Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2016

17 Gearran 2016

MG ALBA A’ BROSNACHADH PROIFEISEANTAICH AN AMA RI TEACHD

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ tabhann taic do phroifeiseantaich an ama ri teachd a bhith an làthair còmhla riutha aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2016 ann an Dùn Garbhàn, Èirinn bho 20-22 Giblean.

Tha bursaraidhean ann airson còignear eadar aois 18 agus 30 a tha airson dreuchdan a thoirt a-mach sna meadhanan Gàidhlig no a tha mu thràth ag obair airson companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach a bhios a’ riochdachadh phrògraman airson BBC ALBA.

Thèid cosgaisean siubhail, àite-fuirich agus clàradh aig a’ chòignear a phàigheadh.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha Fèis nam Meadhanan Ceilteach cudromach mar thachartas far am faigh daoine a tha ag obair sna meadhanan ann an diofair dhùthchannan Cheilteach cothrom a thighinn còmhla. Tha MG ALBA airson gum faigh an ath ghinealach de chraoladairean Gàidhlig cothrom an fhèis a fhrithealadh airson ionnsachadh bho chuid den fheadhainn as eòlaiche anns a’ ghnìomhachas anns na dùthchannan Ceilteach agus cuideachd ann an New Zealand agus Astràilia. Tha MG ALBA cuideachd airson gum bi fàs eadar-nàiseanta sa ghnìomhachas agus tha sinn den bheachd le bhith an làthair aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach gur e cothrom math a th’ ann sealladh eadar-nàiseanta a thoirt dhaibh bhon toiseach.”

“An-uiridh fhuair MG ALBA aithne tro Creideas nar Cosnaichean Òga aig ìre Airgid airson an obair a tha sinn a’ dèanamh le bith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh an òigridh agus tha sinn a’ leantainn air sin le bhith a’ tabhann taic airson Fèis nam Meadhanan Ceilteach – tro fharpais FilmG (www.filmg.co.uk) agus le bhith a’ cuideachadh greisean-gnìomhachais fhaighinn do dhaoine san roinn chruthachail.”

Am measg na tha air taic fhaighinn airson a bhith an làthair aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach roimhe tha Vicky Kilgour a tha a-nis ag obair le Bees Nees Media, companaidh a bhios a’ riochdachadh phrògraman airson BBC ALBA agus TG4. Bha Vicky na neach-lìbhrigidh airson a’ chiad uair air BBC ALBA an-uiridh, a’ lìbhrigeadh sreath phrògraman bho Fhèis Chiùil Thiriodh. Thuirt Vicky: “Bha mi uabhasach toilichte an cothrom fhaighinn a bhith an làthair còmhla ri MG ALBA aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach roimhe. ’S e ceum mòr air adhart dhomhsa a bh’ ann a bhith còmhla ris an sgioba aig fèis mar sin agus a bhith a’ cur eòlas air proifeiseantaich à dùthchannan agus rinn e feum mhòr dhomh a bhith a’ bruidhinn riutha agus ceistean a chur orra. Cuideachd tha e feumail a bhith an làthair aig na diofar sheiseanan air diofar chuspairean co-cheangailte le craoladh anns an fharsaingeachd ach gu sònraichte craoladh sna mion-chànain.”

Chaidh a’ chiad Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chumail anns na h-Eileanan an Iar ann an 1980 agus thèid an 37mh Fhèis a chumail ann an Dùn Garbhàn le 510 iarrtasan air a thighinn a-steach – an àireamh as motha a-riamh airson na Fèise.

Bu chòir duine le ùidh, post-dealain a chur gu eilean.green@mgalba.com airson bileag-iarrtais. Feumaidh na h-iarrtasan a bhith aig MG ALBA ro 5f air Dihaoine 4 Màrt.