Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

SPFL a’ foillseachadh cùmhnant craolaidh ùr le BBC ALBA

28 Ògmhios 2017

SPFL A’ FOILLSEACHADH CÙMHNANT CRAOLAIDH ÙR AGUS LEASAICHTE LE BBC ALBA

SPFL & BBC ALBA

-Geamannan bho Phremiership Ladbrokes, Championship, Lìog 1 agus Lìog 2 a thuilleadh air Cupa IRN-BRU air an sealltainn air BBC ALBA airson trì sèasanan eile-

Bidh cothrom aig luchd-leantainn bho air feadh na dùthcha ball-coise Albannach a choimhead beò agus ‘mar beò’ le geamannan bhon SPFL air BBC ALBA airson nan ath trì shèasanan an dèidh aonta ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Bha am Ministear airson Slàinte Phoblach agus Spòrs Aileen Chaimbeul BPA an cuide ri Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt, Ceannard an SPFL, Neil Doncaster agus Cathraiche Ross County, Roy MacGregor aig Pàirc Hampden gus an cùmhnant ùr a chuir air bhog.

Craolaidh an t-seanail Ghàidhlig telebhisein an dà chuid ball-coise beò agus ‘mar beò’ bho Lìog na h-Alba agus ball-coise Chupa, tro shèasanan 2017/18, 2018/19 agus 2019/20.

Airson gach sèasan, bidh còraichean aig BBC ALBA airson:

  • • Premiership Ladbrokes – 38 geamannan airson craoladh “mar beò”
  • • Championship Ladbrokes: ceithir geamannan lìog beò (gun a dhol seachad air aon gheama aig an taigh airson gach club)
  • • Lìog 1 & 2 Ladbrokes: dà gheama lìog beò (gun a dhol seachad air aon gheama aig an taigh airson gach club)
  • • Gach cuairt sa chuairt dheireannach ‘play-off’ de Championship Ladbrokes
  • • Cupa IRN-BRU: còig geamannan beò

Thuirt am Ministear Spòrs Aileen Chaimbeul: “’Tha ball-coise mar gheama nàiseanta na h-Alba agus tha sinn airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus a bheil e ri fhaotainn gu nas urrainn de dhaoine. Tha an t-aonta seo le BBC ALBA a’ leantainn an taic air leth a tha am BBC air a thoirt don SPFL a thuilleadh air a’ mhiann gus Gàidhlig a bhrosnachadh.

“Mar neach-leantainn ball-coise, tha fios agam cho cudromach ’s a tha an cothrom a bhith dha fhaicinn air an tbh mura bheil mi air chothrom a dhol chun gheama fhèin agus tha mi a’ coimhead air adhart chun nan ath tri shèasanan de bhall-coise Albannach air BBC ALBA.”

Thuirt Ceannard an SPFL, Neil Doncaster: “’S e cùmhnant air leth a tha seo airson ball-coise Albannach agus naidheachd mhath airson Alba san fharsaingeachd. Tha com-pàirteachas air leth torrach air a bhith aig an SPFL le BBC ALBA gu ruige seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an dàimh sin a leudachadh airson trì sèasanan a bharrachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil comas aig nas urrainn de luchd-leantainn ball-coise Albannach fhaicinn beò air an Tbh.

“Bho thùs tha BBC ALBA air a bhith taiceil airson ar geama agus tha an cùmhnant seo a’ toirt aire de bheachdan gach cuid clubaichean agus luchd-leantainn, gu h-àraidh ann an Championship Ladbrokes. Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri trì sèasanan soirbheachail eile le BBC ALBA.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha ball-coise Albannach air a bhith a’ còrdadh gu mòr ri luchd-amhairc bho thòisich an t-seanail a’ craoladh ann an 2008 agus tha sinn air ar dòigh an com-pàirteachas eadar BBC ALBA agus an SPFL a leudachadh chun deicheamh bliadhna agus air adhart.

“Tha am pasgan ùr a’ leantainn le na pìosan as fheàrr bho air feadh nan roinnean agus bho Chupa IRN-BRU agus tha sinn cho toilichte a bhith a’ toirt cothrom do na clubaichean sna roinnean taobh a-muigh na roinnean as aìrde, a tha a’ cur uiread ri ball-coise. Tha sinn dealasach ann a bhith a’ craoladh spòrs Albannach agus tha sinn fìor thoilichte a bhith ag obair le na clubaichean agus an SPFL sna sèasanan ri teachd.”