Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Iolaire 100 air BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal

18 Dùbhlachd 2018

Tha BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal a’ foillseachadh clàr-ama na Bliadhna Ùire gus cuimhneachan ceud bliadhna bho chall na h-Iolaire a chomharrachadh.

Tràth sa mhadainn air Là na Bliadhn’ Ùire 1919 chaidh an Iolaire air na creagan ann an sealladh caladh Steòrnabhaigh. Air bòrd bha fir a bha a’ tilleadh dhachaigh bhon a’ Chogadh Mhòr. Chaill 201 duine am beatha, ann an uabhas a thug buaidh leantainneach air sluagh Leòdhais is na Hearadh – air teaghlaichean agus caraidean a mhair beò agus air coimhearsnachdan nan eilean.

Tha BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal air clàr sònraichte de phrògraman a chruthachadh, a’ measgachadh bàrdachd, ceòl, ealain, tasglann, dràma agus sgeulachdan pearsanta gus cuimhneachadh air an tachartas uamhasach seo.

Bidh Radio nan Gàidheal a’ craoladh bho na tachartasan ann am baile Steòrnabhaigh tro fheasgar 31 Dùbhlachd, a’ tòiseachadh aig 7f troimhe gu dà uair sa mhadainn, àm na tubaist, agus a-steach gu feasgar a’ chiad latha den bhliadhna. Ge bith càite bheil sibh san t-saoghal bidh cothrom agaibh èisteachd ri na tha a’ tachairt far am bi daoine cruinn.

Thairis air 31 Dùbhlachd agus 1 Faoilleach, seallaidh BBC ochd filmichean goirid, Guthan na h-Iolaire. Ann an riochd dràma, cluinnear na thachair do cheathrar a bh’ air bòrd na h-Iolaire agus ceathrar a bh’ air tìr. Tha facail nan daoine air ath-aithris le actaran agus am measg nan sgeulachdan cluinnidh sinn mu Iain F. MacLeòid a shnàmh chun tìr le ròp a bha mar mheadhan air iomadh beatha a shàbhaladh agus Dòmhnall Moireasdan a chuir seachad an oidhche le grèim air crann na h-Iolaire.

Cuideachd air oidhche 31 Dùbhlachd, chithear film-bheothaichte glè shònraichte, air a chruthachadh le Catrìona NicIlleDhuibh. Tha clàraidhean-tasglainne de fir a chaidh an sàbhaladh agus fianaisean air am fighe còmhla ri sgòr drùidhteach ciùil bhon an fhìdhleir Sarah-Jane Summers, maille ri bàrdachd Iain Mhic a’ Ghobhainn.

Air Là na Bliadhna Ùire, chithear prògraman bhon tasglann agus prògraman ùra. Ghluais call na h-Iolaire iomadh neach gu sgrìobhadh, is iad a’ feuchainn ri greimeachadh air buaidh na thachair air teaghlaichean is coimhearsnachdan. Tha taghadh den bhàrdachd sin anns a’ phrògram Cuimhneachan – Iolaire. Ann an An Iolaire – Bidh Sinn a’ Cuimhneachadh, thathas a’ toirt sùil air mar a tha obair ealain a’ cuideachadh ann a bhith a’ cuimhneachadh agus a’ comharrachadh. Nas fhaide air adhart air an oidhche sin, chithear Sàl, pìos ciùil sònraichte bho Iain Moireasdan.

Bidh sgiobaidhean naidheachd BBC ALBA and Radio nan Gàidheal a’ toirt thugainn aithrisean sònraichte bho bhaile Steòrnabhaigh le cunntasan mun obair ullachaidh airson tachartasan cuimhneachaidh call na h-Iolaire.

Air 2 Faoilleach, ann an Sàr Sgeòil gheibhear sgeul le freumhan ann an call na h-Iolaire, air a sgrìobhadh le D S Moireach.