Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Tuilleadh maoineachadh eadar-nàiseanta airson pròiseactan BBC ALBA

25 Gearran 2020

Tha MG ALBA air foillseachadh an tuilleadh susbaint airson BBC ALBA, nam measg co-riochdachadh Chanèidianach ùr san amharc airson 2021.

Bha MacTV à Steòrnabhagh soirbheachail ann a bhith a’ gleidheadh £28.5k ann am maoineachadh leasachaidh airson pròiseact àrd-amasach eadar-nàiseanta leis an tiotal obrachaidh Secrets in the Peat.

Tha an Canada-Scotland Co-development Incentive for Television and Digital Media Content maoinichte le Maoin Mheadhain Chanada agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (le taic bho Sgrion Alba).

Tha seo a’ leantainn in-ionmhas aig an toiseach de £5k tron Mhaoin Cheilteach Eadar-nàiseanta – air a thaiceachadh le MG ALBA agus TG4 – aig deireadh 2019.

Thuirt Seumas Mac an t-Sagairt, Ceannard Riochdachaidh agus Leasachaidh aig MacTV:

“Tha aontaidhean leithid seo a’ cuideachadh le mòr-mhiann MacTV airson an tuilleadh fàs agus meudachadh a dhèanamh san sgèile de na tha sinn gu ruige seo air a choileanadh tro obrachadh le BBC ALBA agus ar co-obrachadh eadar-nàiseanta soirbheachail a tha a’ sìor fhàs.

“Tha seo a-nis a’ ceadachadh dhuinn tagradh sònraichte agus làidir a chur a-steach airson Secrets in the Peat gus a thoirt don mhargaidh eadar-nàiseanta.”

Cuideachd, dh’fhoillsich MG ALBA, am buidheann a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, gu bheil aontaidhean eadar-nàiseanta air susbaint a bharrachd le luach £8m a chruthachadh airson seanail Ghàidhlig na h-Alba.

Chaidh seo ainmeachadh aig an aon àm ’s a bha Leas-Phrìomh Mhinistear, John Swinney, a’ tadhal air oifis MG ALBA ann an Steòrnabhagh. Thuirt e:

“’S e naidheachd air a bheileas a’ cur fàilte a tha seo agus tha e mar theisteanas air an obair chudromach a tha MG ALBA a’ dèanamh gus taic a chuir ris a’ Ghàidhlig agus airson a brosnachadh.”

Tha an stuth ùr mar thoradh air grunnan bhliadhnaichean de dh’oidhirp le MG ALBA agus an cuid sholaraichean ann a bhith a’ leasachadh cho-bhanntachdan eadar-nàiseanta stèidhichte air cùmhnantan fad-ùine leis a’ chraoladair.

Airson luchd-amhairc BBC ALBA, tha na h-aontaidhean a’ ciallachadh prògraman ùra a bhiodh do-dhèante an dèanamh bho thaobh ionmhais. Airson riochdairean ùr-ghnàthach BBC ALBA, tha e a’ ciallachadh fàs ann an lìonraidhean eadar-nàiseanta, le cothrom an tuilleadh malairt a dhèanamh sna dùthchannan seo, a thuilleadh air na margaidean dùthchail aca fhèin.

Thuirt Deasaiche Seanail MG ALBA, Mairead Chamshron:

“Tha a bhith ag obair le com-pàirtichean eadar-nàiseanta a’ toirt cothrom a bhith ag ionnsachadh bho chàch a chèile agus a’ ciallachadh gu bheil BBC ALBA uidheamaichte gus a bhith a’ cruthachadh pròiseactan àrd-amasach ùra a bhios gu maith a’ ghnìomhachais air fad agus aig a’ cheann-thall, gu maith ar luchd-amhairc.”

A-nis, bidh MacTV a’ leasachadh Secrets in the Peat còmhla ris a’ chom-pàirtiche riochdachaidh Chanèidianach Cineflix, stèidhichte ann am Montreal, le dùil gun tèid an t-sreath a riochdachadh ann an 2021.

Bidh an t-sreath a’ rannsachadh seann dhìomhaireachdan nam monaidhean agus an dàimh sònraichte a th’ aig coimhearsnachdan riutha.

Seo an t-soirbheas eadar-nàiseanta as ùire airson a’ chompanaidh seo stèidhichte ann an Steòrnabhagh, a chruthaich ann an co-bhanntachd leis a’ chompanaidh riochdachaidh Chuimreach Cwmni Da, an t-sreath An Làn/Tide, mu eachdraidh nàdarrach. Maoinichte le BBC Northern Ireland, S4C, BBC ALBA, TG4 agus LIC China, bhuannaich Tide duais airgid aig na China Dragon Awards san Dàmhair 2019.

San t-Samhain 2019, dh’fhoillsich MacTV agus Cwmni Da cuideachd co-obrachadh leis a’ chraoladair Korean JTV agus bho chom-pàirtean An Làn/Tide gus sreath ùr de phrògraman-aithris a riochdachadh. Thèid Rain Stories a cho-riochdachadh le Below the Radar ann an Beul Feirste le dùil ri ionmhas agus riochdachadh as t-Earrach 2020 agus dùil ri chraoladh air BBC ALBA ann an 2021.

Tha MacTV an ceartuair air sreath a lìbhrigeadh – Thar na Loidhne/Crossing the Line – a’ toirt sùil air cluicheadairean òga, gealltanach à Èirinn agus Alba agus air am fàs tha an spòrs sin air fhaicinn. Air a cho-riochdachadh le Crawford McCann ann an Beul Feirste le maoineachadh bho MG ALBA, TG4 agus an ILBF. Thèid a chraoladh air BBC ALBA bho 2/3/20 aig an àm a bhios Farpaisean Rugbaidh nam Ban nan Sia Nàiseanan a’ dol air adhart.

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Stiùiriche ùr Ro-innleachd & Chùisean Taoibh A-Muigh aig MG ALBA:

“Tha lèirsinn eadar-nàiseanta air a bhith aig MG ALBA airson grunnan bhliadhnaichean mar phàirt de ar ro-innleachd Lèirsinn agus tha an luach seo de £8m de nuadh-shusbaint a’ sealltainn cho soirbheachail ’s a tha sinn air a bhith le sin.”