Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Dràma Ùr Gàidhlig airson BBC ALBA agus Sgrionaichean Eadar-nàiseanta

15 Màrt 2024

Thèid An t-Eilean a riochdachadh le Black Camel Pictures

Chaidh a chruthachadh le Nicholas Osborne agus a cho-sgrìobhadh le Patsi NicChoinnich

’S e Tom Sullivan an stiùiriche

Tha BBC ALBA air an t-sreath dràma Gàidhlig as motha agus as cliùitiche ann an eachdraidh na seanail a choimiseanadh.

Le buidseat de chòrr is £1millean gach prògram, ’s e dràma àrd-amasach, ceithir-phàirteach a bheir dràma Gàidhlig air feadh an t-saoghail an th’ anns An t-Eilean.  Thàinig an sgeulachd fìor tharraingeach bhon sgrìobhadair/neach-cruthachaidh, Nicholas Osborne (Remember Me agus License to Wed) ag obair cuide ris a’ cho-sgrìobhadair, Patsi NicChoinnich (Buidheagain agus An Clò Mòr).

Air a riochdachadh le Black Camel Pictures, (a riochdaich an t-sreath TBh ainmeil, Annika agus a th’ air duais BAFTA a bhuannachadh) agus air a stiùireadh le Tom Sullivan (aithnichte airson an fhilm Arracht), thèid An t-Eilean a chraoladh gu h-eadar-nàiseanta le taic bho MG ALBA agus bhon bhuidheann-sgaoilidh, All3Media International. Chaidh An t-Eilean a’ leasachadh le taic bho Sgrìn Alba.

’S e sgeulachd eucoir suidhichte ann an Innse Gall a th’ anns An t-Eilean. Tha e a’ leantainn teaghlach tro rannsachadh muirt am màthair a chaidh a lorg marbh ann an caisteal an teaghlaich. Tha a cuid cloinne, a tha a-nis nan inbhich, a’ tilleadh dhachaigh agus an athair fo cheasnachadh mu a bàs.

Thuirt Bill Macleòid, neach-deasachaidh coimiseanaidh aig BBC ALBA: “Bidh An t-Eilean buadhmhor dha BBC ALBA – leis a’ bhuidseat as motha, ’s e an dràma TBh as cliùitiche againn gu ruige seo.”

“Tha sinn an-dràsta a’ taghadh chleasaichean agus àiteachan àlainn airson filmeadh gus an sgeulachd sgoinneil Gàidhlig seo a thoirt beò do luchd-amhairc air feadh na cruinne”.

Tha dùil gun tòisich filmeadh ann an eileanan àlainn nan Eilean Siar as t-Earrach 2024.  Thig tuilleadh fiosrachaidh mu na cleasaichean a bhios san t-sreath a dh’aithghearr.

Thuirt Arabella Page Croft, Àrd-Riochdaire aig Black Camel Pictures: “Tha sinn air leth pròiseil a bhith a’ riochdachadh An t-Eilean, sreath dràma TBh àrd-amasach eile bho Black Camel agus a’ chiad sreath dràma Gàidhlig aig fìor àrd ìre a chaidh a dhèanamh ann an Alba!

“Tha e air a bhith na thoileachas agus na bhrosnachadh dhuinn am pròiseact gaoir-sgeul seo a leasachadh còmhla ri BBC ALBA agus tha sinn air bhioran gus an tòisich filmeadh ann an eileanan àlainn Leòdhais agus na Hearadh an ath mhìos.”