Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA a’ toirt taic do Sgioba Ball-coise WIIGA nam Ban airson soirbheachas aig Geamannan nan Eilean

18 Faoilleach 2023

Tha daoine gu mòr air am brosnachadh agus MG ALBA air ainmeachadh paca urrasachd chudromach a bheir taic do sgioba ball-coise nam ban aig Comann Ball-coise Gheamannan Innse Gall (WIIGA) air an slighe gu Geamannan Eileanach Eadar-nàiseanta NatWest 2023 ann an Geàrnsaidh agus tron cho-fharpais air fad.

Bidh suaicheantas brannd SpeakGaelic aig MG ALBA air fhoillseachadh gu follaiseach air aghaidh nan lèintean ball-coise a bhios air Sgioba Ball-coise WIIGA nam Ban gus sealltainn nan cothroman airson a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig do luchd-amhairc air feadh an t-saoghail a bhios a’ mealtainn nan Geamannan.  Bidh suaicheantas MG ALBA cuideachd a’ nochdadh air muilichinnean nan lèintean aca.

Is e meadhanan sòisealta MG ALBA an t-àite airson an sgioba a leantainn is iad ag ullachadh airson nan Geamannan oir bidh iad a’ cruthachadh susbaint air leth airson ùrlaran MG ALBA, a’ toirt fiosrachadh mun sgioba, an trèanadh agus ullachaidhean airson an tachartais mhòir a tha seo.

Thuirt Ealasaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche Sgioba Ro-innleachd & Chùisean Taoibh A-muigh:

“Tha MG ALBA pròiseil a bhith a’ toirt taic do Sgioba Ball-coise WIIGA nam Ban fhad ’s a tha iad ag ullachadh airson a bhith a’ riochdachadh nan Eilean Siar ann an Geàrnsaidh air an t-samhradh seo.  Bidh sinn a’ co-roinn nan Geamannan aca ri farsaingeachd de luchd-amhairc agus tro bhith a’ comharrachadh gu bheil sinn gan sponsaradh air na lèintean aca, a’ foillseachadh a’ chothruim a’ Ghàidhlig ionnsachadh tro SpeakGaelic.

“Tha seo a’ tighinn aig àm air leth inntinneach don bhrannd SpeakGaelic agus stuthan ùra na cùrsa air a bhith air an cur air bhog tràth san Fhaoilleach a tha ag amas air luchd-ionnsachaidh aig an ìre eadar-mheadhanach no fileantaich a tha airson an sgilean cànain a leasachadh.”

Thuirt Prìomh Choidse Sgioba Bhall-coise WIIGA nam Ban, Euan MacLeòid:

“Thathar gu mòr a’ cur meas agus fàilte air an taic leantainneach a tha MG ALBA a’ toirt do Sgioba Ball-coise WIIGA nam Ban.

“Tha sinn a’ creidsinn gur e com-pàirteachas foirfe a tha seo eadar dà bhuidhinn a tha ag amas air a bhith a’ riochdachadh agus a’ toirt taic dheimhinneach do ar coimhearsnachd.

“Tha an taic bho MG ALBA a’ dèanamh cinnteach gun lean luchd-cluiche ball-coise nam ban sna h-Eileanan an Iar orra a’ soirbheachadh, ag adhartachadh agus a’ dol air adhart gu sàr-mhathas a tha a’ sìor mheudachadh.

“Tha Sgioba Ball-coise nam Ban sna h-Eileanan an Iar an dòchas gum brosnaich iad caileagan bho air feadh nan Eilean againn air fad agus gum bi iad air am misneachadh ann a bhith a’ leantainn am bruadair a bhith a’ cluich an spòrs as toigh leotha gu mòr.”