Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Màthair Trump aig cridhe clàr foghair BBC ALBA

12 Sultain 2019

Tha prògram aithriseach mu mhàthair Albannach a’ Chinn-suidhe Trump am measg nam prògraman a’ dearbhadh neart clàr BBC ALBA, is an t-seanail a’ dol a-steach dhan dàrna deichead bliadhna.

Tha am prògram, Màthair a’ Chinn-suidhe: Trump’s Mother, ag innse sgeul beatha Mhàiri Anna NicLeòid Trump, a h-òige agus a h-eilthireachd à Eilean Leòdhais gu na Stàitean Aonaichte.

Tha am prògram a’ toirt dhuinn criomagan sònraichte à litrichean eadar i fhèin is a caraid Agnes Stiven. Bha an dithis nighean a’ sgrìobhadh gu chèile nan òige agus bha Màiri Anna ag innse mun àmhghar a thachair rithe.

Le àireamhan de sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor fhàs ann am bailtean mòra na h-Alba tha ginealach de ‘millennials’ Gàidhlig a-nis air a’ Ghalltachd.

Thar cheithir phrògraman, tha sreath Na Millenni-Gaels a’ leantainn seachdnar dhiubh sin thairis air sia mìosan, a’ faicinn amannan cudromach nam beatha, bho a bhith ri ‘pole-dancing’ gu ionnsachadh draibheadh, agus a bhith nad phàrant airson a’ chiad uair.

Tha prògraman aithriseach làidir a ghlacas d’ aire an còmhnaidh aig teas-mheadhan clàr BBC ALBA. Tha an t-sreath leantainneach Trusadh a’ dèiligeadh le na dùbhlain beatha aig luchd LGDTC+ ann an cuid de choimhearsnachdan na dùthcha.

Tha an t-seanail cuideachd a’ taisbeanadh sgeulachdan brosnachail bho shaoghal spòrs, le aithris shònraichte air a’ chluicheadair-teanais soirbheachail Elena Baltacha, a bhàsaich le aillse ann an 2014 nuair nach robh i ach 30 bliadhna a dh’aois.

Cluinnidh sinn sa phrògram bho a caraidean, a càirdean, agus cuideachd bho Judy Mhoireach, a bha na meantor dhith tro a beatha.

Mar dhachaigh spòrs nam ban ann an Alba, tha BBC ALBA a’ craoladh ball-coise nam ban aig an taigh an Alba ach cuideachd gu h-eadar nàiseanta le bhith a’ leantainn nan sgiobaidhean Albannach ann an Champions League nam Ban agus sgioba Alba tro chuairt ro-fharpaiseach na Euros.

Chithear farsaingeachd de dhaoine ùra a’ nochdadh air an sgrìon as t-Fhoghar air an taiceachadh le sàr chruthachdas far an sgrìon a tha le chèile a’ toirt fìor bheartas gu clàr ùr BBC ALBA.

Tha an cleasaiche òg Màiri NicIllinnein a’ nochdadh ann an criomagan dràma Màthair a’ Chinn-suidhe agus san t-sreath ùr de Bannan còmhla ri Lana Pheutan, a tha cuideachd ri faicinn ann am FUNC, a bhuannaich an Comadaidh as Fheàrr aig duaisean RTS Alba na bu thràithe air a’ bhliadhna.

Bidh FUNC na tharraing do shluagh às dèidh leantainneachd a thogail tron a’ chiad sreath agus le cleasaichean òga, sgairteil agus sgrìobhadairean ealanta, bidh an luchd-amhairc toilichte gum bi a cheart-uiread de sceadsaichean èibhinn rim faicinn san dàrna sreath, air telebhisean agus air nam meadhanan sòisealta.

Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha e na bhrosnachadh mhòr gu bheil ginealach ùr de thàlant againn a’ cruthachadh prògraman airson BBC ALBA. Chithear iad a’ nochdadh air beulaibh camara anns gach gnè phrògram agus tha iad cuideachd a’ cur ri cruthachas riochdachaidh is grinneas teicniceach ar meadhanan craolaidh. Tha mi an dòchas gun còrd ar dràma, is na prògraman-aithriseach agus an sàr-chomadaidh FUNC gu mòr ribh cuide ris am pailteas de neamhnaidean eile a bhios rim faicinn ann an clàr foghair BBC ALBA.”

Tha prògraman ùra BBC ALBA a’ tòiseachadh Diluain 16 Sultain agus thèid Màthair a’ Chinn-suidhe a chraoladh Dimàirt 17 Sultain, 9f.

Clàr Prògraman an foghair