
© Miikka Varila / Yle
Tha MG ALBA air urram cliùmhor a’ ghnìomhachais fhaighinn, le Somhairle Spins air ainmeachadh mar bhuannaiche na duais Prix Circom airson na roinn-seòrsa Tùsail agus Ùr-ghnàthach, duais a tha a’ comharrachadh beachd-smuainean dàna, sgeulan air an innse ann an dòigh ùr agus dòighean-obrach mac-meanmnach airson telebhisean Eòrpach is roinneil agus susbaint-air-loidhne.
Tha an duais a’ comharrachadh riochdachaidhean a tha a’ cur iongnadh air an diùraidh le tùsalachd, àrd-amas cruthachail agus cur an gnìomh tionnsgalach – an dà chuid air beulaibh agus air cùlaibh a’ chamara. Mhol britheamhan Somhairle Spins mar shreath brosnachail agus ùrachail a tha a’ sealltainn mar as urrainn do chraoladairean roinneil atharrachadh nan dòighean sa bheil iad ag innse sgeulan gus luchd-amais ùra a chompàirteachadh ann an dòighean brìoghmhor.
Chaidh Somhairle Spins a choimiseanadh le MG ALBA airson an t-seanail YouTube aig BBC ALBA agus airson an iPlayer aig a’ BhBC. Chaidh a leigeil mu sgaoil an toiseach air 13mh Faoilleach 2026, agus ann an ùine ghoirid tharraing e aire an luchd-amais 18-35 thar nan àrd-ùrlaran didseatach. Tha an sreath a’ leantainn Somhairle MacIain, cruthadair susbainte iomraiteach, agus e a’ siubhail air feadh Alba air a’ bhaidhsagal aige, aig amannan còmhla ri caraidean, teaghlach agus aoighean iongnaidh. Tha an sreath làn fealla-dhà, dàna-thursan, aighearan (agus dùbhlain!) an luchd-baidhsagail, agus iad a’ saidhcleadh tro dhealbhan-tìre sònraichte na h-Alba.

Tha Prix CIRCOM fhathast mar àrd-ùrlar cudromach airson sàr-mhathas agus ùr-ghnàthachadh a chomharrachadh ann an craoladh roinneil. Ann an 2026, bha 272 farpaisich bho air feadh na Roinn Eòrpa a’ gabhail pàirt ann, àireamh a tha gun samhal airson na duaise.
Bhathar a’ breithneachadh sa Ghiblean am-bliadhna, le buill na diùraidh à 14 dùthchannan diofraichte. Airson a’ chiad turais, fhuair an diùraidh taic bho bhuidheann de luchd-cleachdaidh òga nam meadhanan sòisealta, a bha a’ toirt seachad geur-bheachd air mar a bhios luchd-amais didseatach a’ compàirteachadh le mar a tha naidheachdan agus sgeulan air an innse.
Chuir an diùraidh cuideam air mar a bha an sreath a’ cleachdadh modh-obrach dàna ‘didseatach an-toiseach’, a’ coimeasgadh phìosan film a thugadh leis an rothaire fhèin, deasachadh air a dhèanamh gu luath agus dealbhadh lèirsinneach de dh’àrd-chàileachd gus stoidhle ùr a lìbhrigeadh airson innse sgeulan. Le bhith a’ cleachdadh iomadh camara, a’ gabhail a-steach GoPros agus innealan pearsanta, thathar a’ cruthachadh prògram a tha faisg ort agus far a bheil thu a’ faireachdainn pàirt dheth, fhad ’s a thathar a’ neartachadh compàirteachadh thar na sgrìn le eadar-ghnìomhachd leis an luchd-amais. Bhathar a’ toirt fa-near gum b’ e roghainn chruthachail a bh’ ann a bhith a’ cur gu feum a’ chliùiteachd a bh’ aig Somhairle air meadhanan sòisealta mar-thà, rud a tha air luchd-amais nas òige a thàladh don chraoladair.
Bha am modail riochdachaidh a chaidh a chleachdadh air cùlaibh an t-sreatha ùr-ghnàthach cuideachd. A bharrachd air cur gu feum gnàth-eòlas Shomhairle ann a bhith a’ togail dhealbhan dha fhèin airson àrd-ùrlaran didseatach, stèidhich MG ALBA agus Solus Productions co-obrachadh san robh iad a’ co-phàirteachadh eòlas, le stiùiriche agus tàlant deasachaidh Gàidhlig air am paidhreachadh le stiùiriche agus deasaiche a tha air speisealachadh ann an susbaint ‘didseatach an-toiseach’. Bha am modh-obrach seo a’ dèanamh cinnteach gun robh an sreath a’ faireachdainn dùthchasach do luchd-amais didseatach agus fìrinneasach mar phrògram Gàidhlig, fhad ’s a bhathar a’ toirt taic do leasachadh sgilean taobh a-staigh raon riochdachaidh na Gàidhlig.
Thuirt Lisa Annette, Àrd-riochdaire airson MG ALBA: “Chaidh an sreath seo a choimiseanadh mar phàirt de ro-innleachd nas fharsainge aig MG ALBA airson barrachd chunnartan cruthachail a ghabhail gus am faod sinn frithealadh don luchd-amais nas òige againn ann an dòigh nas fheàrr, agus tha sinn moiteil gun d’ fhuair sinn an t-aithneachadh seo. Bhuannaich sinn ann an roinn-seòrsa a tha a’ comharrachadh ùr-ghnàthachadh, tùsalachd agus beachd-smuainean dàna, agus tha sin a’ nochdadh an tàlaint agus dealais air leth a bh’ aig a h-uile duine a bha an sàs ann a bhith a’ cruthachadh Somhairle Spins.”
Thuirt Jim Webster, Àrd-riochdaire aig Solus Productions: “Tha a h-uile duine air an dòigh gun deach Somhairle Spins aithneachadh le bhith a’ buannachadh duais cho cliùmhor. Thug Somhairle, Jonny agus a h-uile duine san sgioba sreath sgoinneil ri chèile air a lìonadh le fearas-cuideachd, blàths agus tionnsgnachd. Air an t-slighe, fhuair am pròiseas iomlan taic mhìorbhailteach bho Lisa agus an sgioba aice aig MG ALBA.”
Thog Somhairle MacIain (preseantair), Jonny Ashworth (Stiùiriche) agus Lisa Annette (Àrd-riochdaire airson MG ALBA) an duais aig Co-labhairt roinneil CIRCOM ann an Tampere air 21mh Cèitean 2026.
Chithear an t-sreath gu lèir air YouTube BBC ALBA.
