Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Prògraman na Nollaige air BBC ALBA

13 Dùbhlachd 2018

Bidh beartas de phrògraman ùra rim faicinn aig àm na Nollaige air BBC ALBA, bho phrògraman a bhlàthaicheas do chridhe gu dràma cloinne sònraichte, a thilleadh air ceòl is craic gu leòr eile cuideachd!

Ceathrar air Chuairt

A’ cur na Nollaig air a casan tha Ceathrar air Chuairt. Tha ceathrar dheugaire ag amas air faighinn tro fhàsach fharsaing ann an Alba, Innis an Iasgaich air Taobh Siar Rois. Thairis trì là, a’ tòiseachadh an oidhche ron Nollaig, bidh Calum MacIlleathain, ainmeil airson a phrògram fhèin air BBC ALBA ‘Dhan Uisge’ agus airson The Social, air a’ bhlàr a-muigh cuide ri Lachlan, Megan, Clare Frances agus Angus, Gheibh iad fiosrachadh agus na chumas beò iad, ach bidh rud no dhà eile ann a dh’fheumas iad ionnsachadh dhaibh pèin.

Thuirt Calum: “B’ e dùbhlan dha-rìribh a bha seo le gu leòr a’ dol ceàrr air an t-slighe! Chi luchd-amhairc mar a chaidh do cheathrar dheugaire àbhaisteach a’ dèiligeadh ri droch aimsir, coiseachd gun chiall agus ‘s dòcha an rud as duilghe buileach, a’ feuchainn gun a dhol a-mach air a chèile!”

Tha A’ Sireadh Sascha ag innse sgeulachd làidir, chumhachdach mu theaghlach a tha a’ sireadh mac agus bràthair. Chithear an seinneadair Mischa Nic a’ Phearsain a’ siubhal dhan Gearmailt le a h-athair Lachie, a’ leantainn nan oidhirpean aca am mac nach fhaca e bho chionn 34 bliadhna a lorg.

Airson luchd-amhairc òga BBC ALBA, tha dràma ùr ri fhaicinn air Là na Nollaig. Chaidh A-null ’s a-nall: Buidheagain, a chruthachadh mar phàirt de sgeama air a ruith le Aonadh Craolaidh na h-Eòrpa. Chaidh am film a sgrìobhadh le Patsi NicChoinnich agus a stiùireadh le Tony Kearney agus tha e ag innse sgeòil nighean òg, nach deach a-riamh dhan sgoil agus a tha air a teagasg le a màthair, agus mar a tha tuathanach suarach a’ feuchainn ri an ruaigeadh far an tuathanas aige.

Thuirt Tony Kearney: “’Le sgriobt air leth math agus cleasaichean òga fìor chomasach, bidh an dràma seo dìreach math fhèin airson teaghlaichean air Là na Nollaig.”

Rinn FUNC brag nuair a nochd e an toiseachd as t-Foghar air BBC ALBA, a’ còrdadh gu mòr ris an luchd-amhairc agus tha FUNC a’ tilleadh le amaideas agus craic gu leòr eile airson na Nollaig! Air a riochdachadh agus air a stiùireadh le Michael Hines, fear de chruthadairean Still Game, chi sinn caractaran air a bheil sinn uile eòlach bho shaoghal phoilitigs is eile.

Tha 30 bliadhna bho thachair tubaist Piper Alpha agus ann am Piper Alpha: An Sgàil cluinnear bhon neach-naidheachd Iona Ballantyne ’s i a’ coinneachadh ri teaghlaichean dhaoine a fhuair às beò agus feadhainn a chaill luchd-gaoil san tubaist.

An là às dèidh na Nollaig, chithear Colin MacLeod – When it Kicks In. Tha an seinneadair is sgrìobhadair òrain, Colin Macleòid à Eilean Leòdhais, air chuairt air gach taobh den Chuan Shiar às dèidh dha ainm a chur ri cùmhnant clàir ùr. Chì sinn e air chuairt le Jeff Beck agus Sheryl Crow, a’ nochdadh air The Late Late Show le James Corden agus a’ toirt taic do fhear a bha e a’ leantainn bho bha e òg, Robert Plant, san O2 ann an Lunnainn. Chan e dupadh chaorach, no iasgach nan giomach a th’ air aire neach-ciùil roc mar as trice, ach chan e rionnag roc àbhaisteach a th’ ann an Colin Macleòid.

Bho Chaorain gu Consoles

Bidh Bho Chaorain gu Consoles a’ dùsgadh chuimhneachain mu phrèasantan a thug toileachas dhuinn, rè nam bliadhna, air madainnean Nollaig, bho làithean nuair a bhithear a’ faighinn mòine agus gual gu làithean nan geamannan consoil.

Mànran aig Barrowland

Am measg nan tiodhlacan Nollaig eile air BBC ALBA bidh ceòl bho Mànran aig Barrowland agus seirbheis bho Eaglais Greyfriars ann an Dùn Èideann, Nollaig Chridheil à Dùn Èideann 2018.

Bheir Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire an 10mh ceann-bliadhna aig BBC ALBA gu crìoch à seann Talla Bhaile Ghobhainn, air bruaich Abhainn Chluaidh an Glaschu. Bidh aoighean am pailteas agus ceòl is craic gu leòr cuide ri Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach. Thèid fios a bharrachd a sgaoileadh nas fhaisg air an àm.

Aig ceann na bliadhna bidh cuimhneachan sònraichte againn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho chaillear an Iolaire le call beatha 201 neach. Bidh clàr de phrògraman ùra agus tasglann a’ toirt a-steach bàrdachd, ceòl, ealain, dràma agus sgeulachdan pearsanta air leth drùiteach. Thèid fios iomlan a sgaoileadh nas fhaisg air an àm.

Mànran aig Barrowland airs on Saturday 22 December at 9pm
Ceathrar Air Chuairt airs on Monday 24, Tuesday 25 and Wednesday 26 December at 8.30pm
A’ Sireadh Sascha airs on Christmas Eve at 9pm
Nollaig Chridheil à Dùn Èideann 2018 airs on Christmas Eve at 11pm
A-null ’s a-nall: Buidheagain airs on Christmas Day at 6.05pm
Bho Chaorain gu Consoles airs on Christmas Day at
FUNC airs on Christmas Day at 10pm
Colin MacLeod – When it Kicks In airs on Boxing Day at 9pm
Piper Alpha: An Sgàil airs on Hogmanay at 9pm
Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire airs on Hogmanay from 11:30pm