Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Geàrr-liosta Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA

7 Samhain 2017

Chaidh geàrr-liosta airson duaisean ceòl traidiseanta Albannach MG ALBA 2017 ainmeachadh an-diugh (Dimàirt 7 Samhain). Air fhaicinn mar an cuirm dhuaisean as cliùitiche ann an saoghal ceòl traidiseanta, thèid iadsan a bhuannaicheas fhoillseachadh aig cuirm dhuaisean ghleansach air Disathairne 2 Dùbhlachd, aig Ionad Lagoon Phàislig, le Pàislig a’ cur a-steach iarrtas airson UK City of Culture 2021.

Dh’fhoillsich Hands Up for Trad, am buidheann a bhios a’ cur an tachartas air dòigh, an geàrr-liosta tro Facebook live, agus chithear 16 duaisean air an sgaoileadh air an tàlant as fheàrr ann an gnìomhachas iomairteach Albannach. Fosglaidh bhòtadh an-diugh, Dimàirt 7 Samhain, gu 24 Samhain agus faodar bhòtaichean a chur tro www.scotstradmusicawards.com.

Bidh oidhche nan duaisean luma-làn ceòl beò, bho The Shee Big Band, a bhios a’ faighinn taic air an àrd-ùrlar bho na Shees ‘urramach’ a tha air cluich leotha thar 11 bliadhna, a bharrachd air na Elephant Sessions agus Siobhan Miller. Dèanaibh cinnteach nach caill sibh na tha sin! Tha tiocaidean a-nis rim faighinn – air fòn air 0300 300 1210 no tadhail air www.paisley2021.co.uk events. Faodar cuideachd am faighinn bho Ionad Ealan Phàislig.

’S e Clàr na Bliadhna (sponsairichte le Birnam CD) fear de na duaisean as cliùitiche. Le 10 air an ainmeachadh, bidh an duais seo air leth farpaiseach, le Elephant Sessions, Mànran agus Ímar a’ dol an aghaidh a chèile, cuide ri Ryan Young a choisinn duais Up and Coming Artist of the Year an-uiridh.

Tha Oban Live agus Killin Music Festival am measg na chaidh an ainmeachadh ann an duais Tachartas na Bliadhna (sponsairichte le VisitScotland), le Tiree Songbook agus EPL Events am measg Pròiseact Choimhearsnachd na Bliadhna (sponsairichte le Gordon Duncan Memorial Trust).

Tha Elephant Sessions, Ímar, Tide Lines agus Skippinish an àrd airson Còmhlan Beò na Bliadhna (sponsairichte le Greentrax) le Gnoss, Hò-rò, Heron Valley, Inyal agus Brighde Chaimbeul a’ dol an aghaidh a chèile airson Up and Coming Artist of the Year (sponsairichte le Royal Scottish Conservatoire).

Chithear liosta iomlan de na daoine ainmichte airson duais gu h-ìseal.

’S e amas Hands Up for Trad ceòl traidiseanta Albannach a bhrosnachadh do luchd-ciùil, luchd-èisteachd agus com-pàirtichean air feadh Alba agus nas fharsaing tro fhoghlam, fiosrachadh agus coiteachadh.

Thuirt Simon Thoumire, a stèidhich an tachartas, agus a tha ga chur air adhart: “Meal a naidheachd dha-rìribh orrasan a th’ air a’ gheàrr-liosta – tha sinn air ghoil gus fàilte a chuir orra a Phàislig airson cuirm nan duaisean. Tha sinn airson taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a chuir bhòt a-steach – co-dhùnadh nach robh furasta a ruighinn leis na tha de thàlant air leth ann an Alba. Tha Hands Up for Trads dìlseach ann a bhith a’ taisbeanadh an ìre de thàlant san dùthaich, agus tha na duaisean nan seud ann am bliadhna ceòl traidiseanta. Tha sinn air bhioran airson oidhche làn ceòl beò Disathairne 2 Dùbhlachd – dèanaibh cinnteach gum bi sibh an sàs!”

Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Conaltraidh MG ALBA, a bhios a’ toirt sponsaireachd dhan tachartas: “Tha Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA a’ taisbeanadh sàr thàlant ciùil Albannach. Tha sinne aig MG ALBA air leth moiteil a bhith a’ cur taic ri sin agus cho toilichte gu bheil tàlant Alba a’ faighinn ùrlar iomchaidh air BBC ALBA”.

Thuirt Jean Chamshron, a bha an urra ri tagradh Phàislig 2020: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ cur fàilte air Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA a Phàislig airson a’ chiad uair agus tha sinn cinnteach gum bi oidhche air leth ann.

Tha ceangalaichean làidir aig a’ bhaile mu thràth le ceòl traidiseanta Albannach – tha grunnan de na còmhlain air cluich aig Fèis Spree san Dàmhair agus tha sinn air faighinn a-mach gun cuir Pàislig fàilte air ais chun Mhòid ann an 2021 no 2022.

Cha b’ urrainn do oidhche nan duaisean san Dùbhlachd a thighinn aig àm na b’ fheàrr dhuinne – le dùil gu faigh sinn a-mach an robh sinn soirbheachail ann a bhith a’ faighinn urram UK City of Culture 2021 nas fhaide air adhart sa mhìos sin. Tha sinn a’ cur meal a naidheachd orrasan air fad a fhuair air a’ gheàrr-liosta agus a’ coimhead air adhart ri fàilte a chuir orra a Phàislig.”

Thuirt Ailean Moireasdan, Ceannard Chiùil aig Alba Chruthachail: “Tha am bliadhna air a bhith sàr soirbheachail airson ceòl Traidiseanta Albannach, an dà chuid aig an taigh agus thall thairis. Tha cuid den tàlant as fheàrr a th’ againn, òg agus sean, air a bhith a’ frithealadh fhèisean agus a’ seinn air an rèidio – aig an aon àm agus a’ buannachadh dhuaisean agus a’ faighinn luchd-èisteachd ùr air feadh an àite – agus tha Alba Chruthachail a’ guidhe gach maith dhaibh uile”

AN LÀN-LIOSTA:

Album of the Year sponsored by Birnam CDs

  • • Afterlight by Ímar
  • • All We Have Is Now by Elephant Sessions
  • • An Dà Là – The Two Days by Mànran
  • • An Dàn – Gaelic Songs for a Modern World by Mary Ann Kennedy
  • • Bere by Saltfishforty
  • • Fiddle + Guitar by Ross Couper + Tom Oakes
  • • Mac Ile by The Islay Sessioners
  • • Room with a View by Old Blind Dogs
  • • Ryan Young by Ryan Young
  • • Strata by Siobhan Miller

Community Project of the Year sponsored by Gordon Duncan Memorial Trust

  • • EPL events (Angus)
  • • SCaT (Aberdeen)
  • • Fun Fiddle (Edinburgh)
  • • Tiree Songbook

Composer of the Year sponsored by PRS for Music

  • • Adam Sutherland
  • • Ailie Robertson
  • • Lauren MacColl
  • • Angus MacPhail
  • • Aidan O’Rourke

Live Act of the Year sponsored by Greentrax Recordings

  • • Elephant Sessions
  • • Ímar
  • • Tide Lines
  • • Skipinnish

Citty Finlayson Scots Singer of the Year sponsored by Traditional Music and Song Association

  • • Hannah Rarity
  • • Iona Fyfe
  • • Siobhan Miller
  • • Claire Hastings
  • • Blue Rose Code

Up and Coming Artist Award sponsored by Royal Scottish Conservatoire

  • • Gnoss
  • • Hò-rò
  • • Heron Valley
  • • Inyal
  • • Brighde Chaimbeul

Music Tutor of the Year sponsored by Creative Scotland

  • • Emma Tomlinson
  • • Keith Dickson
  • • Dave Martin
  • • James Alexander
  • • Pippa Reid-Foster

Gaelic Singer of the Year sponsored by Macmeanmna

  • • Mary Ann Kennedy
  • • Alasdair Whyte
  • • Calum Alex MacMillan
  • • Robert Robertson

Folk Band of the Year sponsored by Threads of Sound

  • • Fara
  • • Josie Duncan and Pablo Lafuente
  • • Routes Quartet
  • • Talisk

Dance Band of the Year sponsored by National Association of Box and Fiddle Clubs

  • • Duncan Black Band
  • • James Coutts Scottish Dance Band
  • • John Carmichael Ceilidh Band
  • • David Halcrow Band

Scottish Pipe Band of the Year sponsored by The Glenturret Single Malt Whisky

  • • Inveraray & District Pipe Band
  • • Royal Mail Burgh of Annan Pipe Band
  • • Lochalsh Junior Pipe Band
  • • Dollar Academy Pipe Band

Club of the Year sponsored by Tradition Arts and Culture Scotland

  • • Edinburgh Folk Club
  • • Arc Sessions (Fochabers)
  • • Clydesdale Accordion Club (Lanark)
  • • Campsie Accordion & Fiddle Club

Instrumentalist of the Year sponsored by Royal Scottish Country Dance Society

  • • Jennifer Wrigley
  • • Roisin Ann Hughes
  • • Paul Anderson
  • • Gary Innes
  • • Maeve Gilchrist

Event of the Year sponsored by VisitScotland

  • • Killin Music Festival
  • • International Harp Festival (Edinburgh)
  • • Oban Live
  • • A Night For Angus (Shooglenifty at Celtic Connections)
  • • Wind Resistance (Karine Polwart)

Trad Music in the Media sponsored by Skipinnish

  • • BBC Radio nan Gaidheal A’ Mire ri Mòir
  • • BBC Radio 2 Folk Awards
  • • TradTV
  • • Seirm (Bees Nees Media)

Venue of the Year sponsored by Musicians’ Union

  • • An Lanntair (Stornoway)
  • • Tolbooth (Stirling)
  • • Knoydart Community Hall
  • • Glassel Hall (Aberdeenshire)