Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Luach £5m de phrògraman ùra

26 Màrt 2018

Luach £5m de phrògraman ùra airson BBC ALBA tro cho-riochdaidhean eadar-nàiseanta

• Barrachd phrògraman ùra airson na seanail tro cho-riochdaidhean eadar-nàiseanta
• Prògraman a bharrachd de luach £5m
• Dùil ris an tuilleadh phrògraman de dh’àrd chàileachd nach fhaighear mura biodh na h-aontaidhean seo ann
• Luchd-solair BBC ALBA nam prìomh chom-pàirtichean ann a bhith a’ cruthachadh cheanglaichean eadar-nàiseant

Dh’fhoillsich MG ALBA an-diugh (26 Giblean 2018) gu bheil iad air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ cosnadh stuthan a bharrachd airson BBC ALBA tro aontaidhean ùr-ghnàthach eadar-nàiseanta, air an treòrachadh leis an luchd-solair.

Tha sreath de dh’aontaidhean a’ cruthachadh luach £5.2m de phrògraman àrd chàileachd airson na seanail telebhisein Gàidhlig.

Tha an stuth ùr mar thoradh air grunnan bhliadhnaichean de spàirn agus oidhirp le MG ALBA agus an cuid sholaraichean ann a bhith a’ leasachadh cho-bhanntachdan eadar-nàiseanta stèidhichte air cùmhnantan fad-ùine leis a’ chraoladair. Tha na cùmhnantan a’ cur am follais mar a tha luchd-solair na seanail a’ co-obrachadh le companaidhean riochdachaidh sa Ghearmailt, An Danmhairg, Innis Tìle, An Fhraing, Nirribhidh agus Canada, a thuilleadh air Èirinn agus a’ Chuimrigh, agus airson a’ chiad uair, cothrom air co-bhanntachd Sìneach ann an 2019.

Airson luchd-amhairc BBC ALBA, tha na h-aontaidhean a’ ciallachadh prògraman ùra a bhiodh do-dhèante an dèanamh bho thaobh ionmhais. Airson riochdairean ùr-ghnàthach BBC ALBA, tha e a’ ciallachadh fàs ann an lìonraidhean eadar-nàiseanta, le cothrom an tuilleadh malairt a dhèanamh sna dùthchannan seo, a thuilleadh air na margaidean dùthchail aca fhèin.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA:

“’S e naidheachd chudromach a tha seo. Airson ar luchd-amhairc tha e na chomharra air in-ionmhas susbainteach ann am prògraman BBC ALBA – naidheachd air leth. Tha e a’ sealltainn gu bheil comas aig maoineachadh ann an craoladh Gàidhlig an dà chuid fàs a dhèanamh air an tuilleadh phrògraman airson na seanail agus a bhith na adhbhar airson spionnadh a chur ann am fàs ar luchd-solair, a’ gabhail a-steach co-bhanntachdan eadar-nàiseanta. Tha sinn moiteil a bhith ag obair san dòigh ùr-ghnàthach seo le ar solaraichean gus prògraman ùra fhaighinn airson BBC ALBA agus moiteil gu bheil craoladh Gàidhlig a’ treòrachadh na slighe ann a bhith a’ cruthachadh na co-bhanntachdan cumhachdach eadar-nàiseanta seo.”

Am measg nam prògraman a bhios air an craoladh ann an 2018/19 tha The Far Traveller, prògram aithriseach uair a thìde ag innse sgeulachd boireannach annasach Lochlannach bho 1000AD, riochdaichte leis an luchd-dèanamh film Innis Tìleach ProFilm agus MacTV, à Eilean Leòdhais, ann an co-bhanntachd le RUV, Maoin Film Innis Tìleach, Profilm agus Pegasus.

’S e co-riochdachadh Canèidianach Albannach a th’ ann an Bridge over the Atlantic, a’ sealltainn luchd-ciùil bho gach taobh den Chuain Shiair a’ rannsachadh an cuid dualchas ciùil coitcheann. Tha e riochdaichte le MacTV agus Skye Larke Productions ann an co-bhanntachd le CBC Atlantic, BBC Scotland agus le taic bho Roinn Coimhearsnachd, Cultar agus Dualchas Alba Nuadh, Riaghaltas Alba Nuadh agus Caidreachas Luchd-ciùil Chanèidianach.

Tha na h-aontaidhean a’ gabhail a-steach sreath eile de Port – prògram ciùil a tha a’ còrdadh ri mòran agus a thèid a-nis air chuairt san Roinn Eòrpa a’ taisbeanadh co-obrachadh le luchd-ciùil anns a’ Bhreatainn Bhig, Asturias agus Galicia. Tha Port riochdaichte le Bees Nees Media ann an co-bhanntachd le TG4.

’S e sreath àrd-amasach a th’ ann an Tide – a’ coimhead ri na sgeulachdan agus ris an saidheans a tha air cùlaibh fear de na rudan as iongantaiche ann an nàdar – an làn – a’ coimhead ris bho sheagh cruinneil agus nàiseanta. Riochdaichte le Cwmni Da agus MacTV, tha an t-sreath a’ faighinn taic bho S4C, BBC NI, TG4 le seilbheachd bho LIC agus Sky Vision.

Tha com-pàirteachas ann an aontaidhean co-bhanntachd ioma-Eòrpach na thaobh eile den dòigh obrachaidh eadar-nàiseanta seo, leithid Kids of Courage, an dàrna sreath de phrògraman dràma-aithriseach chloinne bho LOOKS Film & TV sa Ghearmailt, stèidhichte air leabhraichean-là agus litrichean bhon dàrna cogadh. A’ togail air a’ chiad sreath, Small Hands in a Big War, tha an dàrna sreath a’ coimhead ri beatha chloinne air feadh na Roinn Eòrpa ’s iad a’ feuchainn ri thighinn beò tron còmhstri. ’S e an sgeulachd bhon RA, sgeulachd Chaluim – sgeulachd deugaire le Gàidhlig a’ fàs bho bhith na bhalach gu bhith na fhireannach ann an Clydebank ann an Alba aig àm a’ Chogaidh.

Thuirt Deasaiche Seanail MG ALBA, Mairead Chamshron:

“Tha na h-aontaidhean seo a’ leigeil dhuinn prògraman a bharrachd a thoirt gu luchd-amhairc BBC ALBA nach biodh comasach nam biodh sinn ag obair leinn fhèin. Tha iad a’ lìbhrigeadh beairteas de phrògraman thar ghnèithean ciùil, aithriseach, fìrinn agus dràma. Bidh na prògraman a’ cur gu mòr ri clàr na seanail agus aig an aon àm a’ toirt cothrom dhaibhsan a tha sna prògraman agus na riochdairean an cuid sgeulachdan innse air ùrlar eadar-nàiseanta.”