Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA agus Bòrd Na Gàidhlig a’ tabhann Sgoilearachd “LearnGaelic” aig Sgoil Ealain Ghlaschu

4 Iuchar 2017

MG ALBA agus Bòrd Na Gàidhlig ann an co-bhoinn le Sgoil Shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh aig Sgoil Ealain Ghlaschu a’ tabhann Sgoilearachd “LearnGaelic”

Geama ciùil FigureFlight, a choisinn duais ‘Curiosity Award’

Tha MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig air a thighinn còmhla le Sgoil Ion-shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh (SimVis) aig Sgoil Ealain Ghlaschu gus Sgoilearachd ùr “LearnGaelic” a thairgse, chaidh fhoillseachadh an-diugh, Dimàirt 4 Iuchar 2017. Tha an sgoilearachd seo ga cur air adhart mar phàirt de dhealas ùr a bhith a’ leasachadh ghoireasan eadar-ghnìomhach airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus cuirear taic ri neach ionnsachaidh na Gàidhlig gus àite a ghlèidheadh air ceum MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd aig SimVis a’ tòiseachadh bhon t-Sultain 2017.

‘S e gnìomhachas mòr agus fàsmhor a tha ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd, agus bheir an ceum MSc seo na sgilean do dh’oileanaich a bhith nam prìomh nuadhasairean ann an roinn a tha brosnachail agus a tha a’ sìor leasachadh. Mar phàirt den phrògram, bidh na h-oileanaich a tha soirbheachail a’ leasachadh ghèamaichean agus nithean mas-fhìorachd eile gus taic a chur ri ionnsachadh na Gàidhlig.

Thuirt Daniel Livingstone, Ceannard Phrògraman Iar-cheumnach aig Sgoil Ion-shamhlachaidh is Lèir-choltachaidh: “Tha Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd a-nis nam margaidhean cruinneil le luach nan ioma-billean, chan ann a-mhàin airson dibhearsain ach le buaidh agus comas air leth ann an ionnsachadh agus trèanadh, a’ ceangal dhaoine air feadh an t-saoghail agus ann an coimhearsnachdan iomallach. Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a’ co-obrachadh le MG ALBA agus Bòrd na Gàidhlig gus an cothrom seo a thabhann gus am bi cothrom aig oileanach Gàidhlig cuideachd ionnsachadh ciamar a thèid leasachadh a dhèanamh air aplacaidean ùra, bogaidh ann am mas-fhìorachd agus fìorachd-mheudaichte a chuireas taic ri luchd ionnsachaidh na Gàidhlig.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Chan e a-mhàin gu bheil miann mòr aig MG ALBA ann a bhith a’ leasachadh na Gàidhlig thar ùrlaran mheadhain traidiseanta leithid rèidio agus Tbh ach thathas daingeann gus dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a’ Ghàidhlig ann a bhith a’ leasachadh chruthan ùra de na meadhanan cruthachail anns an 21mh linn. Tha sinn gu mòr air bhioran a bhith a’ cur taic ris an sgeama sgoilearachd a bheir cothrom do neach a tha dealasach mun Ghàidhlig agus mu mhas-fhìorachd an cuid dùil a thaobh foghlam agus dreuchd a mheudachadh taobh a-staigh na roinne air leth cudromach seo. Tha sinn cuideachd toilichte gum faigh ùrlar LearnGaelic buannachd às an eòlas a thogas an neach a bhios soirbheachail. ‘S e gnìomhachas cruinneil a tha ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd agus bu mhath leinn dèanamh cinnteach gum bi pàirt aig a’ Ghàidhlig ann mar chànan beothail.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig agus a bhith a’ misneachadh dhaoine a bhith ga h-ionnsachadh agus ga cleachdadh aig cridhe obair Bòrd na Gàidhlig agus sinn daonnan a’ strì gus na dòighean ùra sin a choileanadh. Tha ùidh againn ann a bhith a’ faighinn barrachd a-mach mu ciamar as urrainn do theicneòlas ghèamaichean agus mas-fhìorachd a bhith feumail gus taic a chur gu ionnsachadh agus cleachdadh agus tha sinn cho toilichte a bhith nar com-pàirtiche ann an sgeama a bhios ag àraich ghoireasan ùra, didseatach airson Gàidhlig. ’S e cothrom sònraichte a tha seo airson cuideigin an cuid sgilean ann an teicneòlas gheamaichean agus ann an Gàidhlig a leasachadh is cothrom ann gun cuirear gu h-ùr-ghnàthachail ri mar a tha daoine ag ionnsachadh, a’ cleachdadh agus a’ toirt fa-near don Ghàidhlig san 21mh linn”.

Tha cùrsa MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd a’ tabhann do dh’oileanaich sgilean gluasadach airson a bhith a’ dealbhachadh, a’ leasachadh agus a’ sgrùdadh ghèamaichean agus choltachaidhean airson diofar raointean cur-an-gnìomh agus airson rannsachadh eadar-roinneil a dhèanamh air aplacaidean teicneòlais gheamaichean, gu h-àraid ann an cùram-slàinte, foghlam agus trèanadh.

Thèid sgoilearachd LearnGaelic a thabhann do aon neach a tha a’ fuireach san Rìoghachd Aonaichte no san Aonadh Eòrpach, a tha gu gnìomhach an sàs ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig Albannach, no aig a bheil fìor ùidh is miann, agus a thèid an sàs sa phrògram MSc san t-Sultain 2017. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 4 Lùnastal 2017.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh air Maighstireachd ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd agus ciamar a thèid tagradh a chur a-steach airson sgoilearachd LearnGaelic, tadhail air: http://www.gsa.ac.uk/learngaelic

MSc ann an Gèamaichean Reachdmhor agus Mas-fhìorachd: http://www.gsa.ac.uk/seriousgames

Airson tuilleadh fiosrachaidh bho GSA: Lesley Booth; 0779 941 4474; press@gsa.ac.uk@GSofAMedia

Airson tuilleadh fiosrachaidh bho MG ALBA: Viktoria Marker; 0141 422 6582; viktoria.marker@mgalba.com

Airson tuilleadh fiosrachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig: Murchadh Moireasdan; 01463 225 454 / 07983 445158; murchadh@gaidhlig.scot