Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Rannsachadh ùr a’ dearbhadh gu bheil na meadhanan Gàidhlig aig cridhe ionnsachadh cànain

18 Dàmhair 2017

Tha rannsachadh ùghdarraichte a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag innse gu bheil na meadhanan Gàidhlig nam prìomhachas ann a bhith a’ cur taic ri luchd-ionnsachaidh agus a’ cur daoine air slighe ionnsachaidh sa chiad dol a-mach.

Tha an rannsachadh, air a dhèanamh le Meriel Young Consulting agus air a cho-choimiseanadh le MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig, ag innse gu bheil naoi a-mach à deich de luchd-ionnsachaidh na cànain a’ coimhead BBC ALBA agus gu bheil cha mhòr an dàrna leth de na daoine a tha air am brosnachadh gus Gàidhlig ionnsachadh ag ràdh gu bheil na meadhanan Gàidhlig nam prìomh adhbhar airson seo.

Tha an rannsachadh seo ga fhoillseachadh aig an aon àm ‘s a tha Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA, a’ mìneachadh oidhirpean na buidhne goireasan ionnsachaidh ùr a leasachadh airson luchd-ionnsachaidh, agus ag aithneachadh cho cudromach ‘s a tha e a dhol an sàs le daoine òga le Gàidhlig.

“Tha an rannsachadh seo a’ toirt dhuinn an fhianais air an robh feum stuthan ionnsachaidh ùr a leasachadh, mar a gheall sinn nar ro-innleachd Lèirsinn 2021. Tha an rannsachadh ullamh, tha sinn air sgrùdadh a dhèanamh air na goireasan cànain a th’ ann an ceartuair, agus tha sinn a-nis deiseil gus goireas ionnsachadh cànain thar iomadh ùrlar a chruthachadh air feadh LearnGaelic, BBC ALBA, Radio nan Gàidheal, na meadhanan sòisealta agus ùrlaran eile leis a’ BhBC agus le buidhnean eile. Tha an cead obrachaidh a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo chaidh le Ofcom a’ toirt ath-dhearbhadh air cho cudromach ‘s a tha seo airson BBC ALBA. Le dealas a’ BhBC airson Ionnsachadh agus àite nam meadhanan Gàidhlig ann a bhith a’ dèanamh seo comasach, tha sinn cinnteach gum bi am BBC gar taiceachadh leis an iomairt seo.”

Thuirt Ailean Dòmhnallach, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig mu thoraidhean an rannsachaidh: “Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le MG ALBA thar iomadh phròiseact co-cheangailte ri leasachadh Gàidhlig agus tha toraidhean an rannsachaidh seo a’ comharrachadh cho cudromach ‘s a tha BBC ALBA agus gu dearbha Radio nan Gàidheal airson maith cànan agus cultar na Gàidhlig a’ dol air adhart.

Tha tàladh dhaoine gus Gàidhlig ionnsachadh agus a’ cumail taic riutha deatamach airson Gàidhlig a chur air stèidh mhaireannach a’ dol air adhart. Tha seo a’ cur feum air goireasan agus airgead leantainneach gus dèanamh cinnteach gu bheil e comasach stuthan ùra a chruthachadh airson craoladh agus na stuthan a tha a’ cur taic ri ionnsachadh.”

Thug a’ Bh-uas Choineagan iomradh cuideachd air iomairtean MG ALBA a bhith ag obair le daoine òg. Am measg nan iomairtean sin, tha toiseach tòiseachaidh air leth soirbheachail den iomairt sgrìobhaidh: “Tha luchd-amhairc òg ro-chudromach airson Gàidhlig san àm ri teachd agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ toirt dhaibh stuthan ùra, inntinneach a bhios iad airson a choimhead air na h-ùrlaran iomchaidh dhaibh. Ri linn sin, tha sinn a’ coimiseanadh stuthan àrd-amasach, brosnachail a dh’obraicheas an dà chuid air BBC ALBA agus air na meadhanan didseatach. Tha rannsachadh ùr ag innse dhuinn gu bheil daoine òga a’ sireadh dràma agus comadaidh agus tha sinn air leth toilichte gu bheil ar co-bhanntachd ùr le BBC Writersroom Alba airson sgeama sgrìobhadh comadaidh Gàidhlig air còrr is 50 tagradh fhaighinn bho sgrìobhadairean agus sgiobaidhean sgrìobhaidh. Tha seo co-ionnan ri soirbheachas sgeamaichean air feadh na RA. Thathas a’ cur fàilte chridheil air an £50,000 a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid le Riaghaltas na h-Alba gus tàlant sgrìobhadh dràma Gàidhlig a leasachadh fhad ’s a tha sinn a’ leantainn le bhith a’ cur luach agus a’ cur goireasan gu ruige a bhith ag innse ar sgeulachdan fhèin air sgrion.”

Lean a’ Bh-uas Choineagain: “Tha Gàidhlig a’ strì gus a bhith beò. Tha feum air gluasadan mòra agus thathas ag iarraidh air coimhearsnachdan agus buidhnean air feadh Alba obrachadh còmhla gus cothroman ionnsachaidh Gàidhlig a chur am meud. Feumaidh luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh an guth a thogail agus dh’iarramaid air daoine air feadh Alba agus air feadh na RA Gàidhlig fhaicinn mar rud a tha prìseil dhaibhsan agus don nàisean air fad, chan ann a-mhàin mar bhuannachd chultarail ach mar phàirt bheothail de bheatha, eadar-mheasgte an là an-diugh.”

Tha aithisg Meriel Young Consulting ri fhaotainn an seo.