Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Sgoilearachd cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein

19 Giblean 2017

COTHROM AIR SGOILEARACHD MG ALBA ANN AN SGRÌOBHADH TBH

Mar phàirt de ro-innleachd MG ALBA trèanadh agus taic a thoirt do sgrìobhadairean Gàidhlig, tha cothrom aig sgrìobhadairean tàlantach Gàidhlig cur a-steach airson sgoilearachd luachmhor MG ALBA ann an Cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu.

’S e an cùrsa MA ann an Sgrìobhadh Ficsean Telebhisean Gàidhlig an aona cùrsa iar-cheumnach dha leithid san RA, a’ toirt seachad nan sgilean sònraichte do sgrìobhadairean gus tòiseachadh fhaighinn ann an dreuchd shoirbheachail ann an sgrìobhadh ficsean telebhisein agus tha MG ALBA a’ toirt taic do aon neach le Gàidhlig a’ chùrsa a dhèanamh. Tha cothrom ann cuideachd an cùrsa a dhèanamh pàirt-ùine thairis air dà bhliadhna.

Tha an cùrsa air a theagasg le measgachadh de sgrìobhadairean sgriobt agus luchd-obrach acadaimigeach, nam measg An t-Ollamh Ann Marie Di Mambro a tha air obrachadh air leithid Eastenders, Casualty agus River City, agus Chris Dolan, ùghdar agus sgrìobhaiche dheilbh-chluich a tha air obrachadh air leithid River City, Taggart agus thug e Inspector Rebus gu BBC Radio 4. Bidh oileanaich a’ chùrsa ag obair gu dian air co-dhiù dà shreath dràma a tha an-dràsta gan craoladh air telebhisean ann am Breatainn, ag ionnsachadh co-obrachadh air slighe sgeulachd agus cnàmhan sgeulachd, sgrìobhadh sgriobtaichean agus obair deasachaidh air na dràmathan.

Bhuannaich Mairead Hamilton an sgoilearachd ann an 2016. Stiùiriche dràma tàlantach, cluinnidh sinn beachdan Mhairead fhèin san bhidio ghoirid seo.

B’ e Seumas Mac a’ Mhaoilein a bhuannaich an sgoilearachd ann an 2015. Tha air a dhol air adhart gu bhith a’ sgrìobhadh airson dràma Gàidhlig BBC ALBA, Bannan, agus tha e air soirbheas a chosnadh cuideachd le comadaidh leth uair a thìde air a choimiseanadh le BBC ALBA a tha an-dràsta ga riochdachadh le Solus Productions.

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail BBC ALBA: “Tha sinn àrd-amasach ann a bhith a’ leasachadh sgrìobhadh Gàidhlig airson telebhisein agus tha an sgoilearachd seo na phrìomh dhòigh ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ leasachadh sgrìobhadairean làidir, cruthachail ann an Gàidhlig. ’S e cothrom air leth a tha seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri tagraidhean fhaighinn.”

Thèid sgoilearachd MG ALBA a thairgse do aon sgoilear, a tha fileanta sa Ghàidhlig, san t-Sultain 2017. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro Dhihaoine 5 Cèitean 2017.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air Cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein agus ciamar a chuireas sibh a-steach airson sgoilearachd MG ALBA, tadhalaibh air www.tvfictionwriting.com no lean @MATVGlasgow air Twitter.