Chuir MG ALBA an-diugh fàilte air prìomh chom-pàirtichean, luchd-ùidh agus luchd-maoineachaidh gu seata an dràma eucoir Ghàidhlig ioma-dhuaiseach An t-Eilean, le filmeadh a’ leantainn ann an Leòdhas agus na Hearadh air an dàrna sreath.
Chunnaic riochdairean bho Ofcom, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE), Comhairle nan Eilean Siar (CnES) agus VisitScotland, a bha air làrach a’ chlàraidh ann am Brèascleit, meud agus buaidh an riochdachaidh a chaidh a mhaoineachadh le ioma-chom-pàirtiche.
Tha an dràma ceithir-phàirteach, air a riochdachadh le Black Camel Pictures, letheach slighe tro fhilmeadh seachd seachdainean anns na h-Eileanan Siar. Thathar an dùil gun toir an riochdachadh timcheall air £1 millean do eaconamaidh ionadail an eilein, le 50 criutha agus 30 cleasaiche ag obair thar iomadh làrach.
Chaidh còig cothroman trèanaidh – le taic bho Institiud Film Bhreatainn, Alba Chruthachail agus MG ALBA – a chruthachadh, thar deasachadh, fuaim, stiùireadh agus susbaint didseatach, a’ toirt taic do leasachadh sgilean air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan agus a’ leudachadh tàlant luchd-labhairt na Gàidhlig.
Chaidh a’ chiad shreath de An t-Eilean a chraoladh san Fhaoilleach 2025 air BBC ALBA, agus an uair sin air BBC Four, a’ tàladh luchd-amhairc de mu dhà mhillean. Chaidh a sgaoileadh gu h-eadar-nàiseanta agus chaidh aithneachadh mar am prògram as fheàrr ann an telebhisean roinneil Eòrpach, le Grand Prix CIRCOM agus Duais an Cur-seachad is Dràma as Fheàrr ann an 2025, ga chomharrachadh mar an riochdachadh telebhisean Gàidhlig as soirbheachaile. Tha an t-sreath ùr a’ togail air an t-soirbheachas sin, le sgioba de thàlant an dà chuid a tha a’ tilleadh agus a’ tighinn am bàrr.
Tha an dàrna sreath de An t-Eilean a’ sealltainn neart co-obrachaidh air feadh na roinne, le taic a bharrachd bho Sgrion Alba, am BBC, CnES, HIE, Black Camel Pictures agus All3Media International.
Thuirt Iain Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “Tha soirbheachas An t-Eilean a’ sealltainn ruigsinneachd agus misneachd a tha a’ sìor fhàs ann an dràma Ghàidhlig, chan ann a-mhàin mar mhaoin chultarail ach mar dhraibhear chothroman eaconamach is cruthachail airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
“Tha an riochdachadh seo a’ toirt seilbheach mhòr do choimhearsnachdan ionadail, a’ cruthachadh chothroman sgilean luachmhor agus a’ taisbeanadh Leòdhas agus na Hearadh do luchd-amhairc air feadh na RA agus gu h-eadar-nàiseanta.
“Tha soirbheachas leantainneach An t-Eilean a’ sealltainn obair com-pàirteachasan air feadh na roinne agus a’ cur cuideam air cho cudromach ’s a tha seilbheach seasmhach ann an craoladh Gàidhlig agus riochdachadh sgrion.”
Thuirt an Comhairliche Pòl Steele, Ceannard CnES: “Tha sinn toilichte gun robh e comasach dhuinn taic a thoirt don riochdachadh cudromach seo le tabhartas maoineachaidh agus tro bhith a’ cleachdadh Studio Alba, a tha fo shealbh na Comhairle, airson filmeadh thar na h-ùine. Tha An t-Eilean mu thràth air na buannachdan eaconamach, cultarail agus cliùiteach a shealltainn a dh’fhaodas riochdachadh sgrion àrd-inbhe a thoirt do na h-Eileanan Siar. Tha taic don dàrna sreath a’ freagairt gu dlùth ris an ro-innleachd eaconamach againn, a’ neartachadh ar gnìomhachasan cruthachail, agus a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi na h-eileanan fhathast air am faicinn mar ionad airson cànan, cultar agus tàlant na Gàidhlig.”
Thuirt Joanna Peteranna, Stiùiriche Obrachaidhean Sgìreil aig HIE: “Tha sinn toilichte dha-rìreabh taic a thoirt do riochdachadh An t-Eilean, a tha a’ sealltainn luach eaconamach agus cultarail susbaint sgrion Gàidhlig don roinn. Thathar an dùil gun cruthaich an riochdachadh gnìomhachd eaconamach ionadail cudromach, agus aig an aon àm a’ toirt taic do dh’obraichean, gnìomhachasan agus seirbheisean ionadail. A cheart cho cudromach, tha e a’ cuideachadh le bhith a’ togail comas fad-ùine ann an roinn sgrion na Gàidhlig tro thrèanadh agus leasachadh sgilean, a’ dèanamh cinnteach gum faod daoine tàlantach dreuchdan cruthachail a thogail ann agus bho na coimhearsnachdan eileanach againn.”
dealbhan © John Maher