caimbeul, a’ gabhail a-nall bhuaithe.

Nas fhaide air adhart sa bhliadhna, bidh BBC ALBA a’ craoladh prògram aithriseach mu bheatha is obair a’ chraoladair spòrs ainmeil, air a riochdachadh le Sgeul Media.

Tha Ùisdean air a bhith os cionn fàs ann an craoladh spòrs Gàidhlig agus leanaidh e air ag aithris air spòrs eile agus aithris air BBC ALBA airson mìos no dhà eile mus leig e dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna.

Tha coltas gur e geama gu math faisg a bhios ann eadar an dà sgioba, a tha air a’ chùis a dhèanamh air a chèile o chionn beagan mhìosan. Anns an Iuchar, b’ e Ceann a’ Ghiuthsaich a bhuannaich 1-2. Ach ‘s e Camanachd an Òbain a bhuannaich 2-1 nuair a choinnich an dà sgioba san Lùnastal.

Bidh misneachd aig Ceann a’ Ghiuthsaich, ‘s iad a’ tighinn a-steach dhan gheama seo le prìomh sgoraiche na farpais, Seumas Falconer, a tha air còig tadhail a bhuinnig ‘s iad a’ ruith dhan chuairt dheireannaich.

Bidh Cuairt Dheireannach Cupa Camanachd Tulloch Homes beò air BBC ALBA, iPlayer, BBC Radio nan Gàidheal agus BBC Sounds.