Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

11 Craoladairean Eadar-Nàiseanta a’ tadhal air BBC ALBA

6 Dùbhlachd 2019

Tha BBC ALBA an t-seachdain seo air a bhith a’ cur fàilte air craoladairean bho air feadh an t-saoghail airson tachartas taisbeanadh phrògraman chloinne ùra dràma agus aithriseach airson Aonadh Craolaidh na h-Eòrpa (EBU).

Tha am BBC, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd le MG ALBA, air a bhith na chom-pàirtiche leis an EBU airson iomadh bliadhna, agus ’s e an EBU a thug na 11 craoladairean eile chun a’ BhBC ann an Glaschu.

San sgeama, feumaidh na craoladairean prògraman 15 mionaid de dh’fhaid a chruthachadh, uile mu dheidhinn an aon chuspair agus air an dèanamh ann an dòigh a tha furasta airson tionndadh eadar-nàiseanta a dhèanamh. Tha na com-pàirtichean an uair sin ceadaichte prògraman nan dùthchannan eile a chleachdadh air na seanailean aca fhèin.

Tha na prògraman dràma uile a’ leantainn a chuspair “innis dhomh rudeigin dìomhair” agus na prògraman aithriseach a’ leantainn “’S urrainn dhomh a dhèanamh”.

Tha craoladairean a’ tighinn bhon Spàinn, A’ Ghearmailt, Iapan, Fionnlainn, Serbia, a’ Phortagail, Poblach na Seic, Slobhinia, Bulgàiria, Croatia agus Èirinn.

Bha Deasaiche Coimiseanaidh MG ALBA, Uilleam MacLeòid, sa chathair thairis air an dà là. Thuirt Uilleam:

“Tha e sgoinneil gu bheil ar com-pàirtichean eadar-nàiseanta air a bhith còmhla rinn an seo ann an Glaschu, ag iomlaid bheachdan agus seallaidhean. ‘S e fòram cruthachail a th’ ann a tha cruthachadh nam filmichean eadar-nàiseanta as fheàrr airson clann, rudeigin a tha uabhasach cudromach do BhBC ALBA agus airson clann a tha ag iarraidh stuthan Gàidhlig aig àrd-ìre.

“’S urrainn susbaint chloinne mar seo a bhith cho tarraingeach air feadh an t-saoghail. Ge bith gur ann ann an Gàidhlig, Gearmailtis no Iapanais a tha e, tuigidh clann na teachdaireachdan agus na cuspairean anns gach sgeulachd.”

Tha BBC ALBA air pàirt a ghabhail san sgeama dràma airson trì bliadhna mar-thà agus an-uiridh, choisinn am prògram Buidheagain, le Sorbier Production, an duais airson prògram chloinne as fheàrr aig duaisean RTS Scotland am-bliadhna.

’S e Rùn dràma na bliadhna-sa, comadaidh mu dheidhinn a bhith ag èisteachd agus ag ionnsachadh. Thathas a’ faicinn mar a tha saoghal balach òg, bodhar a’ sìor atharrachadh ri linn caraid ceithir-chasach a tha mar na cluasan nach robh a-riamh aige.

Am bliadhna, tha BBC ALBA san sgeama airson prògraman aithriseach airson a’ chiad turas le Balach aig a’ Mhullach, far a bheil balach a’ feuchainn ri fearann a tha co-ionann ri Everest a shreap, beinn an dèidh beinn!

Bha Sorbier Productions, companaidh riochdachaidh stèidhichte ann an Glaschu, soirbheachail leis an dà choimisean seo agus o chionn ghoirid dh’ainmich iad gun d’ fhuair iad maoineachadh a bharrachd bho Young Audience Content Fund am BFI.

Thuirt Patsi NicChoinnich, Stùiriche Sorbier Productions:

“Tha e air a bhith cho feumail dhomhsa mar riochdaire agus cuideachd airson Sorbier agus na tha ag obair còmhla rinn gu bheil sinn air a bhith ag obair le com-pàirtichean bho air feadh na Roinn Eòrpa. Tha am pròiseas air fad air a bhith cho co-obrachail agus tha sinn cho toilichte gu bheil sinn an lùib sgeama a tha cho eadar-mheasgte agus ioma-chànanach.”

Thuirt Phillis Fermer, Àrd Riochdaire air sreath aithriseach cloinne an EBU:

“’S e bliadhna mhìorbhaileach a bh’ ann ag obair air na prògraman aithriseach le air com-pàirtichean bho air feadh na Roinn Eòrpa agus Iapan agus tha sinn air 10 film làidir ach eadar-dhealaichte a chruthachadh. Tha na prìomh charactaran bho na prògraman aithriseach againn bho diofar dhùthchannan, bho chultaran agus dòighean-beatha eadar-dhealaichte ach an aon rud gan ceangal ri chèile ’s e gu bheil a’ chlann faisg air an aon aois agus a’ strì an aghaidh dùbhlain phearsanta san aon dòigh. Tha na filmichean faireachail, fiosrachail agus sealltainn dhan luchd-amhairc anns gach dùthaich gu bheil sinn uile coltach ri chèile.”

Thuirt Beryl Richards, Àrd Riochdaire sreath dràma na cloinne an EBU:

“Tha e cho snog a bhith faicinn nan diofar nàiseanan a’ tighinn còmhla aig coinneamhan an t-sreath dràma againn agus tha mi mothachail gu bheil sinn uile a’ bruidhinn agus a’ tuigsinn an aon chànan cruthachail. Agus leis an tuigse cho-roinnte seo, bithidh filmichean nas fheàrr agus nas fheàrr againn.