Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA a’ cur fàilte air naidheachd Ofcom

30 Giblean 2020

Tha Ofcom an-diugh air ainmeachadh gun deach Màiri Kidd ath-shuidheachadh air bòrd MG ALBA.

Chaidh moladh Ofcom airson an ath-shuidheachadh aontachadh le Leas Phrìomh Mhinisteir na h-Alba agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, Iain Swinney, BPA. Tha seo an dèidh pròiseas measaidh a chaidh a stiùireadh le cathraiche MG ALBA agus agallamh ath-shuidheachaidh le Ofcom ann an Alba.

Tha Màiri an-dràsta na ball de Chomataidh Sgrùdaidh Bòrd MG ALBA. Tha i cuideachd na Ceannard Litreachais, Cànain agus Foillseachaidh aig Alba Chruthachail. Tòisichidh an dàrna teirm aice air bòrd MG ALBA air 1 Cèitean 2020 agus mairidh e airson ceithir bliadhna.

Mar a chaidh ainmeachadh le Ofcom anns an Dùbhlachd 2019, bidh Ceit-Anna NicLeòid a’ tòiseachadh na ball air bòrd MG ALBA, is i cuideachd gu bhith a’ tòiseachadh 1 Cèitean 2020.

Tha MG ALBA a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air Ceit-Anna, a tha na neach-lagha a thogadh ann an Leòdhas agus aig a bheil a’ Ghàidhlig bho thùs.

Tha MG ALBA a’ fàgail soraidh slàn le Jo NicDhòmhnaill agus Daibhidh Brew, a tha air na dreuchdan aca air a’ bhòrd a leigeil dheth an-diugh (30 Giblean), agus a’ toirt taing dhaibh airson an cuid obrach thairis air na bliadhnaichean. Bha an dithis aca nan cathraichean air comataidhean agus bidh MG ALBA gu mòr ag ionndrainn an cuid eòlais agus sgilean.