’S dòcha nach eil sinn ag ullachadh ar teantaichean agus ar n-aodach-fèise ach tha BBC ALBA a’ dèanamh cinnteach gum bi ceòl gu leòr againn thairis air an t-samhradh.
Le fèisean agus cuirmean-ciùil toirmisgte, tha BBC ALBA gu bhith a’ tabhainn taghadh air leth de phrògraman-ciùil ùra airson nan oidhcheannan fada samhraidh.
A bharrachd air ceòl ùr sònraichte, thèid na criomagan as fheàrr bho thaghadh fhèisean thar nam bliadhnaichean a shealltainn.
Tha BBC ALBA air a bhith aig an fhìor thoiseach a thaobh a bhith ag atharrachadh susbaint gus freagradh air na suidheachaidhean neo-àbhaisteach seo, agus air a bhith ag obair gu sgiobalta gus cuirmean ciùil ‘virtual’ a chur air dòigh bhon taigh, agus chan e a-mhàin le luchd-ciùil Albannach, ach luchd-ciùil bho air feadh an t-saoghail.
Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail aig MG ALBA: “Nuair a bha fios againn nach robh e gu bhith comasach dhuinn a bhith a’ craoladh beò bho fhèisean ciùil agus cuirmean, ghluais sinn gu sgiobalta gus meòrachadh air dòighean a leigeadh leinn leantainn air adhart ann a bhith a’ toirt fealla-dha agus ceòl fèise don luchd-amhairc againn.
“Bha sinn airson prògraman-ciùil a chruthachadh a bhiodh fhathast a dh’fhaodadh an luchd-amhairc a choimhead bhon dachaigh, ach leis an spiorad choimhearsnachd agus co-eòlas a gheibhear aig tachartasan beò.”
’S iad dithis a tha aithnichte aig fèisean ciùil air BBC ALBA, Fiona NicChoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach a bhios a’ toirt faireachdainnean na fèise dhan luchd-amhairc, is iad ann an cofhurtachd gàrradh Fiona.
Ann am Belladrum 2020: Air Chuairt, bidh measgachadh de cheòl ùr agus ceòl bhon tasglann air a thaisbeanadh, le program sònraichte nas tràithe air an fheasgar, a’ sgrùdadh na tha a’ dèanamh na fèise sin cho sònraichte.
Chithear clàraidhean sònraichte de Edwyn Collins, Julie Fowlis, Mànran, Rachel Sermanni, Peat & Diesel, The East Pointers agus KT Tunstall, agus cuid de na prìomh chluicheadairean bho Fhèis Belladrum thar nam bliadhnaichean.
Nochdaidh Fèis Chiùil Thiriodh 2020: Air Chuairt ceòl ùr bho Skerryvore, Be Charlotte agus Callum Beattie, a bharrachd air taghadh-ciùil bhon tasglann, ceòladairean Thirisdeach agus na pìosan as fheàrr bho na fèisean.
Bidh Fiona agus Niall Iain cuideachd aig stiùir prògram fèise sònraichte aig Tide Lines, le ‘cuirm’ às aonais luchd-amhairc aig SWG3 agus ceòl eile air a dhèanamh aig astar sòisealta sna dachannan aca fhèin.
Tha an còmhlan-ciùil folk-rock-pop Tide Lines air soirbheachas a choisinn o chionn ghoirid leis an dàrna chlàr aca a’ nochdadh sna UK Album Charts agus a’ ruigsinn a’ chiad àite ann an clàr oifigeil Albannach.
A’ cur crìoch air samhradh chiùil BhBC ALBA tha cruinneachadh prògraman-ciùil le tarraing farsaing.
Bheir Ceòlas | A’ Chèilidh Mhòr an luchd-amhairc air turas a dh’Uibhist gus nochdadh aig cèilidh ‘virtual’ le cuid den phrìomh chluicheadairean agus oidean aig an fhèis cultural ceòlmhor ann an Uibhist a Deas.
Bidh cothrom eile ann cuideachd prògraman mìorbhaileach Peat & Diesel a bh’ air an craoladh na bu thràithe air a’ bhliadhna, agus program eile sònraichte de phrìomh thachartasan a chlàradh thairis air bliadhna le aon de na tàlantan as gealltanaiche ann an saoghal ciùil na h-Alba, Cailean MacLeòid, bho bhith a’ toirt taic do Robert Plant aig an 02 gu fèis ciùil SXSW ann an Texas. Tha samhradh ciùil BBC ALBA air thòiseachadh mar-thà, le sreath de ochd prògraman Ceòl Dùthchasach/Ken Burns’s Country Music a bhios a’ sgrùdadh cò às a thàinig ceòl dùthchasach, le Johnny Cash, Willie Nelson, Dolly Parton, Emmylou Harris agus Garth Brooks a’ nochdadh ann, am measg tòrr eile.
Ceòl Dùthchasach/Ken Burns’s Country Music – a’ tòiseachadh Dihaoine 3 Iuchar, 9f
Fèis Chiùil Thiriodh 2020: Air Chuairt – Disathairne 11 Iuchar, 9f
Colin MacLeod – An Ceòl – Diardaoin 16 Iuchar, 10f
Ceòlas| A’ Chèilidh Mhòr – Dihaoine 17 Iuchar, 8f
Peat & Diesel: That’s the Way we do it! – Disathairne, 18 Iuchar, 9f
Peat & Diesel: From the Barrow to the Barrowlands – Disathairne 18 Iuchar, 10.30f
Tide Lines: Air Chuairt – Disathairne 25 Iuchar, 9f
Belladrum 2020: Air Chuairt – Disathairne 1 Lùnastal, 9f