Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Bursaraidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach

26 Màrt 2018

MG ALBA A’ BROSNACHADH PROIFEISEANTAICH AN AMA RI TEACHD

Tha MG ALBA a’ tabhann taic do phroifeiseantaich an ama ri teachd a bhith an làthair còmhla riutha aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2018 ann an Llanelli, A’ Chuimrigh, bho 2mh – 4mh den Chèitean.

Tha bursaraidhean ann airson triùir eadar 18 agus 30 bliadhna a dh’aois a tha airson dreuchdan a leantainn sna meadhanan Gàidhlig no a tha mu thràth ag obair air an cinn fhèin no airson companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach a bhios a’ riochdachadh phrògraman airson BBC ALBA.

Thèid cosgaisean siubhail, àite-fuirich agus clàradh aig an triùir a phàigheadh.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd MG ALBA: “’S e an Fhèis Cheilteach aon de na prìomh thachartasan a th’ ann, chan ann a-mhàin airson lìonrachadh ach cuideachd airson tuigse fhaighinn air dè tha a’ toirt buaidh air ciamar a tha an luchd-amhairc a’ coimhead agus a’ cleachdadh nam meadhanan. Tha sgeama bursaraidh MG ALBA air a bhith uabhasach soirbheachail, agus tha seo na theisteanas don ùidh a th’ aig òigridh thàlantach a tha airson dreuchd a leantainn anns na meadhanan Gàidhlig, gus feum a dhèanamh dhen a h-uile cothrom a tha ri fhaighinn.

“Tha sinn ag amas air a bhith a’ cur taic agus a’ bhith a’ brosnachadh an ath ghinealach de phroifeiseantaich sna meadhanan Gàidhlig, agus bheir cothroman leithid seo tuigse agus deagh bheachd dhaibh air a’ ghnìomhachas, agus a thuilleadh air sealltainn dhaibh cho cudromach ’s a tha sealladh eadar-nàiseanta airson riochdachadh dùthchasail agus prògraman seanail.”

Am measg nan tagraidhean soirbheachail bhon uiridh, bha am preasantair Calum MacIlleathain, a tha ag radh gur e “fìor deagh chothrom a th’anns an sgeama, gu h-àraidh airson coinneachadh ri daoine a tha ag obair anns a’ ghnìomhachas gu làitheil, airson do bheachdan a chuir thuca agus cuideachd airson tuilleadh cothroman-obrach fhosgladh dhut fhèin.”

Tha MG ALBA a’ sireadh bhidio goirid ann an Gàidhlig, suas gu 4 mionaidean a dh’fhaid, a thèid leis an tagradh, gus cothrom a thoirt do gach neach-tagraidh an tàlant, cruthachalachd agus sgilean a thaisbeanadh, a bharrachd air a bhith a’ mìneachadh na h-adhbharan aca airson a bhith a’ frithealadh na fèise.

Tha MG ALBA a’ tabhann cosgaisean siubhail, àite-fuirich agus clàradh a phàigheadh. Lean an ceangal seo airson bileag-iarrtais agus bu chòir duine le ùidh, post-dealain a chur gu sandra.corbett@mgalba.com airson tuilleadh fiosrachaidh. Feumaidh na h-iarrtasan a bhith aig MG ALBA ro 10f Diluain an 16mh den Ghiblean.