Chaidh prògram aithris BBC ALBA a shealltainn a-raoir aig Fèis Film FIN Atlantic ann an Canada.
Air fhilmeadh thar 3 bliadhna leis a’ chompanaidh neo- eisimeileach TrixPixMedia, tha San Fhuil / It’s in the Blood a’ toirt thugainn dealbh dlùth-chaidreach a’ leantainn cuairtean na bliadhna mar a bha agus mar a tha, air croitean ann an Uibhist a Deas.
Tha am filmeadair Beatrix Wood aithnichte a-nis airson nam prògraman a tha i a’ cruthachadh stèidhichte air daoine, cultar agus nàdar na h-Eileanan, le fòcas gu h-àraidh air a’ cheangal leis an fhearainn.
Thuirt Beatrix: “Tha a bhith a’ cumadh sgeulachdan a dh’obraicheas airson luchd-amhairc agus luchd-ùidh ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta air a bhith aig cridhe m’ obair bho d’fhàg mi sgoil film. Chòrd an sreath gu mòr ri daoine nuair a chaidh a chraoladh an toiseach air BBC ALBA agus tha sinn air ar dòigh glan gu bheil am film air a shlighe a dhèanamh chun mhargaidh eadar-nàiseanta.”
Sa phrògram, tha measgachadh de dh’earrainnean ùra, a thuilleadh air film agus deilbh bhon tasglann, a’ toirt sealladh nach eileas a’ faicinn tric air cuimhneachain agus sgeulachdan beatha nam prìomh charactaran.
Tha Fèis Film Eadar-nàiseanta FIN Atlantic, a mhaireas ochd là, a’ dèanamh luach air film agus meadhanan bho air feadh an t-saoghail, a’ tionndadh Halifax gu àite air ghoil le daoine le ùidh ann an filmichean.
Bho chionn cola-deug, bha dealbh-beò BBC ALBA Tha thu air Aigeann m’ Inntinn air a thaisbeanadh aig Fèis Film Goirid Cannes agus a bharrachd air an sin bha soirbheas air leth aig an t-seanail aig duaisean RTS Alba, a’ cosnadh ceithir duaisean.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC: “Tha seo a’ sealltainn a’ bhuaidh a th’ aig susbaint BBC ALBA gu h-eadar-nàiseanta. Tha sgeulachdan againn nach urrainn innse ach sna coimhearsnachdan againn fhèin agus tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na duaisean agus na fèisean seo a’ cuideachadh le bhith a’ sgaoileadh an teachdaireachd sin, agus ri linn sin, a’ meudachadh nan cothroman airson maoineachadh eadar-nàiseanta agus co-riochdachaidhean.”