Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Cothroman cleasachd ann an dà dhràma ùr

20 Ògmhios 2017

Tha MG ALBA, le na companaidhean Solus agus Sorbier, a’ sireadh tàlant cleasachd ùr airson dà dhràma a bhios ag amas air clann agus òigridh.

Bidh Solus Productions a’ tadhal air an Eilean Sgitheanach, Beinn na Faoghla, Glaschu agus Steòrnabhagh eadar 19 agus 24 Ògmhios airson coinneachadh ri òigridh agus iad a’ sireadh dithis ghillean (14-16) airson pàirt a ghabhail ann an dràma aithriseach eadar-nàiseanta air am bheil Clann an Dara Chogaidh, agus a tha air a riochdachadh le LOOKSFilms.

‘S e sreath le dràma a bhios an seo, stèidhichte air litrichean is leabhraichean latha bhon Dàrna Cogadh, agus air a shnìomh le stuth aithriseach agus tasglainn. Thèid an t-sreath a chraoladh air BBC ALBA ann an 2018/2019.

Thuirt riochdaire Solus, Jim Webster: “Tha Solus cho toilichte a bhith an lùib Clann an Dara Chogaidh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri toraidhean na deuchainn-chluiche. Mura bheil duine air chomas a bhith an làthair, cuiribh fios thugainn air p-d agus faodaidh sinn coimhead ri tagraidhean air-loidhne.”

Tha Sorbier Productions air a bith trang o chionn grunnan sheachdainean a’ sireadh chleasaichean òga – nighean agus gille – airson dràma chloinne a tha mar phàirt de dh’ iomairt eadar-nàiseanta eile tron EBU (European Broadcasting Union), agus a bhios ag amas air clann eadar 6 is 9 bliadhna a dh’aois. Thèid am film Gàidhlig seo a chraoladh tron Roinn Eòrpa agus nas farsainge, agus mar phàirt den iomlaid thèid filmichean chloinne bho iomadh ceàrnaidh den Roinn Eòrpa a chraoladh air BBC ALBA ann an 2018.

A rèir Patsi NicCoinnich bho Sorbier: “’S e rud air leth taitneach a th’ ann a bhith a’ riochdachadh film Gàidhlig do dh’òigridh, fo bhratach Eòrpach, leis an dìleab iongantach a th’ aig na dùthchannan sin ann an dràma. Tha sinn an dùil film a dhèanamh a sheasas a-mach, an Alba agus nas fhaid’ air falbh. Tha sinn gu h-àraid air ar dòigh, a bhith a’ faicinn clann le Gàidhlig bho air feadh na dùthcha a’ gabhail ùidh sa phròiseact, le miann mòr aca a bhith air beulaibh chamara. Tha an t-uabhas tàlant ùr a’ nochdadh.”

Às leth BBC ALBA, thuirt Mairead Chamshron: “’S e naidheachd mhìorbhaileach a tha ann gu bheil dà dhràma ghoirid gu bhith againn agus gu bheil cothroman gu bhith nan cois do chleasaichean òg le Gàidhlig. Tha sinn an dòchas gun tig na cleasaichean sin air adhart agus gun cuidich iad gus cliù dràma Gàidhlig àrdachadh air feadh na Roinn Eòrpa.”

Tha Clann an Dara Chogaidh air a riochdachadh le LOOKSFilms le taic bho Solus Productions. Tha dràma EBU air a riochdachadh le Sorbier Productions.

Bidh barrachd fiosrachaidh mu na deuchainnean rim faighinn aig mail@solusproductions.tv no 0141 353 2502.