Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Fèis Rois agus BBC ALBA a’ tighinn còmhla

1 Cèitean 2020

Bidh cuirm-ciùil traidiseanta ga chumail air-loidhne le Fèis Rois oidhche Dhòmhnaich (3 Cèitean), agus ceòladairean aithnichte a’ gabhail pàirt mar chomharra air Fèis Rois nan Inbheach 30 bliadhna a ruigsinn.

Bidh taghadh den luchd-ciùil as aithnichte san t-saoghal thraidiseanta, a ghabh pàirt anns a’ chuirm bho na dachannan aca fhèin, rim faicinn a-rithist oidhche Luain airson clach-mìle na Fèise a chomharrachadh, le prògram sònraichte air BBC ALBA.

Bha Fèis Rois airson cuirm cheart a chur air dòigh le aodainn aithnichte na fèise, ach ri linn suidheachadh a’ Choròna-bhìorais, cha b’ urrainn dha sin tachairt. Na àite, chuir iad romhpa an deireadh-sheachdain seo de cheòl is dibhearsain a chumail air-loidhne.

’S i an t-seinneadair Joy Dunlop a bhios aig stiùir a’ phrògraim air BBC ALBA, a’ toirt thugainn na criomagan as fheàrr bhon chuirm mhòr air-loidhne, a mhaireas trì uairean a thìde.

Bidh ainmean mòra an t-saoghal chiùil thraidiseanta ann an Alba a’ nochdadh sa chuirm; Chithear Dòmhnall Seathach agus Karen NicMhathain; seòid ceòl-dannsa na Gàidhealtachd Iain MacPhàrlain agus Ingrid NicEanruig; seinneadairean Gàidhlig Mischa Nic a’ Phearsain, agus Brian Ó hEadhra agus Fiona NicChoinnich, am measg eile.

Thuirt Ceannard Fèis Rois, Fiona Dalgetty: “Tha sinn air ar dòigh gu bheil BBC ALBA a’ cumail taic ri na tha sinn a’ dèanamh gus 30 bliadhna den fhèis a chomharrachadh a thoirt do luchd-amhairc farsaing, agus cuideachd airson cuid den tàlant mhìorbhaileach a tha Fèis Rois air àiteacheadh thar nam bliadhna a thoirt gu aire an t-sluaigh. Tha e daonnan math barrachd aire a thoirt gu iomairt a tha air a dhol bho neart gu neart thairis air na trì deicheadan mu dheireadh, agus chuireadh sinn fàilte ro dhuine sam bith faighinn an sàs anns na gnothaichean air-loidhne a th’ againn an-dràsta.”

Thuirt Mairead Chamshron, Deasaiche Seanail aig MG ALBA, a tha a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Tha BBC ALBA a-riamh air a bhith ag amas air iomairtean coimhearsnachd, gu h-àraid anns na h-ealain, a thoirt gu aire dhaoine, agus tha luach gun shamhla air a bhith ann bho bhith ag obair le Fèis Rois air a’ phròiseact seo – tha diofar luchd-amhairc gan toirt còmhla, aig àm nuair a tha e gu math soirbh do dhaoine a bhith a’ faireachdainn air an sgaradh bho chèile”.

Thèid a’ chuirm mhòr 3 uairean a thìde a shealltainn air Facebook Fèis Rois, Didòmhnaich 3 Cèitean bho 8f. Gheibhear barrachd mu dheidhinn Fèis Rois air an làrach aca, www.feisrois.org, agus chithear a’ chuirm beò air an duilleag Facebook aca, an seo: www.facebook.com/feisrois

Thèid Fèis Rois | Bheir Dhomh am Fonn, a tha air a riochdachadh le Bees Nees Media, a chraoladh air BBC ALBA an ath-oidhche, Diluain 4 Cèitean aig 9f agus bidh e ri fhaotainn an uair sin air BBC iPlayer.