Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA ag ainmeachadh cùmhnantan riochdachaidh ioma-bhliadhnail BBC ALBA

8 Giblean 2021

Tha MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, air cùmhnantan riochdachaidh cudromach ainmeachadh a lìbhrigeas taghadh farsaing de phrògraman buadhmhor airson na seanail thairis air an ath trì bliadhna.

Nì seachd companaidhean riochdachaidh solarachadh air susbaint airson BBC ALBA agus na h-ùrlaran didseatach aige, a’ gabhail a-staigh dibhearsain, ceòl, prògraman chloinne agus prògraman aithriseach.

Chaidh na cùmhnantan a bhuileachadh air companaidhean stèidhichte air feadh Alba, nam measg feadhainn ann an Steòrnabhagh, Obar Dheathain agus Glaschu, agus tha iad a’ comharrachadh in-ionmhas sònraichte ann an roinnean cruthachail na h-Alba.

Tha aontaidhean ann am prionnsabal air an dèanamh leis na companaidhean a leanas:
• Mantra TBh (Dibhearsain Fìrinneach)
• Beezr Studios (Ceòl agus Tachartasan)
• MacTV (Prògraman aithriseach/Prògraman Fìrinneach stèidhichte air susbaint a chaidh fhaighinn)
• Caledonia TV (Prògraman aithriseach /Dibhearsain Fìrinneach)
• Midas Media (Prògraman aithriseach)
• Obh Obh Productions (Prògraman chloinne)
• Solus Productions (Prògraman chloinne)

Tha am modail trì bliadhna a’ toirt sàbhailteachd solarachaidh don t-seanail, a thuilleadh air bunait seasmhach a thoirt do chompanaidhean airson fàis, a’ gabhail a-staigh co-riochdachaidhean eadar-nàiseanta ann an cuid de ghnèithean.

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Coimiseanaidh & Ceannard Co-bhanntachdan Cruthachail aig MG ALBA: “Tha na h-aontaidhean ùra seo ag amas air dèanamh cinnteach gum bi sinn a’ lìbhrigeadh susbaint buadhmhor do luchd-amhairc BBC ALBA ann an àrainneachd a tha a’ sìor fhàs farpaiseach. Sa bhliadhna mu dheireadh tha sinn air faicinn luchd-solair BBC ALBA a’ freagairt gu luath agus gu cruthachail ann an suidheachaidhean a bha air leth dùbhlanach, agus tha na h-aontaidhean ùra seo a’ daingneachadh an comais a tha sin. Tha na h-aontaidhean ioma-bhliadhnail a’ cruthachadh bunait seasmhach airson leasachadh cruthachail agus coimearsalta.”

Thuirt Calum Aonghas MacAoidh, Àrd-Stiùriche a’ chompanaidh riochdachaidh Mantra TBh: “Tha mi fhèin agus an sgioba bho Mantra TBh a’ coimhead air adhart gu mòr ris a’ chothrom prògraman ùra chruthachail a thoirt gu BBC ALBA airson a’ chiad uair taobh a-staigh a’ mhodal riochdachaidh ioma-bhliadhnail seo.

“Leis an taic air leth bho MG ALBA, tha an cùmhnant ioma-bhliadhnail na chothrom mòr gus amasan Mantra TBh a choileanadh – tàlant agus obraichean ùra a thàladh chun na seanail aig an aon àm ri bhith dèanamh cinnteach gum bi gach prògram na thlachd mhòr dhan luchd-amhairc.”

Thuirt Patricia NicLeòid, stiùiriche aig Midas Media: “Aig Midas Media tha sinn air a bhith ag innse sgeòil air telebhisean airson còrr air fichead bliadhna. Tha sinn ann an suidheachadh sònraichte agus moiteil gu bheil MG ALBA a’ tairgse a’ chùmhnaint seo dhuinn gus prògraman aithriseach a lìbhrigeadh.
“Thairis air an ath thrì bliadhna, tha seo a’ toirt cothrom dhuinn prògraman buadhmhor a chruthachadh agus sgilean is tàlant a leasachadh anns an sgìre far a bheil sinn stèidhichte ann an Obar Dheathain. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri guthan is beachdan de gach seòrsa a chur air beulaibh an luchd-amhairc le sgeulachdan bho cheann ear-thuath na dùthcha agus nas fhaide air falbh, an dà chuid aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.”

Thuirt Alasdair MacCumhais, Àrd-Stiùiriche aig Beezr Studios: “Tha Beezr air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri MG ALBA gus taghadh inntinneach, tarraingeach de phrògraman a thoirt gu BBC ALBA thairis air an ath thrì bliadhna. Tha Alba loma-làn cheòladairean chruthachail a tha daonnan a’ tighinn an àrd le dòighean obrach iongantach agus ag obair am measg diofar ghnèithean. Tha an sgioba air fad aig Beezr gu mòr a’ coimhead air adhart ri cothrom an tàlant mìorbhailteach seo a thaisbeanadh air an t-seanail anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”

Thuirt Faye NicIlleathain, Ceannard na Gàidhlig aig Caledonia TV: “Tha sinn toilichte dha-rìreabh gun lean ar càirdeas le BBC ALBA, agus gum bi cothrom ann farsaingeachd de phrògraman ùra a dhèanamh do luchd-amhairc na seanail.”

Thuirt Seumas Mac an t-Sagairt, Ceannard Riochdachaidh agus Leasachadh aig MacTV: “Tha MacTV a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail air ar co-obrachadh cruthachail le MG ALBA, le taghadh farsaing de stuthan ioma-mheadhanan aithriseach aig àrd-inbhe thar na h-ath trì bliadhna.

“Bho chionn ghoirid, dh’atharraich cruth na companaidh agus ghabh an luchd-obrach sealbh air, agus tha an cùmhnant seo le MG ALBA na chothrom a tha gar misneachadh mar sgioba agus sinn ag amas air prògraman ùra, aig am bi fìor bhuaidh, a thoirt gu luchd-amhairc BBC ALBA.”

Thuirt May Smart stiùiriche na companaidh aig Obh Obh Productions: “Tha Obh Obh Productions air leth toilichte cùmhnant a ghleidheadh gus a dhol air adhart ann an com-pàirteachas le BBC ALBA, gus prògraman togarrach chloinne airson telebhisein a lìbhrigeadh. Tha fadachd oirnn airson ar sgilean, ar n-eòlas agus ar goireasan ùr-nodha a chur an cèill le snas.”

Thuirt Tony Kearney, Stiùiriche aig Solus Productions: “Bho 2013 tha Solus air àrd ìre de dhealbhan-beò air an tionndadh gu Gàidhlig a thoirt do luchd-amhairc òg BBC ALBA, le sgrìobhadh, cleasachd agus sàr riochdachadh aig cridhe seo.

“Tha a’ chùmhnant ùr ioma-bhliadhnail seo le BBC ALBA gu bhith a’ cur ris an t-soirbheachas seo, a’ togail agus a’ brosnachadh leudachadh leantainneach a thaobh tàlaint, agus bidh e a’ cur ri comas Solus Productions a bhith a’ tabhann obair a bharrachd do thàlant riochdachaidh Gàidhlig agus cleasaichean thar-ghuth.”