Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Dràma Cloinne BBC ALBA a’ buannachadh Duais RTS na h-Alba

15 Ògmhios 2026

Dealbh – Peter Sandground

Bhuannaich Billy Bùrach, an dràma cloinne Gàidhlig, an duais ann an roinn na Cloinne aig Duaisean RTS na h-Alba air an 12mh den Ògmhios aig Fruitmarket Glaschu. Air a riochdachadh le The 90, chaidh am film a stiùireadh le Iain Murchadh MacAmhlaigh, a riochdachadh le Ann Mhoireasdan agus a sgrìobhadh le Will Moireach.

Chaidh prògraman agus tàlant BBC ALBA aithneachadh thar raon farsaing de roinnean aig Duaisean Comann Rìoghail Telebhisein na h-Alba (RTS)  am-bliadhna, le ainmeachadh a’ dol thairis air prògraman aithriseach, dibhearsain, prògraman chloinne, cùisean làithreach, spòrs, tachartasan beò agus ciùird.

Air an cumail gach bliadhna, bidh Duaisean RTS Alba a’ comharrachadh sàr-mhathais ann an riochdachadh agus craoladh telebhisean air feadh Alba, ag aithneachadh nam prògraman agus an tàlant cruthachail a tha a’ cumadh gnìomhachas sgrion na dùthcha.

Am-bliadhna, fhuair riochdachaidhean BBC ALBA 11 ainmeachadh thar nan duaisean, barrachd air dùblachadh nan còig ainmeachadh a fhuaireadh ann an 2025 agus a’ sealltainn farsaingeachd agus càileachd susbaint Ghàidhlig a thathas a’ riochdachadh air feadh Alba.

Dealbh – Peter Sandground

Am measg nan riochdachaidhean a chaidh ainmeachadh bha Hebridean Baker: Nordic Islands bho Caledonia TV Productions, a fhuair dà ainmeachadh, a’ toirt aithne don dà chuid an neach-lìbhrigidh Coinneach MacLeòid ann an roinn Pearsantachd Air an Sgrion agus an dealbhadair-camara Gavin Hopkins ann an roinn Camara (Ceàird).

Am measg ainmeachaidhean san roinn chloinne bha Aidan: Balach Beag Muay Thai le Sgeul Media agus bha Eòrpa: After the Storm le BBC ALBA air geàrr-liosta ann an roinn Cùisean Làithreach.

Fhuair sreath aithriseach ainmeil Caledonia TV ProductionsPatagonia: Cuairt gu Crìoch na Cruinne, ainmeachadh ann an roinn nan Prògraman Aithriseach (Sreath), agus fhuair Dùbhlain DIY | Instructions Not Included, air a riochdachadh le Demus Productions agus Seaglass Pictures, aithne ann an roinn Cur-seachad.

Bha prìomh phrògram Oidhche Challainn BBC ALBA Cèilidh na Bliadhn’ Ùire 2025 air a’ gheàrr-liosta san roinn Tachartas Beò, agus fhuair an deasaiche Colin Monie ainmeachadh ann an Iar-riochdachaidh: Deasachadh (Ceàird) airson a chuid obrach air an t-sreath dhràma An t-Eilean, le Black Camel Pictures.

Chaidh aithne a thoirt cuideachd air Rùrachd, a fhuair ainmeachadh ann an roinn Sgòr Ciùil Tùsail. Thug an t-ainmeachadh aithne do obair an t-Ollaimh Colin Caimbeul agus Nick Turner bho Watercolour Studios airson an sgòr tùsail aca airson riochdachadh BBC ALBA.

A’ crìochnachadh an geàrr-liosta bha Adventure Show – Rèis ITERA bho Adventure Show Productions, a fhuair ainmeachadh ann an roinn Spòrs.

Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint aig MG ALBA: “Meal an naidheachd air na h-uile neach a chaidh ainmeachadh agus air The 90 airson Billy Bùrach, am film a bhuannaich ann an roinn na Cloinne. Bha sinn air leth toilichte uimhir de dh’ainmeachaidhean fhaicinn airson riochdachaidhean le taic bho MG ALBA airson BBC ALBA agus ainmeachadh eile airson Eòrpa bhon BhBC.  Bha measgachadh mòr de ghnèithean agus de cho-obrachadh iongantach air an liosta.”

Chaidh Duaisean RTS na h-Alba a chumail aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu air Dihaoine 12 Ògmhios 2026.

Chithear am prògram slàn air YouTube BBC ALBA Clann – Billy Bùrach