Tha am prìomh phrògram ionnsachaidh cànain, SpeakGaelic, air tilleadh gu BBC ALBA airson sreath ùr gus luchd-ionnsachaidh ùr agus luchd-labhairt a tha air a’ Ghàidhlig a chall a stiùireadh agus a bhrosnachadh.
Tha an t-sreath ùr seo a’ cur fòcas air a bhith aig adhartachadh comas cànain le Joy Dunlop agus Calum MacIlleathain ag obair còmhla ri luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-mheadhanach.
Gheibh an luchd-amhairc an dà chuid foghlam agus fealla-dhà fhad ’s a bhios am preasantair Joy a’ brosnachadh dhaoine gus Gàidhlig a bhruidhinn. Tron t-sreath seo, bheir i a-steach faclan agus abairtean air measgachadh de chuspairean làitheil leithid slàinte is sunnd, còcaireachd, spòrs agus àrainneachd.
Bidh Joy, a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig gu fileantachd i fhèin, a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh tro fhuaimneachadh agus briathrachas.
Bidh an t-sreath a’ nochdadh luchd-labhairt a tha air gabhail ris a’ chànan, bho luchd-ionnsachaidh ùr gu luchd-labhairt dùthchasach a tha ag iarraidh na sgilean aca a leasachadh agus an fheadhainn a tha air na sgilean cànain aca a thogail thar ùine.
Agus tha Calum MacIlleathain – a chaidh ainmeachadh mar phrìomh neach-buaidh TikTok na h-Alba o chionn ghoirid – gar toirt air tachartasan far na slighe timcheall Alba.
An cois an t-sreath TBh SpeakGaelic, tha cùrsa air-loidhne agus sreath ùr de podcast SpeakGaelic – air a thaisbeanadh le Iain Urchadan. Tha 13 prògraman rim faighinn air BBC Sounds, le prògraman ùra seachdaineil de SpeakGaelic Extra rim faighinn thairis air na mìosan a tha romhainn.
Thuirt Joy Dunlop: “Tha mi air bhioran a bhith a’ tilleadh le SpeakGaelic agus a bhith a’ toirt ar luchd-ionnsachaidh dàna gu ìre ùr nan turas Gàidhlig.
“Tha e na thoileachas dhomh a bhith an sàs sa phròiseact ioma-thaobhach seo agus a bhith a’ faireachdainn gu bheil sinn a’ toirt taic do ghinealach ùr de luchd-labhairt ùra.
“Tha an dealas agus an gaol airson a’ chùrsa cho math fhaicinn agus tha mi an dòchas gun cuidich e daoine eile a bhrosnachadh gus a’ chiad cheum a ghabhail air an t-slighe ionnsachaidh aca.”
Bidh an rannsachair Calum MacIlleathain cuideachd a’ nochdadh tron t-sreath.
Thuirt Calum MacIlleathain: “Tha mi air leth toilichte a bhith air ais air an rathad, a’ rannsachadh Alba agus a’ coinneachadh ri daoine bho air feadh an t-saoghail.
“Bho parkour, gu lorgan-coise dineosaur, agus dannsa Morris, chan eil dad ann nach fheuch mise co-dhiù aon turas!
Tha e a’ còrdadh rium gu mòr a bhith a’ ceangal nan tachartasan agus nan àiteachan ris a’ Ghàidhlig agus a’ coinneachadh ri luchd-labhairt na Gàidhlig eile cuideachd.”
Bidh an treasamh sreath de SpeakGaelic a’ craoladh air BBC ALBA gach Diluain aig 7.30f. Tha a’ chiad 13 prògraman san t-sreath seo rim faicinn a-nis air BBC iPlayer agus YouTube airson luchd-amhairc eadar-nàiseanta.
Gheibhear goireasan taice air-loidhne: www.speakgaelic.scot, tro na meadhanan sòisealta aig SpeakGaelic agus anns na podcastan is prògraman rèidio SpeakGaelic air BBC Sounds.