Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Companaidhean a’ faighinn taic ghnothachail bho FOCUS agus MG ALBA

3 Dàmhair 2019

Chaidh còig chompanaidhean a thaghadh airson taic leasachaidh ghnothachail tro chompàirteachas sònraichte eadar FOCUS agus MG ALBA.

Dh’ainmich FOCUS an compàirteachas le MG ALBA san t-Iuchar am-bliadhna agus fhuair solaraichean BBC ALBA cuireadh airson cur a-steach airson taic saor an asgaidh le bhith a’ lìonadh foirm-iarrtais air làrach-lìn FOCUS.

Às dèidh pròiseas farpaiseach, chaidh na còig a leanas a thaghadh: Bees Nees Media, Caledonia TV Productions, Corcodal Productions, MacTV agus Mast-Àrd Studio.

Tha suas ri £10k ann airson maoineachadh an cothrom coinneachadh agus meantoradh fhaighinn bho eòlaichean air cùisean choimeirsealta. Tha seo a’ ciallachadh gum bi cothrom aig na companaidhean ath-sgrùdadh a dhèanamh air na cùmhnantan aca agus an seilbheach innleachdail aca, agus dh’fhaodar gun stèidhich sin pròiseasan agus sruthan-obrach èifeachdach.

’S e pròiseact thar dà bhliadhna a th’ ann am FOCUS agus bidh e a’ toirt seachad taic ghnothachail gu h-àraid airson companaidhean riochdachaidh ag obair ann an Alba. Le bhith a’ cur maoineachadh ri taic ghnothachail gu sònraichte airson na roinne seo tha am pròiseact ag amas gun cruthaich e roinn nas làidire, nas fulangach, le companaidhean a tha uidheamaichte airson gabhail na cothroman ùra airson craoladairean ann an margaidh caochlach. Tha Film City Futures a’ lìbhrigeadh FOCUS ann an co-bhanntachd le Scottish Documentary Institute, le taic bho chompàirtichean Sgrion Alba, Alba Chruthachail agus Scottish Enterprise.

O chionn beagan bhliadhnaichean tha MG ALBA air a bhith a’ rèiteachadh cuid de phrògraman BBC ALBA le co-aontaidhean eadar-nàiseanta. Tha na co-aontaidhean seo a’ ciallachadh luach de £5.2m de shàr-phrògraman airson seanail Ghàidhlig Alba.

Tha comhairlichean craolaidh na Televators, air a ruith le Kirstie McLure agus Nikki Tilley, gu bhith a’ tabhainn taic ghnothachail gu na companaidhean a bha soirbheachail. Tòisichidh na Televators sa bhad gus an cuidich iad na craoladairean ann a bhith a’ gabhail brath air na cothroman sna margaidhean aca. Dh’fhaodar gun adhbharaich seo fàs ann an lìonraidhean eadar-nàiseanta agus an seo ann am Breatainn.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “Le bhith ag obair gu dlùth le ar solaraichean agus FOCUS tha sin a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ neartachadh nan ceanglaichean eadar-nàiseanta a thaobh prògraman airson BBC ALBA. Tha an ro-innleachd seo air barrachd chothrom a thoirt do BhBC ALBA airson susbaint aig àrd-ìre ach tha e cuideachd a’ leigeil le ar solaraichean càirdeas a thogail ann am margaidhean eile a dh’fhaodar a bhith feumail dhuinn gu h-eacanomaigeach. Tha na h-aontaidhean co-riochdachaidh agus co-mhaoineachaidh seo cudromach airson a bhith ag adhbharachadh fàs agus leudachadh sna roinnean cruthachail againn.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: https://www.filmcityfutures.com/mgalba