Mu Ar Deidhinn

English / Beurla

Mu MG ALBA

Bidh MG ALBA a’ lìbhrigeadh mheadhanan thairis air ioma-ùrlar gus fiosrachadh, foghlam agus dibhearsan a thoirt dhan luchd-amhairc againn tro mheadhan na Gàidhlig.

Maoinichte le Riaghaltas na h-Alba agus riaghlaichte le Ofcom, bidh sinn a’ dearbhadh gu bheil taghadh farsaing de mheadhanan Gàidhlig aig àrd ìre ri fhaotainn le muinntir na h-Alba agus le feadhainn a tha nas fhaide air falbh.

Leugh tuilleadh mu ar deidhinn tro na ceangalaichean gu h-ìosal:

Cùl-fhiosrachadh

Bidh MG ALBA a’ lìbhrigeadh ùrlaran BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC. Tha sinn a’ cur ri roinn nam meadhanan Gàidhlig a tha beòthail agus seasmhach, tro mhaoineachadh, coimiseanadh agus leasachadh riochdachaidh, sgilean agus tàlant. Stèidhte bhon phrìomh làrach againn ann an Steòrnabhagh, bidh MG ALBA a’ riaghladh obair làitheil BBC ALBA, a’ gabhail a-staigh taic deasachaidh, riaghladh a’ chlàir agus dearbhadh ìre càileachd.

Tha MG ALBA cuideachd a’ lìbhrigeadh nam branndan sòirbheachail FilmG agus LearnGaelic.

’S e MG ALBA an t-ainm gnìomha aig Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a chaidh a stèidheachadh fo ullachadh Achd Conaltraidh 2003.

Ghabh seo àite Comataidh Craolaidh Gàidhlig (CCG) (Gaelic Broadcasting Committee) a chaidh ath-ainmeachadh fo Achd Craolaidh 1996. Ron sin, b’ ann mar Comataidh Telebhisein Gàidhlig (CTG) (Gaelic Television Committee) a bha e air aithneachadh.  Chaidh a stèidheachadh fo Achd Craolaidh 1990.

Leugh barrachd mu dheidhinn ar Dleastanas & Reachdas agus ar Rùn, Lèirsinn & Luachan.

 

Tuilleadh mun t-Saoghal Againn

BBC ALBA

FilmG

LearnGaelic

SpeakGaelic

Naidheachdan

Rùn, Lèirsinn & Luachan

Sgioba MG ALBA