Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Na meadhanan Gàidhlig a’ faighinn aithneachadh air geàrr-liosta CMF 2022

30 Màrt 2022

Tha BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal gan aithneachadh an-diugh airson an cuid susbaint àrd-ìre agus iad a’ faighinn 14 àitichean air geàrr-liosta duaisean Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2022.

Am measg na chaidh ainmeachadh tha am prògram aithriseach sònraichte Trusadh: Afro-Gàidheil (MacTV) anns a bheil an ceòladair agus cleasaiche Cass Ezeji a’ coimhead air a cuid aithne cultarach na neach Black òg le Gàidhlig ann an Alba, agus a chaidh ainmeachadh an dà chuid airson an earrann as fheàrr ann an sreath aithriseach agus cuideachd an duais cliùiteach ‘Spiorad na Fèise’.

Chaidh susbaint ciùil traidiseanta BBC ALBA aithneachadh a-rithist agus fèill cho math ‘s a bha ann a-riamh air na prògraman sin, le Cuirm @ Celtic: Duncan Chisholm (Beezr Studios) a’ glèidheadh àite air a’ gheàrr-liosta airson Prògram Ciùil Beò. A’ leantainn air adhart leis a’ chuspair ceòl, tha God Save the Quine bho HG Productions, a tha a’ coimhead air a’ chuid as fheàrr de luchd-ciùil boireann ann an Alba agus mar a thàinig iad gu cliù air àite a ghlèidheadh air a’ gheàrr liosta airson Dibhearsain Aithriseach.

Tha a’ chompanaidh riochdachaidh neo-eisimeileach Sgeul Media, a tha stèidhte ann an Glaschu, air dà phrògram fhaighinn air na geàrr-liostaichean airson nam prògraman aithriseach tiamhaidh agus cudromach aca; Tha Dystonia: Beatha air Fhiaradh a’ leantainn sgeulachd DK Mac a’ Phì, a tha air a bhith a’ fulang fad a bheatha le dystonia, agus mar a tha a’ dol dha a’ sireadh leigheas air a shon. Tha Ceòl is Cràdh a’ coimhead air a’ bhuaidh a th’ aig gnìomhachas a’ chiùil air staid-inntinn luchd-chiùil, tro shùilean cuid den luchd-ciùil traidiseanta as fheàrr ann an Alba.

Tha susbaint BBC Radio nan Gàidheal cuideachd a’ faighinn aithneachadh le 6 àitichean air a’ gheàrr-liosta, leis an t-susbaint inntinneach bho fharpais na Euros 2020 Ailig aig na Euros a’ faighinn àite, a thuilleadh air an dràma ghoirid shònraichte Danns a’ Rathaid agus am prògram a thug sùil gheur air ais air mar a thuit banca BCCI às a’ chèile Staing BCCI – ‘S Iomadh rud buidhe ‘s chan e an t-òr.

Thèid buannaichean Duaisean Torc Fèis nam Meadhanan Ceilteach ainmeachadh anns an Ògmhios aig an ‘International Summit of Sound and Screen’ ann an Quimper anns a’ Bhreatann Bheag.

Gheibhear liosta slàn de na geàrr-liostaichean gu h-ìosal, ach airson tuilleadh fios, rachaibh gu https://www.celticmediafestival.co.uk.