Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Buannaichean FilmG 18

23 Ògmhios 2026

Peter Sandground

Chaidh buannaichean FilmG 18 ainmeachadh air oidhche Dhiardaoin (11 Ògmhios 2026) aig cuirm dhuaisean aig an SEC ann an Glaschu, air a lìbhrigeadh le Siobhan Shutharlanach bho BBC ALBA.

Chomharraich an tachartas luchd-dèanamh fhilmichean thar nan trì farpaisean, -12, -18 agus 18+, le duaisean air an toirt seachad thar roinnean a’ gabhail a-steach dràma, comadaidh, filmichean fìrinneach, dùthchais, cruthachalachd, ealain, agus Duaisean Roghainn FilmG.

Chaidh 157 film a chur a-steach do FilmG am-bliadhna, le 38 film airson 18+, 60 airson -18 agus 59 san fharpais ùr airson -12.

Chaidh an duais airson am Film as Fheàrr ann am farpais 18+ a thoirt do Ceartas le Amber Blake, agus choisinn i cuideachd dà dhuais eile, son roinn fìreannach agus duais airson filmeadair as fheàrr, ged a ’s e a’ chiad turas riamh a chuir i film a-steach gu FilmG.

Holly Pearson

A-measg buannaichean eile 18+ bha Slàinte! le Choirstaidh NicArtair, airson Dràma; A Bheil an Cù ag Èisteachd? le Charlotte Rose McNeish, airson comadaidh; Piuthar Sgàthain le Lucy Keegan, buannaiche an duais ealain ùr; Ainmean-àite Caillte Àrnasdail le Cailean Robasdan, a bhuannaich airson Dùthchais; agus Faire agus Fuine, le Ró Ó hEadhra a’ buannachadh cluiche as fheàrr. Chaidh Duais Roghainn FilmG 18+ gu Nach Buidhe Dhut, am bhideo ciùil hip hop viral Gàidhlig, a chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson FilmG le Limonead.

Anns a’ cho-fharpais -18, bhuannaich Ophelia le Rachel Rose Munro duais Dràma, agus choisinn Ceathrad Bliadhna – Gun Ghearan (Cha Mhòr) le Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis duais Comadaidh. Bhuannaich Ar Cànan ’s Ar Ceòl le Willow NicFhearghais an duais Fìrinneach, agus choisinn Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd le Àrd-sgoil a’ Phluic agus Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd an duais airson Dùthchais. Bhuannaich Aig Muir le Uilleam MacDhòmhnaill an duais Cruthachalachd, choisinn Isbeanan Gu Leòr bho Àrd-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil an duais airson Cluiche, agus chaidh Duais Roghainn FilmG -18 gu Cha do Shèid Gaoth Riamh le Sgoil MhicNeacail.

Anns a’ cho-fharpais ùr -12, bhuannaich Na Traoidhtearan Ainmeil le Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Challtainn airson Dràma, choisinn Salmaidh bho Sgoil nan Loch an duais airson Dùthchais agus thog Mairi Mhòr nan Òran – Bana-ghaisgeach Ghàidhealach le Bun-sgoil Dhùn Bheagain dà dhuais, airson Comadaidh agus Duais Roghainn FilmG -12.

Thuirt Murchadh MacSuain, Stiùiriche Pròiseict FilmG: “B’ e comharrachadh sgoinneil a bh’ann de dh’fhilmichean Gàidhlig agus an tàlant a tha a’ tighinn tro FilmG aig gach ìre. Tha buannaichean na bliadhna seo a’ sealltainn cho cudromach sa tha FilmG. Chunnaic sinn bun-sgoiltean, sgoilearan àrd-sgoile, guthan coimhearsnachd, luchd-dèanamh fhilmichean ùra agus luchd-cruthachaidh nas eòlaiche uile a’ cleachdadh na Gàidhlig gus sgeulachdan innse nan dòigh fhèin. Bha an ìre anns a’ cho-fharpais 18+ gu sònraichte làidir, agus tha soirbheachas Amber Blake le Ceartas na eisimpleir air leth math den t-seòrsa dèanamh fhilmichean dàna, smaoineachail as urrainn dha FilmG a chuideachadh a thoirt air adhart.

“Bha e math cuideachd a bhith faicinn a’ cho-fharpais ùr -12 ag obair cho math sa chiad bhliadhna aice. Tha e a’ toirt àite soilleir do bhun-sgoiltean taobh a-staigh FilmG, agus aig an aon àm a’ leigeil leis a’ cho-fharpais -18 fòcas nas dlùithe a chur air luchd-dèanamh fhilmichean aois àrd-sgoile. Thar nan trì farpaisean, tha tòrr ri bhrosnachadh.”

Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint aig MG ALBA: “Tha FilmG fhathast a’ cluich pàirt chudromach ann a bhith a’ toirt taic do ghuthan Gàidhlig agus a’ leasachadh tàlant cruthachail airson an ama ri teachd. Tha na filmichean a chaidh a chomharrachadh aig na duaisean a’ taisbeanadh neart, mac-meanmna agus farsaingeachd sgeulachdan Gàidhlig an-diugh. Bho dhaoine òga a’ dèanamh a’ chiad fhilmichean aca gu luchd-dèanamh fhilmichean ùra a’ cruthachadh obair ùr àrd-amasach, tha FilmG a’ toirt àrd-ùrlar do dhaoine airson cruthachadh sa Ghàidhlig agus na sgeulachdan aca a cho-roinn le luchd-èisteachd air feadh Alba agus nas fhaide air falbh. Tha MG ALBA pròiseil taic a thoirt do FilmG agus tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air buannaichean, tagraichean agus luchd-inntrigidh na bliadhna seo.”

Liosta slàn de bhuannaichean FilmG 18

Farpais -12

Dràma
Na Traoidhtearan Ainmeil – Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Challtainn
Comadaidh
Mairi Mhòr nan Òran – Bana-ghaisgeach Ghàidhealach – Bun-sgoil Dhùn Bheagain
Dùthchais
Salmaidh – Sgoil nan Loch
Duais Roghainn FilmG
Mairi Mhòr nan Òran – Bana-ghaisgeach Ghàidhealach – Bun-sgoil Dhùn Bheagain

Farpais -18

Dràma
Ophelia – Rachel Rose Munro
Comadaidh
Ceathrad Bliadhna – Gun Ghearan (Cha Mhòr) – Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
Fìrinneach
Ar Cànan ’s Ar Ceòl – Willow NicFhearghais
Dùthchais
Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd – Àrd-sgoil a’ Phluic agus Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd
Cruthachalachd
Aig Muir – Uilleam MacDhòmhnaill
Cluiche
Isbeanan Gu Leòr – Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil
Duais Roghainn FilmG
Cha do Shèid Gaoth Riamh – Àrd-sgoil MhicNeacail

Farpais 18+

Dràma
Slàinte! – Choirstaidh NicArtair
Comadaidh
A Bheil an Cù ag Èisteachd? – Charlotte Rose McNeish
Fìrinneach
Ceartas – Amber Blake
Ealain
Piuthar Sgàthain – Lucy Keegan
Dùthchais
Ainmean-àite Caillte Àrnasdail – Cailean Robasdan
Cluiche
Faire agus Fuine – Ró Ó hEadhra
Filmeadair
Ceartas – Amber Blake
Film as Fheàrr
Ceartas – Amber Blake
Duais Roghainn FilmG
Nach Buidhe Dhut – Limonead

Chithear na filmichean uile air iPlayer a’ BhBC