Tha an t-sreath trì-phàirteach seo na phàirt de ghrunnan cho-obrachaidhean eadar BBC ALBA agus TG4 a’ dèiligeadh ri sgeulachdan eadar-nàiseanta.
Air a lìbhrigeadh le Anne McAlpine (Anne Lundon) (Landward, BBC News) airson BBC ALBA, tha An t-Uisge / Rain Stories a’ coimhead air mar a tha an t-uisge air buaidh a thoirt air ar cuid cultaran agus traidiseanan bho thoiseach an t-saoghail.
Bidh luchd-saidheans ga sgrùdadh, coimhearsnachdan ga mhiannachadh agus bidh riaghaltasan a’ feuchainn ri smachd a chumail air; tha An t-Uisge / Rain Stories a’ faighneachd dè dha-rìreabh a th’ ann, agus carson a tha e nas cudromaiche a-nise na bha e a-riamh agus an t-saoghal a’ coimhead airson fuasglaidhean ri linn staing na ghnàth-shìde.
Tha costaichean a’ Chuan Shiar ann an Èirinn agus Alba aithnichte airson an uisge a bhios a’ tuiteam gach bliadhna, ach ’s iad na dìleannan seo air am bu chòir dhuinn a bhith taingeil airson toraidhean nàdarrach nan sgìrean sin.
Ann an Ratharsair, far costa an Eilein Sgitheanaich, bidh Anne a’ tadhal air an taigh-staile gus faighinn a-mach a bheil fìrinn sam bith anns an abairt nach eil ann an uisge an latha an-diugh ach uisge-beatha an latha a-màireach.
Ach gheibh Anne a-mach nach bi an t-uisge daonnan a’ toirt bheannachdan nuair a thig e, is i a’ tadhal air Hill House ann am Baile Eilidh, a tha na làrach aig Urras Nàiseanta na h-Alba. Stèidhte air oir a’ choille-uisge mheasarra ann an Earra-Ghàidheal, tha Hill House a’ nis ga chàradh le cosgaisean nach beag, an dèidh deicheadan de chron a chaidh a dhèanamh leis an uisge.
Anns an t-sreath, ionnsachaidh luchd-coimhid gu bheil maireannachd an togalaich aithnichte seo, a chaidh a dhreachadh le Charles Rennie Mackintosh, an urra ri deise mòr dìonachd mun chuairt air, a tha a’ cuairteachadh an togalaich bhrèagha agus eachdraidheil seo.
Chì sinn taghadh de thraidiseanan cuideachd a tha ag amas air an uisge a chumail air falbh. Ann an Èirinn, bithear a’ fàgail ìomhaigh de Ìosa Chrìosd na leanabh, ris an can iad ‘the Child of Prague’ a-muigh anns a’ ghàrradh air an oidhche mus bi banais ann, le dùil gun cùm seo an t-uisge air falbh airson latha na bainnse.
Am measg nan sgeulachdan à Alba a tha sa phrògram tha na deuchainnean sònraichte a tha gan ruith leis an Oll. Mark Sutton agus Netty Van Dijk bhon UK Centre for Ecology & Hydrology. Innsidh iad do dh’Anne gu bheil iad airson sùil a chumail air truailleadh Nitrogen a bhios a’ faighinn a-steach don uisge bho thruailleadh chàraichean agus obair àiteachais. Tha an Dr. Edward Graham, bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean cuideachd a-mach air sileadh-searbhagach, agus seallaidh Gordon Cameron, às a’ Chomraich, ri mar a tha a’ choimhearsnachd air a’ ghoireas phailteachd aca, uisge, gus sgeama cumhachd-uisge coimhearsnachd a stèidheachadh.
Coinnichidh Anne cuideachd ri Michael Begg, neach-ealain fuaim à Lodainn an Ear a tha a’ cruinneachadh fuaimean an uisge gus ceòl a dhèanamh airson aire a thoirt air atharrachadh na gnàth-shìde.
Chaidh Light Water Is Black Water, a chaidh a choimiseanadh leis an Ocean ARTic Partnership, a chruthachadh le bhith a’ cleachdadh dàta sileadh uisge agus fuaim an uisge.
Chithear Michael a’ clàradh fuaim an uisge is e a’ bualadh chraobhan ann an coille ann an taghadh de shoithichean, bho phoit copair gu bobhla seinn à Tibet.
Am measg nan rudan sònraichte eile anns an t-sreath, a chaidh a mhaoineachadh cuideachd le Sgrìn Alba, a thuilleadh air maoin craolaidh Gàidhlig na h-Èireann aig NI Screen, TG4, LIC ann an Sìona, Creative Wales agus air a sgaoileadh le TVF International, tha traidiseanan iongantach bho air feadh an t-saoghail, airson an uisge a ghairm agus a chumail air falbh – le dhà dhiubh a’ buntainn ri bainnsean!
Ann an Assam anns na h-Innseachan, tha banais dà losgainn na thachartas bhliadhnail ioma-dathte, a bheir air monsunaichean a thighinn.
Thuirt Anne: “Tha pailteas de dh’uisge ann an Alba, agus an dèidh dhomh a bhith air fàs suas air a’ chost an iar, tha mi gu math cleachdte ri bhith a-muigh anns gach ràith, airson an dà chuid saothair agus tlachd. Bha e cho inntinneach a bhith ag obair air an t-sreath seo; a’ cladhach a-staigh dhan t-saidheans agus na sgeulachdan – agus an uiread dhiubh ann – air cùl uisge a bha na rud anns an robh ùidh mhòr agam, mar a th’ aig muinntir na h-Alba air fad!”
Aig an National Center of Meteorology ann an Abu Dhabi, choinnich Anne ri cuid den luchd-saidheans a tha ag obair a’ sìoladh nan neòil – atharrachadh sìde a tha ag amas air an uiread de dh’uisge a thuiteas àrdachadh anns an dùthaich seo a tha na fhàsach tioram airson a’ mhòr-chuid.
Thuirt i cuideachd:“Bha e sgoinneil a bhith ag ionnsachadh mu mar a tha an UAE mar dhùthaich a’ dèiligeadh le an cuid cion-uisge.”
Shiubhal Anne cuideachd gu Sharjah anns an UAE, gu stàladh ealain far am faigh thu air coiseachd tron uisge, gun a bhith a’ fàs fliuch!
Tha Rain Room na raon de mheud ceud meatair ceàrnagach far a bheil an t-uisge a’ sìor thuiteam. Nuair a choisicheas tu a-staigh dhan t-seòmar, bidh siostam mhothaichearan a’ cur stad air an uisge os do chionn, a’ leigeil leat coiseachd tron tuil gun a bhith air do bhogadh.
Thuirt Anne: “Bha e gu math annasach – fhad ’s a tha a’ ghrian a’ sgoltadh nan creag anns an fhàsach thioram a-muigh, tha thu nad sheasamh anns an t-seòmar dhorch seo a tha làn uisge a’ tuiteam!”
Tha an t-sreath co-obrachaidh seo eadar MacTV /Cwmni Da / Below the Radar / LIC a’ nochdadh sgeulachdan à Alba, Èirinn, Na h-Innseachan, Na Stàitean Aonaichte, Ceinia, Sìona agus an UAE.
Tòisichidh AN T-UISGE / RAIN STORIES air BBC ALBA Diciadain, 6 Giblean aig 9f. Bidh gach prògram ri fhaotainn airson 30 là às dèidh làimh air iPlayer a’ BhBC.