Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Tha Ramsay MacMahon ag innse mu na còig àitichean as fheàrr leis ann an Alba air thoiseach air sreath 7 de Mach à Seo

19 Sultain 2023

Tha Ramsay MacMahon ag innse mu na còig àitichean as fheàrr leis ann an Alba air thoiseach air sreath 7 de Mach à Seo.

Bho Cataibh gu na Campsies, bhon bhaile mhòr gu na Crìochan, bidh am preasantair Ramsay MacMahon gar toirt còmhla ris a-rithist air na tachartasan deireadh-sheachdain aige a’ rannsachadh Alba ann an Mach à Seo’, air a riochdachadh le Caledonia TV.

Tha Ramsay ag innse mu na còig rudan as fheàrr leis bho na tursan aige, a thaobh rudan ri dhèanamh is rudan ri fhaicinn.

1. A’ cìreadh na tràghad – Tràigh Naoimh Fionan – Sealtainn

‘S e cabhsair mòr gainmhich nàdarra a th' ann an tràigh an Naoimh Fionan le muir air gach taobh. Gu tric air a nochdadh air stuthan sanasachd Shealtainn, tha an tràigh bhrèagha nach bu chòir seachnadh. Tha Ramsay a’  toirt iomradh air ‘tràigh glòrmhor’ agus ‘àite nàdarrail iongantach’.

Image

2. A’ feuchainn na ‘smokies’ – Obar Bhrothaig

Gnìomhachas teaghlaich den dàrna ginealach, chaidh Iasgaireachd Obar Bhrothaig a stèidheachadh ann an 1969, agus tha iad gu sònraichte a’ cruthachadh ‘Arbroath smokies’ no adagan slàn air an smocadh. Taghadh eile air liosta Ramsay, thuirt e: “Tadhail orra gus faicinn an t-iasg a’ smocadh, agus ceannaich e fhad ’s a tha e fhathast blàth. Tha e nas fheàrr nuair a tha e teth le tòrr ìm!”

3. Whisky Galore – Taigh-seinnse agus taigh- tasgaidh ‘Am Politician’ – Èirisgeigh

Tha Am Politician a’ faighinn ainm bhon eathar a chaidh a bhualadh – An SS Politician – air tìr far Èirisgeigh ann an 1941. Anns a’ bhàr, lorgaidh tu cuid de na stuthan a chaidh a shàbhaladh a chaidh a dhèanamh ainmeil anns an fhilm chlasaigeach Whisky Galore. Thuirt Ramsay: “Tha an gàrradh-lionn as fheàrr air a’ phlanaid aca, le sealladh air dol
fodha na grèine agus tha e cho faisg air an tràigh.” Tha an t-eilean làn eachdraidh, agus tha eileanaich fhathast a’ lorg botail bhon long-bhriste, le cuid dhiubh a chaidh a lorg an-uiridh nuair a ghluais fear a-steach do thaigh ùr!

Image

4. Amar airson sròn-adharcach – Pàirc Safari Blàr Dhruiminn – Sruighlea

Thug ‘Dot’, an sròn-adharcach gràdhach, buaidh mhòr air Ramsay nuair a fhuair e an cothrom amar a thoirt dhi aig Pàirce Safari Bhlàr Dhruiminn, Sruighlea. Thuirt Ramsay: “Bha fios aice dìreach dè bha a’ tachairt. Às dèidh nan taobhan aice a nighe, thionndaidh i timcheall gus am b’ urrainn dhomh sgrìob bheag a thoirt don tòn aice cuideachd!”

5. A’ luasgadh a’ chlaidheimh-mhòir – Baile Meadhan-aoiseil Dùn Charran – Gleann Charran

Mu dheireadh, tha Ramsay air a’ Bhaile Meadhan-aoiseil Dùn Charran a chur air an liosta de na h-àitichean a dh’fheumar fhaicinn. Bidh Ramsay a’ tadhal an seo agus abair gur e turas inntinneach a th’ ann.

Image

Chuir e seachad am feasgar ag ionnsachadh mar a nì e sabaid claidheimh còmhla ri Chick Allan. Tha Chick a’ nochdadh anns an fhilm Gladiator 2000, agus cuideachd tha e air ‘Combat International’ a stèidheachadh, a bhios ag ath-chruthachadh stoidhlichean sabaid agus coltas ghaisgich bho iomadh linn. Tha am Baile Meadhan-aoiseil na dhachaigh do acadamaidh trèanaidh airson a h-uile seòrsa sabaid, agus tha Ramsay air a chuir tro na ceumannan aige.

Tòisichidh an t-sreath ùr de Mach à Seo Diardaoin 21 Sultain air BBC ALBA. Bidh a h- uile prògram rim faighinn a-rithist air BBC iPlayer airson 30 latha às dèidh sin.