Tha MG ALBA an-diugh (Dimàirt 3 Dùbhlachd 2019) ag ainmeachadh Iseabail Nic an t-Sagairt mar Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair mar phàirt de dh’atharrachaidhean gus fòcas na buidhne àrdachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh susbaint aig àrd ìre ann an àrainneachd mheadhain a tha ag atharrachadh gu luath, agus gus togail air co-obrachadh agus ùr-ghnàthachas soirbheachail gu ruige seo.
Bha Iseabail Nic an t-Sagairt roimhe mar Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd agus tha i a’ stiùireadh coimiseanadh agus leasachadh ro-innleachdail susbaint Gàidhlig airson BBC ALBA air gach ùrlar, a thuilleadh air FilmG agus LearnGaelic. Am measg nan atharrachaidhean chithear cuideachd Fiona NicChoinnich air a h-àrdachadh gu Leas-Coimisinear, Didseatach. ’S e amas na h-obrach seo fàs a thoirt air solar susbaint ghoirid agus dol an sàs le na meadhanan sòisealta, a’ togail air obair shoirbheachail an Aonaid Dhidseataich thar an dà bhliadhna mu dheireadh. Tha na h-atharrachaidhean seo air an dealbhachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil gach co-dhùnadh susbaint ga dhèanamh le sealladh ioma-ùrlair.
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha na h-atharrachaidhean seo a’ sealltainn dealas MG ALBA a thaobh leasachadh agus fàs nam meadhanan Gàidhlig anns gach roinn den obair. Thèid togail air an t-soirbheas a tha air a bhith ann mu thràth le Iseabail, Fiona agus co-obraichean, taobh ri taobh ri coimhearsnachd cruthachail BBC ALBA – nam measg ìrean còrdaidh àrda eachdraidheil, an àireamh as motha a-riamh de dhuaisean agus àireamh luchd-coimhid nam meadhanan didseatach a tha a’ fàs gu luath. Am-bliadhna chaidh MG ALBA an sàs san àireamh a bu mhotha a-riamh de cho-obrachaidhean eadar-nàiseanta, a’ lìbhrigeadh luach sònraichte chun luchd-amhairc Gàidhlig – nì air a bheil sgioba MG ALBA ag amas fàs a thoirt.
“Ni na dreuchdan ùra seo cinnteach gu bheil MG ALBA ann an deagh shuidheachadh airson àite nam meadhanan Gàidhlig a dhaingneachadh mar as fheàrr a thèid aige air ann an àrainneachd mheadhain a tha ag atharrachadh gu luath, gus am buannachd as fheàrr fhaighinn às na cothroman a tha ann airson co-obrachadh agus ùr-ghnàthachas agus ar n-aghaidh a chur air an àm ri teachd le misneachd.”